Author: admin

  • Freelance pool

    Gairm airson Freelancers

    Tha Theatre Gu Leòr ri trusadh!

    Tha sinn a’ leudachadh a’ bhuidheann de dhaoine “freelance” a bhios ag obair còmhla rinn air diofar pròiseactan.

    Tha sinn gu mòr airson cluinntinn bho dhaoine ag obair sna dreuchdan a leanas:

    • Riochdaire
    • Rianaire
    • Manaidsear Phròiseactan
    • Manaidsear Stèidse
    • Neach-teicnigeach
    • Manaidsear Riochdachaidh
    • Dealbhaiche (fuaim/seata/aodaich/solais)
    • Deasaiche (fuaime/bhideo)
    • Dealbhadair camara
    • Oifigear Margaidheachd

    Tha sinn a’ cur prìomhachas air sgilean Gàidhlig, ach tha sinn cuideachd airson cluinntinn bho dhaoine a tha ga h-ionnsachadh.

    Nach cuir sibh C.V. no ceistean sam bith a th’ agaibh gu info@theatreguleor.com. info@theatreguleor.com.

  • LAS & Lasag

    LAS & Lasag

    Tha LAS ann gus luchd-ealain Gàidhlig a chuideachadh le bhith a’ gabhail ceum air adhart le pròiseact tèatair ùr. Le taic bhon sgioba againn, agus buidseat airson cosgaisean, tha luchd-ealain a cuir seachad ùine a leasachadh beachd airson pìos tèatair ùr. Tha an sgeama fosgailte ri diofar cruthan agus stoidhlichean de phròiseact - bho sgriobt ùr, obair chloinne, ceòl airson tèatar, dannsa is eile - cho fad ‘s a tha e ag amas air luchd-amhairc beò aig a cheann-thall.

    Ann an 2025 chuir sinn Lasag ris an sgeama leasachaidh seo, airson beachdan aig ìre nas tràithe, ‘s dòcha nach eil buileach deiseil airson Las. Tha e a’ toirt dhaibh meanbh-bhuidseat airson beagan rannsachadh neo beachdachadh a dhèanamh gus am beachd a thoirt air adhart.

    Tha e cudromach gum bidh luchd-ealain a’ faighinn an cothrom a bhith feuchainn rudan ùra, a’ cluich le beachdan agus ag obrachadh a-mach dè dh’fhaodadh tachairt leotha. Dh’fhaodadh gum faic thu na pròiseactan seo air àrd-ùrlar aon latha.

    IARRTASAN FOSGAILTE

    Ceann-latha airson iarrtasan: 10m, Diardaoin 15mh Faoilleach 2026

    Luchd-ealain

    An dràsta tha an sgeama Las a’ cuir taic ri:

    David Walker – The Sound of Iron
    Rannsachadh agus sgrìobhadh mu dheidhinn sgeulachd fìor Mhàiri, a thainig a dh’obair ann an Glaschu a’ draibheadh crànaichean tron Dara Chogadh.

    Robbie MacLeod – Hinba
    An ath cheum leasachaidh gus ath-sgrìobhadh a dhèanamh air dealbh-cluich mu dheidhinn eilean a tha air nochdadh am measg Innse Gall ri lìnn atharrachadh na gnath-shìde.

    Angus MacLeod – Annag Christie
    A new version of Eugene O’Neill’s play, moving the drama from the Ame

    Tro sgeama Lasag tha sinn a’ cuir taic ri:

    Catriona Mhoireach
    Rannsachadh airson dealbh-cluich ùr mu dheidhinn Gàidheil New York sna 1920an.

    Rhiannon Ledwell
    Leasachadh air taisbeanadh a tha a’ fuaigheil ri chèile ceòl Gàidhlig, sgeulachdan agus òrain as na h-Innseachan.

    Martin O’Connor & Chloe Shimmin
    Deasachadh airson bùithean-obrach le cloinn aois bun-sgoil ann an Glaschu agus Eilean Mhanainn, gus ceangalaichean a thogail eadar an dà choimhearsnachd.

    Tha na luchd-ealain agus na pròiseactan seo air taic fhaighinn bho sgeama Las roimhe:

    Calum MacLeòid
    A new theatre piece based on the story of the Megantic Outlaw, but told through the eyes of a female bounty hunter.

