Tha LAS ann gus luchd-ealain Gàidhlig a chuideachadh le bhith a’ gabhail ceum air adhart le pròiseact tèatair ùr. Le taic bho sgioba Theatre Gu Leòr agus buidseat airson cosgaisean, tha cothrom aig luchd-ealain ùine a chuir seachad a leasachadh beachd airson pìos tèatair ùr.

Luchd-ealain LAS 2025

Daibhidh Walker

Tha Daibhidh Walker, à Ormacleit, Uibhist a Deas, is stèidhichte ann an Glaschu, air a bhith an sàs ann an dràma airson còrr is fichead bliadhna. Tha a chuid eòlais a' ruith tro telebhisean, rèidio, film, agus teagasg, ach gu h-àraidh mar chleasaiche, bho PC Alasdair Stuibhart gun chomas gu Macbeth a tha àrd-amasach. A-nis, tha e a' gabhail ceum ùr air rathad a chruthachalachd gus obair air beachd airson dealbh-chluich àrd-ùrlair.

 

Robbie MacLeòid

Tha Robbie MacLeòid na bhàrd agus sgrìobhaiche, foillsichte ann an iomadach àite agus gu h-eadar-nàiseanta. Rinn e PhD ann an litreachas meadhan-aoiseil na Gàidhlig, agus tha e ag obair mar oifigear Gàidhlig. [Dealbh le Kesiak agus Ceòl is Craic.]

 

Aonghas MacLeòid

Rugadh is thogadh Aonghas MacLeòid ann an Inbhir Nis is tha e a-nis a' fuireach ann an Glaschu. Rinn e ceum PhD ann an litreachas na Gàidhlig an 20mh linn is tha e ag obair mar rannsaiche airson Buill-Phàrlamaid.