THA IARRTASAN AIR SON STRABANG 2024/2025 A-NIS fosgailte.

bruth an seo.



Mu dheidhinn Strabang!

Eadar an t-Sultain agus a’ Mhàirt, cruinnichidh Strabang! air feadh Alba ann an àitichean a’ leithid Tron Theatre, Eden Court agus An Lanntair.

Le eòlaichean sònraichte a’ tadhal oirnn agus sinn a’ cur dealbh-chluich air dòigh, ‘s e cothrom air leth a tha seo do chuid sgilean dràma a leasachadh agus coinneachadh ri proifeasantaich agus caraidean ùra bho air feadh na dùthcha. 

Tha sin air son ‘s gum bi an cothrom seo as ruigsinneach agus leis a sin, tha cosgaisean siubhail is fuirich pàighte le Theatre Gu Leòr.

Bha e sgoinneil caraidean ùr a dhèanamh agus an cothrom fhaighinn a bhith a bruidhinn Gaidhlig leotha.
— Com-Pàirtiche 2023-2024
Caraidean, rehearsals, gossip anns a ghàidhlig , a bruidhinn gàidhlig ann an dòigh spòrsail.
— Com-Pàirtiche 2023-2024

STRABANG 2023-2024

RIONNAGAN STRABANG

Abair taisbeanadh de ‘Abair Dràma’ a bh’ aig muinntir Strabang aig Eden Court Theatre and Cinema - le glè bheag de ùine son ruith thairis, cha do chur sin dragh orra idir. Tha gach duin’ aca làn thàlant, is cridhe agus spionnadh, tha tèatar na Gàidhlig gu bhith ann an suidheachadh fìor mhath leis an fheadhainn seo aig an stiùir.

Bu mhath leinne aig Theatre Gu Leòr taing a thoirt do ’n fheadhainn a thug taic dhuinn gus Strabang a chur air dòigh am bliadhna-sa, Bòrd na Gàidhlig Creative Scotland Eden Court Theatre and Cinema Tron Theatre An Lanntair

Cuideachd gu Tanya, Bekah agus Claire Frances a bha air feadh na dùthcha còmhla ri an squad seo, gu @RachelKateMac air son am postair againn, agus Lisa Marie Annette a rinn zoom iòga dhuinn!

Ach, na daoine as cudromaiche gun teagamh sam bith, ’s iad na com-pàirtichean, taing air son ur n-obair chruaidh, ur beachdan, ur tàlant agus ur StraBanter! Tha mi cho moiteil asaibh uile!

INBHIR NIS

Leum an sgioba air an Àrd-ùrlar aig Eden Court agus nach iad a bha miorbhaileach. Abair dòigh a shealltainn cho cruaidh ‘s a bha iad uile ag obair. B’ fheudar dhuinn tìoraidh-o a ràdh ri chèile, ach bha an ùine a chosg iad còmhla anabarrach math.

GLASCHU

Deireadh-seachdainn air leth ann an Glaschú, ag obair gu cruaidh air an sgriobt ùr aca - Abair Drama. Dh’ ith sinn an uiread de bhiadh Eadailtich air feadh a bhaile. Deiseil a-nis air son an deireadh seachdainn mu dheireadh againn ann an Inbhir Nis!

INBHIR NIS

Thòisich Strabang na bliadhna ann an Inbhir Nis aig Eden Court. Bha e cho math a bhith air ais an seo ach buidheann ùr an trup seo. Bha deireadh-sheachain air leth againn, caraidean ùr, geamaichean ùr agus rud beag theatre dahling!

STEÒRNABHAGH

Bha muinntir Strabang a’ coimhead ruideigin liath fhad ‘s a bha sinn a’ dol tarsainn gu Leòdhas, ach rinn sinn a chùis. Abair gun do dh’ obraich iad gu cruaidh aig An Lanntair, thòisich iad a bhith ag ionnsachadh na loidhnichean aca, agus dhith sinn pizza, cò shaoileadh!

BHIDEO STRABANG 22-23

STRABANG 2022-2023

INBHIR NIS

Chur sinn seachad a’ chiad deireadh seachain againn aig Eden Court ann an Inbhir Nis. As deidh dhan a h-uile duine a’ siubhal air busaichean, bataichean is treanaichean chosg sinn ùine a’ cur eòlas air càch a chèile, a’ cruthachadh caractaran, a’ tighinn suas le seallaidhean beaga, bowling agus ag ithe pizza - tòrr pizza.