    Déirdre Ní Mhathúna – Tairm fo Sgàil
    A’ cluich le dràma, fuaim, bàrdachd agus bhideo gus guthan nam ban-tuiridh Gàidhealach a bheothachadh do luchd-amhairc an latha an diugh.

    DS Murray
    Leudachadh a dhèanamh air dealbh-cluich mu dheidhinn beatha agus bàs Dòmhnall MacFhionghainn, a bha na sgiobair air an clipper ‘Taeping’.

    Martin MacIntyre – Bampot Joe
    Dràma ùr mu Joe, an dà chànan a th’aige agus mar a tha e a tighinn beò ann an dòighean eadar-dhealaichte anns gach cànan.

    Kat Siebert
    Tòiseachadh air dealbh-cluich stèidhichte san àm ri teachd, is Gàidhlig na prìomh cànan na h-Alba. Bheir an sgeulachd sùil air ceistean mu dheidhinn an-imrich agus fèin-aithne.

  • CeAngal Cwlwm

    CeAngal Cwlwm

    ’S e lìorna a th’ ann an Ceangal Cwlwm, ’s e a’ toirt còmhla daoine a tha an sàs ann a bhith a’ cruthachadh thèatair anns a’ Ghàidhlig, sa Ghaeilge agus sa Chuimris.

  • Strabang!

    Strabang!

    MU DHEIDHINN STRABANG!

    ’S e Tèatar Òigridh Nàiseanta na Gàidhlig a th’ ann an Strabang! – cothrom brosnachail do dh’òigridh bho air feadh na dùthcha pàirt a ghabhail ann am buidheann dràma tro shreath de bhùithtean-obrach dràma Gàidhlig ann an taighean-cluiche air feadh Alba.

    Eadar an t-Sultain agus am Màrt, thig na com-pàirtichean còmhla gus dràma ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig, tadhal air diofar sgìrean agus dealbh-chluich a chruthachadh is a chur air an àrd-ùrlar.

    “Caraidean ùra, a’ leasachadh mo Ghàidhlig, a’ siubhal mun cuairt Alba, tha e uile dìreach sgoinneal!”

    Com-Pàirtiche 2023-2024

    DÈ AS ÙR AM BLIADHNA?

    Tha Strabang a' fàs!

    Airson a’ chiad uair, bidh buidheann sònraichte air an ruith sna h-Eileanan an Iar, AN t-Eilean Sgiathanach agus air Tìr Mòr, le bùithtean-obrach a’ dol air adhart anns gach sgìre mus tig iad còmhla airson deireadh sheachdain san Ghearran agus taisbeanadh sa Mhàrt.

    “Caraidean, rehearsals, gossip anns a ghàidhlig , a bruidhinn gàidhlig ann an dòigh spòrsail.”

    Com-Pàirtiche 2023-2024

    CÒ AS URRAINN PÀIRT A GHABHAIL?

    Tha tagraidhean fosgailte do sgoilearan S1–S4 ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig no aig a bheil fileantas sa Ghàidhlig.

    idh 16 sgoilear gan taghadh – 8 às gach sgìre – airson pàirt a ghabhail san phrògram.

    DÈ THA AN SÀS?

    Tha am prògram a’ ruith thar 6 mìosan, agus bheir e cothroman do luchd-pàirteachaidh:

    • Dràma ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig
    • Misneachd is sgilean conaltraidh a thogail
    • Pàirt a ghabhail ann an ceithir seiseanan-còmhnaidh – a’ siubhal, a’ fuireach air falbh, agus ag obair gu dlùth le buill eile
    • Seiseanan air loidhne agus maighstirean-obrach le eòlaichean dràma
    • Obair a dh’ionnsaigh taisbeanadh beò ann an taigh-cluiche proifeiseanta

    CARSON A BU CHÒIR DHUTSA PÀIRT A GHABHAIL ANN AN STRABANG?

    Tha seo na chothrom sònraichte do sgoilearan òga àrd-sgoile a bhith an sàs ann an dràma Gàidhlig – ge bith càite a bheil iad a’ fuireach – agus sgilean ann an iomadach obair theatre a’ leudachadh.

