Taic Thiogaidean
Tha e cudromach do neach-ealain sam bith a bhith a’ faicinn fairsaingeachd de dh’obair eile a bheir dhaibh seallaidhean ùra mun obair aca fhèin, neo a dh’fhosglas dòigh smaoineachaidh ùr dhaibh. Tha maoin a-nis againn do luchd-ealain tèatar Gàidhlig gus dol a dh’fhaicinn diofar thaisbeanaidhean a bhios cuideachail dhaibh airson an cuid obair a leasachadh. Cuidichidh a mhaoin le cosgaisean tiogaidean, siubhal agus feumalachdan eile.
Taic sgilean Gàidhlig
Tha a’ mhaoin seo fosgailte ri duine sam bith a tha ag obair san roinn tèatar ann an Alba a tha airson an cuid sgilean Gàidhlig a leasachadh tro cùrsaichean neo leasanan.
Buidheann Sgrìobhaidh
Gach mìos, bidh buidheann de sgrìobhadairean taiceil a tighinn còmhla airson obair air na pròiseactan aca ann an àrainneachd laghach, agus còmhradh mu dheidhinn an sgrìobhadh aca. Bho àm gu àm bidh buth-obrach ann air a ruith le eòlaiche, gus sgilean neo seallaidhean ùr a leasachadh.
Bidh a’ bhuidheann a’ coinneachadh aig An Lòchran, Glaschu, 6:30-8f air na cinn-latha a leanas:
Diardaoin 20mh Gearran
Diardaoin 27mh Màirt
Diardaoin 24mh Giblein
Diardaoin 29mh Cèitean
Diardaoin 26mh Ògmhios
Fàilte ron a h-uile duine. Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuir brath gu seona@theatreguleor.com.
Sgeama Leasachaidh Stiùirichean
Thèid taic a chuir ri dithis stiùiriche aig ìre thràth gus ceum air adhart a thoirt san obair aca, ag ionnsachadh bho stiùirichean sàr-eòlach thar iomadh riochdachadh de gach seòrsa. Bidh barrachd fiosrachadh a’ tighinn agus iarrtasan a’ fosgladh sa Mhàirt 2025.