GLASCHU

An uairsin bha sinn ann an Glaschu sig Tron Theatre. Bha Playwrights’ Studio Scotland cho fiallaidh ‘s iad a’ toirt an cothrom dhuinn buth-obrach a dhèanamh le an sgrìobhadair air leth, Frances Poet. Agus dh’ ith sinn barrachd pizza.

ZOOM

Anns An Dùbhlachd agus Am Faoilleach, rinn sinn bùitean-obrach thairis air Zoom. Dh’ionnsaich a sgioba mu stiùireadh, dramaturgy, dealbhadh set agus aodaich, agus manaidseadh stèidse bho proifeiseantaich Muireann Kelly, Màiri Mhoireasdan, Becky Minto agus Katharina Siebert.

STEÒRNABHAGH

‘S a Ghearran, bha sinn anns An Lanntair ann a Steòrnabhagh a dol thairis air na sgrìobh sinn is a dèanamh deiseal ‘son a taisbeanadh againn ‘s a Mhàirt.


Well, sin agaibh e!

Disathairne, chur muinntir Strabang taisbeanadh cruthachail, inntinneach agus èibhinn ri chèile aig Tron Theatre ann an Glaschu air beulaibh na caraidean againn. Ghabh sinn dinneir còmhla son an trup mu dheireadh agus shiubhal sinn uile dhachaigh. Abair gun robh an ùine a bh’ againn còmhla sònraichte!

Bu mhath leam taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail air son an cuid taic; do Tron Theatre agus Eden Court air son a bhith cho fialaidh, ’s iad a’ toirt dhuinn àitichean far an urrainnear bùitean-obrach, agus taisbeanadh a chur air dòigh; do Playwrights’ Studio Scotland air son bùth-obrach sgrìobhadh sònraichte a chur air dòigh dhuinn.

Mìle taing cuideachd, do Mhàiri NicIlleMhoire, Frances Poet, Muireann Kelly, Katty Siebert agus Becky Minto air son na bùitean-obrach air leth aca, agus a bhith cho còrr is cuideachail do'n sgioba, is a’ sealltainn dhuinn gu bheil iomadh slìghe ann an Saoghal Tèatar.

Fhuair mi an t-uabhas chomhairle bho Jennifer Bates fhad ’s a bha mi a’ cur air dòigh na bùitean-obrach agus structar am pròiseact agus tha mi fada na comainn. Tro an obair chruaidh seo, bha sgioba Theatre Gu Leòr, Muireann Kelly, agus Rhona NicDhughaill ri mo thaobh fad an t-siubhal, gam chuideachadh le a h-uile rud, gu h-àraidh Josie Chaimbeul a bha cuideachd an lathair aig gach deireadh-seachdainn a’ dèanamh cinnteach gun robh a h-uile rud is a h-uile duine ann an òrdugh! Mo thaing do Iain Beggs air son a bhith còmhla rinn, ’s e a’ dùsgadh trath agus a’ draibheadh air feadh na duthcha agus fhathast, bha e a’ leum mun cuairt na bùitean-obrach a’ toirt gàire oirnn uile.

Agus mu dheireadh thall, taing do na chom-pàirtichean againn am bliadhna. Bha e dìreach sgoinneil a bhith a’ cosg ùine còmhla ribh. Bha sibh làidir, dàna agus onarach anns an obair a rinn sibh, agus tha mi uabhasach fhèin taingeil son sin. A bharrachd air ur n-obair, bha sibh laghach, èibhinn, gòrach, coibhneil agus bragail (anns an dòigh as fheàrr). Mo thaing dhuibh uile.

Cum sùil a-mach son a taisbeanadh againn air 25mh de’n Mhàirt 2023

Ma tha siubh feumach air barrachd fiosrachaidh no ma tha ceistean sam bith a bharrachd agaibh, cuir post-d dha lana@theatreguleor.com

Le taic bho Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.


Goireasan do dhaoine a tha ag ullachadh bùitean-obrach

Tha sinn air goireasan a’ cruthachadh airson cuideachadh a thoirt dha daoine a tha an dùil bùitean-obrach dràma a lìbhrigeadh le daoine-òga anns a Ghàidhlig.