    Bidh com-pàirtichean:

    • A’ coinneachadh ri daoine ùra is a’ togail chàirdeasan fad-beatha
    • Ag obair còmhla gu cruthachail tro Ghàidhlig
    • A’ leasachadh air ceangal eadar cànan is cothroman ann an saoghal na h-ealain

    Mar phàirt den phrògram, thèid a’ bhuidheann gu lèir gu Cille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach airson deireadh-sheachdain, a’ fuireach aig Whitewave agus a’ dèanamh atharrachaidhean aig Talla Coimhearsnachd Chille Mhoire.

    Tha gach bliadhna gun samhail, le susbaint a tha freagarrach do na com-pàirtichean fhèin agus na rudan anns a bheil iad dìoghrasach.

    COSGAISEAN AGUS TAIC

    Thèid cosgaisean siubhail, àite-fuirich is bìdh uile a phàigheadh le Theatre Gu Leòr, le taic mhaoineachaidh Bòrd na Gàidhlig.

    Image credits: Ruairidh Galbraith, Etive Photography

  • TAIGH TŶ TEACH

    TAIGH TŶ TEACH

    Le Màiri Nic ’Ille Mhoire, Eva O’ Connor agus Mared Llywelyn Williams

    Air a thaisbeanadh le Theatre Gu Leòr, Fishamble agus Theatr Bara Caws

    ‘Taigh’ ann an Gàidhlig, ‘Tŷ’ ann an Cuimris agus ‘Teach’ ann an Gaeilge. An aon chiall ann an trì cànain. Aig cridhe ar saoghal, ’s e àite a th’ ann airson teaghlach, cruinneachadh is ceòl. Àite airson cuimhneachadh is airson comharrachadh.

    Cleasaichean & Sgioba Cruthachail

    Honi Cooke
    Martha Dunlea
    Richard Elfyn
    Siôn Emyr
    Mirain Fflur
    Màiri Morrison
    Eoin Ó Dubhghaill
    Sam James Smith
    Elspeth Turner

    Stiùiriche – Muireann Kelly
    Writers – Màiri Morrison, Eva O’Connor & Mared Llywelyn Williams
    Dramaturg – Pamela McQueen
    Set & Costume Design – Becky Minto
    Lighting & AV Designer – Ceri James
    Musical Director – Hilary Brooks
    Sound Designer – Berwyn Morris-Jones
    Associate Director – Betsan Lloyd
    Associate Set & Costume Designer – Fraser Lappine

    Air Cuairt

    30/01/24 – 01/02/24 Grinneabhat, Leòdhas
    09-10/02/24 & 12-14/02/24 Ionad na Dromoda, Ciarraighe, Èirinn
    21-24/02/24 Nant Gwrtheyrn, Llŷn, Cuimrigh

    Le taic bho

    Alba Chruthachail
    Bòrd na Gàidhlig
    Arts Council Ireland
    Culture Ireland
    Siamsa Tíre
    Foras na Gaeilge
    British Irish Chamber of Commerce
    British Council Ireland
    Scottish Government in Ireland
    Welsh Government in Ireland
    Arts Council of Wales
    Gwynedd Council Shared Prosperity Fund

    Chaidh a leasachadh an toiseach le taic bho Theatr Genedlaethol Cymru.
    Le taing mhòr dhan sgioba aig Grinneabhat.

  • Stornoway Quebec

    Stornoway Quebec

    Le Calum L. MacLeòid

    Quebec, 1888. Tha còignear air an glacadh le stoirm-sneachda ann an taigh-òsta iomallach. Nam measg tha am Fògarrach Mhegantic. Agus cuideachd tè a tha air a thòir.

