‘s e companaidh tÈatar ÙR, co-aimisreil a th’ ann an theatre gu leÒR, a’ leasachadh sgrìobhadh agus dràma sa Ghàidhlig aig àrd ìre

Tha sinn ag obair gus dràma leis na luachan-riochdachaidh as àirde a chruthachadh, anns a’ Ghàidhlig.  Tro bhith a’ cleachdadh nan ioma-mheadhanan agus teicneòlasan didseatach tha sinn a’ toirt tèatar Gàidhlig gu luchd-èisteachd mòr agus farsaing air feadh Alba.  Tha ionnsachadh cruthachail agus leasachadh sgilean gu tur aig crìdhe Theatre Gu Leòr agus tha sinn gu math làidir mu dheidhinn a bhith a’ coimiseanadh agus a’ foillseachadh dràma Gàidhlig ùr.

Ann a 2022, chaidh Theatre Gu Leòr ainmeachadh airson Best Radio Drama aig na Celtic Media Awards airson sreath dràma ùr Rudeigin Ri Ràdh / Something to Say ann an com-pàirteachas le BBC Radio nan Gàidheal. Ann an 2021, bhuannaich Theatre Gu Leòr an Duais Ealain is Chultarach, le taic bho Alba Chruthachail, aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba airson an aon sreath. Ann an 2018, chaidh Theatre Gu Leòr ainmeachadh son Duais Ealain is Chultarach aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba airson Cèilidh. Bhuannaich sinn an duais ann an 2016 airson Shrapnel.


NAIDHEACHD AS ÙIRE

Tha Theatre Gu Leòr a’ sireadh buill ùra don bhòrd stiùiridh againn. Ma tha ùidh agad sa chompanaidh agus san obair againn, bu mhath leinn cluinntinn bhuat.


luchd-obrach:

SEONA NICGILLFHIONNDAIG – Stiùiriche Ealain (làn-ùine)

RHONA NICDHÙGHAILL – Co-òrdanaiche na Companaidhe (pàirt-ùine)

TANYA NICDHÒMHNAILL - Stiùiriche Strabang!: Tèatar Òigridh Nàiseanta na h-Alba (pàirt-ùine)

CLAIRE FRANCES NICNÌLL - Neach-taic Riochdachaidh (pàirt-ùine)

Leugh tuilleadh mun luchd-obrach againn an seo


AM BÒRD AGAINN:  

MICHELLE NICLEÒID - Cathraiche

MICHAEL JOHN O'NEILL – Ionmhasair

MAIRI TAYLOR

ROSEMARY WARD

CATHERINE TINNEY

Leugh tuilleadh mun bhòrd stiùiridh againn an seo


Aithisg air Obair Chothromach

Tha Theatre Gu Leòr air cur romhainn cumail ri poileasaidh Fair Work First bho Riaghaltas na h-Alba, leis a bheil Alba Chruthachail air aontachadh cuideachd.

Tèarainteachd

Tha sinn air teastanas Living Wage Employer a choisinn, agus cleachdaidh sinn cùmhnantan freelance bho Equity agus bho Scottish Society of Playwrights, gus dèanamh cinnteach gu bheil an luchd-obrach againn a’ faighinn pàigheadh cothromach. 

Guth Èifeachdach aig Luchd-obrach 

Thèid coinneamhan cunbhalach a chumail eadar luchd-obrach agus manaidsearan gus ceistean no draghan a thogail agus molaidhean a chur air adhart. Thèid cuiridhean a thoirt do dh’aonaidhean-ciùird leithid Equity agus Cairn gus coinneamhan a chumail leis an luchd-obrach freelance air na pròiseactan againn gus fios a thoirt dhaibh mu na buannachdan a tha an lùib ballrachd.

Cothroman

Thèid sanasan obrach a sgaoileadh fad is farsaing nuair a bhios dreuchdan bàna againn aig a’ chompanaidh, agus tha pròiseas fhastaidh fosgailte, sùibailteach agus cothromach againn. Gach bliadhna bidh cothroman greisean obrach gan tabhainn do dhaoine a tha airson tighinn a-steach do dh’obair thèatair gus slighe a chruthachadh do dhaoine òga is ùra don roinn. Bidh sinn cuideachd a’ leanntainn stiùireadh Equity a thaobh casting.

Spèis

Nì sinn gach oidhirp gus àrainneachd obrach fhallainn a chruthachadh don sgioba againn. Tha na dreuchdan againn sùbailte a thaobh uairean agus àitichean-obrach agus tha poileasaidh làidir againn air Modhan Cùisean-gearain is Smachdachadh a thèid am broin gach cùmhnant obrach againn.