    ★★★★★
    A fierce piece of work that riots its way through the western genre

    Theatre Scotland

    ★★★★

    The Herald

    ★★★★
    A tremendously vivid and robust show ”

    The Scotsman

    ★★★★
    “ Splendid production, Theatre Gu Leòr may have created a new genre ”

    All Edinburgh Theatre Review

    ★★★★
    “ A rousing evening – Theatre Gu Leòr captures the desire for authentic Scottish writing ”

    The Wee Review

    Cleasaichean & Sgioba Cruthachail

    Màiri NicNèill – Elspeth Nic an Tuirnear
    Uilleamina Bouchard nee Mhoireasdan – MJ Deans
    Jean Baptiste Bouchard – Sam James Smith
    Major Malcolm MacAuley – Daibhidh Walker
    Dòmhnall Moireasdan – Dòl Eoin MacFhionghain

    Stiùiriche – Muireann Kelly
    Sgrìobhadair – Calum L. MacLeòid
    Neach-leasachaidh Dràma – Lynda Radley
    Dealbhadh Seata – Becky Minto
    Dealbhadh Aodaich – Becky Minto & Vicki Brown
    Iar-dhealbadh Aodaich – Vicki Brown & Morna MacLeod
    Dealbhadh Solais – Emma Jones
    Dealbhadh Fuaime – Matt Padden
    Fidheall/Beum nan Cas – Arthur Coates
    Stiùiriche Sabaid & Gluasad – EmmaClaire Brightlyn
    Neach-mìneachaidh Cànan Balbhanachd Bhreatainn – Catherine King
    Greis-Gnìomachas Dealbhadh – Catherine Tinney

    Manaidsear Riochdachaidh – Elle Taylor
    Mananaidsear Stèidse – Ali Biggs
    Iar-mhanaidsear Stèidse – Katharina Siebert
    Manaidsear Stèidse Teicnigeach – Craig McNèill
    Re-lighter – Josh Brown

    Co-òrdanaiche na companaidh – Rhona NicDhùghaill
    Neach-taic Riochdachadh – Josie Chaimbeul
    Comhairliche Margaidheachd – Jane Hamilton
    Naidheachdan/Meadhannan – Storytelling PR
    Dealbhan – Mihaela Bodlovic
    Prìomh Dealbh – Laurence Winram

    Le taic bho

    Bòrd na Gàidhlig
    Alba Chruthachail
    Air a leasachadh an toiseach tro Duais Sgrìobhadh na Gàidhlig bho Playwrights’ Studio, Scotland, ann an com-pàirteachas le Comhairle nan Leabhraichean

    Air Cuairt

    30/03/23 – 01/04/23 – An Lanntair, Steòrnabhagh (Eadar-theangachadh BSL 30/03) 
    04/04/23 – Mull Theatre, Tobar Mhoire 
    06/04/23 – Lemon Tree, Obar Dheathainn
    08/04/23 – Traverse Theatre, Dùn Èideann (Eadar-theangachadh BSL) 
    11/04/23 – Eden Court, Inbhir Nis
    13/04/23 – 15/04/23 – Tron Theatre, Glaschu (Eadar-theangachadh BSL 14/04)

  • Cora – Gaisgeach nan Gràineag

    Cora – Gaisgeach nan Gràineag

    Le Lana Pheutan agus Alice NicBhatair

    Tha Cora air ais san eilean, aig taigh Granaidh-aiseig, an t-àite as fheàrr leatha san t-saoghal. Tha gràineag bhochd feumach air cuideachadh, ach dè ’s urrainn do Chora a dhèanamh dhi?

    Cleasaichean & Sgioba Cruthachail

    Ava MacKinnon 
    Katie Hammond
    Kit Rodman-Orr


    Stiùiriche – Muireann Kelly 
    Pùpaidean – Ella MacKay, Nudge Puppets
    Dealbhadh – Alice Watson
    Taic le Pùpaidean – Stacey Mitchell

    Air Cuairt

    16/08/22 – Edinburgh Book Festival
    22/08/22 – Stornoway LIbrary
    Goodlyburn Primary, Perth
    Sgoil na Coille Nuaidh, Kilmarnock
    Bun-sgoil Taobh na Pàirce, Edinburgh
    Shabost School, Lewis
    Sgoil an Taobh Siar, Lewis
    Uig Primary, Lewis
    Breasclete School, Lewis
    Loch Primary, Lewis
    Sgoil an Rubha, Lewis
    Tounge Primary School, Lewis
    Back Primary, Lewis
    Leverhume Memorial School, Harris
    Sir E Scott Primary School, Harris
    Sgoil Uibhist a Tuath, North Uist
    Balivanich Primary, Benbecula
    Iochdar Primary, South Uist
    Dalibrugh Primary, South Uist
    Castlebay Community School, Barra

    Le taic bho

    Comhairle nan Leabhraichean

  • Rudeigin ri Ràdh

    Rudeigin ri Ràdh

    Ann an com-pàirteachas le BBC Radio nan Gàidheal

    Sreath de cheithir dràmathan rèidio fa leth, le ceithir guthan Gàidhlig le rudeigin ri ràdh: Elspeth Turner, Iain MacRàth, Màrtainn Mac an t-Saoir agus Martin O’Connor.

    Danns a’ Rathaid

    Le Elspeth Turner

    Tha Anna a' fuireach leatha fhèin agus 's ann ainneamh a bhios i a' bruidhinn ri duin' eile, ach tha rud a' tachairt a tha toirt oirre càirdeas a thogail le tè ris a bheil ceangal tòrr nas dlùithe aice na bha i a' smaoineachadh. 'S e sgeulachd chianail, dhuilich a tha seo mun strì a th' aig dannsair òg ann a Lunnainn sna 50an. A' snìomh ri chèile cuspairean leithid miann faighinn air adhart, sinnsireachd agus sgaradh, tha dàimh ris nach robh dùil a' togail ceann am measg ceòl àlainn Swan Lake.

    Sgioba-Cluiche: Elspeth Turner and Màiri Morrison

    Panalof

    Le Iain MacRàth

    Tha iomadach sgoilear air a bhith deasbad cò às a thàinig Fir-tàileisg Leòdhais. Tha an comadaidh seo stèidhichte san Taigh-tasgaidh Nàiseanta, a' meòrachadh chan ann a-mhàin air cò às a thàinig iad ach air càit' a bheil iad a' dol. Aon uair 's gun tèid na solais às 's gun fhios do dhuine, tha iad a' teicheadh 's gun fhios ach aig an dà phàn càit' a bheil dùil riutha. Chan eil ach aon rud ceàrr - chan eil sgeul air a' chòrr de na fir-tàileisg agus gun duine a bheir cead dhaibh gluasad, ciamar a nì iad an rathad dhachaigh?

    Sgioba-Cluiche: Iain MacRae and Daibhidh Walker.

    Rùintean Màiri Iain Mhòir

    Le Màrtainn Mac an t-Saoir

    Ged a chuir Covid-19 an saoghal aig a h-uile duin' againn bun-os-cionn dhar fàgail an-fhoiseil 's mì shuaimhneach, tha sinn air feuchainn ri sinn fhìn a chumail air dòigh le bhith coimhead air adhart ri nuair a bhios e seachad. Ach de a' bhuaidh a bh' aig a' ghlasadh a thàinig oirnn air na mairbh? 'S e dealbh-chluich mu dhòchas, mu chall 's mu ghaol a tha seo, stèidhicht' sna h-Eileanan an Iar le ceòl a tha a' toirt Uibhist - agus na mairbh! - beò dhuinn.

    Sgioba-Cluiche: Mairi Morrison and Calum MacDonald

    Èirigh

    Le Martin O’Connor

    Tha Èirigh a' meòrachadh air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig atharrachadh na gnàth-shìde air an àrainnneachd air eilean beag an Alba agus air beatha aon duine agus e a' feuchainn ri diofar a dhèanamh agus ri theaghlach a shàbhaladh 's a' muir ag èirigh. Tha mòran de na cuspairean as trice air am bi Màrtainn O' Connor a' togail na obair a' nochdadh san dealbh-chluich seo - fireanntas, creideamh, còmhradh aona ghuth agus comadaidh.

    Sgioba-Cluiche: Daibhidh Walker

    Cleasaichean & Sgioba Cruthachail

    Stiùiriche – Muireann Kelly
    Sound Designer and Editor – Matt Padden
    Music – Pàdruig Moireasdan
    Harp – Malachy Arnold
    Dramaturgy – Lynda Radley, Iain Finlay MacLeod, Oliver Emanuel and Catrìona Lexy Campbell
    Studio Producer – Catriona Mhoireach
    Sound Engineer – Sara Mattinson
    Riochdaire – Annella NicLeòid
    Assistant Commissioner – Calum McConnell
    Co-ordinator – Rhona NicDhùghaill

    Le taic bho

    Alba Chruthachail 
    Bòrd na Gàidhlig

  • MAIM

    MAIM

    Le Alasdair C. Whyte & CAST

    “Dar a thig an t-uisge gu grad, dè chailleas sinn?”

    ’S e gairm-chatha a th' ann am MAIM, a' toirt guth do dhorran an ath ghinealaich agus na draghan a th’ aca mun èiginn a tha ron tìr agus ron chànan aca.

    ★★★★
    “ An unforgettable combination of song, imagery and movement; delivered by four fine performers ”

    The Scotsman

    ★★★★
    A fascinating live collage of music, word and movement….a bubbling hybrid that is part elegy, part call to arms ”

    The Herald

    Cleasaichean & Sgioba Cruthachail

    Elspeth Turner
    Alasdair MacIlleBhàin
    Evie Waddell
    Ross MacIlleBhàin

    Stiùiriche – Muireann Kelly
    Writers – Alasdair C. Whyte, with script contributions from Elspeth Turner, Evie Waddell and Ross Whyte
    Composer & Sound Designer – Ross Whyte
    Coireògrafaiche – Jessica Kennedy
    Rehearsal Movement Assistant – Chrissie Ardill
    Designer – Jen McGinley
    Assistant Designer – Alice NicBhatair
    AV Designer – Lewis Den Hertog
    Dealbhadh Solais – Benny Goodman
    Integrated BSL Interpretation – Evie Waddell
    BSL translation and Evie’s Mentor – Catherine King
    Creative Learning Artist – Lana Pheutan

    Production Manager/CSM – Elle Taylor
    Deputy Stage Manager – Katharina Siebert
    Manager Stèidse Teicnigeach – Craig McNeill

    Co-òrdaniche na Companaidh – Rhona Dougall
    PR – Mim Black, Story Telling PR
    Marketing – Lindsay Hammond, Yellow Bird Digital
    Greis-Gnìomhachais Margaidheachd – Josie Campbell
    Student Placement – Faolan Jean
    Dealbhachd Grafaig – Alice NicBhatair
    Lead Image – Laurence Winram l winram.com
    Dealbhan – Mihaela Bodlovic

    A collaborative project with the band WHYTE.

    Air Cuairt

    06/03/20 – 14/03/20 – Tron Theatre, Glasgow

    An-dèigh fhosgladh agus a’ chaid seachdain aig Tèatar Tron ann an Glaschu, chaidh a’ chuairt a chur dheth ri linn covid-19.

    Cinn-latha a chaidh an cur dheth:
    17/03/20 – 18/03/20 – Traverse Theatre, Edinburgh
    19/03/20 – Eden Court, Inverness
    20/03/20 – Lemon Tree, Aberdeen
    21/03/20 – SEALL, Sabhal Mòr Ostaig, Skye
    24/03/20 – An Lanntair, Stornoway
    25/03/20 – Sgoil Lìonacleit, Benbecula
    26/03/20 – Sgoil Bàgh a’ Chaisteil, Barra
    27/03/20 – Studio Theatre, Corran Halls, Oban
    28/03/20 – Mull Theatre, Tobermory

    Le taic bho

    Bòrd na Gàidhlig
    Alba Chruthachail
    National Theatre of Scotland
    Tron Theatre

  • Caiptean Cora

    Caiptean Cora

    Le Lana Pheutan, MJ Deans, Beth Frieden agus Muireann Kelly

    Tha Cora air ais sa bhaile mhòr ’s i ag ionndrainn a caraid Calum.

    Cleasaichean & Sgioba Cruthachail

    MJ Deans – Cora
    Beth Frieden – BB
    Lana Pheutan – Grumpy Crab
    Stiùiriche – Muireann Kelly 
    Pùpaidean – Ella McKay
    Set and Costume Design – Alice Watson

    Air Cuairt

    Mòd Ghlaschu, Colaiste bhaile Ghlaschu
    Fèis Leabhraichean Phàislig, Pàislig

    Le taic bho

    Comhairle nan Leabhraichean

en_GBEnglish (UK)