Rudeigin ri Ràdh

Ann an com-pàirteachas le BBC Radio nan Gàidheal

Sreath de cheithir dràmathan rèidio fa leth, le ceithir guthan Gàidhlig le rudeigin ri ràdh: Elspeth Turner, Iain MacRàth, Màrtainn Mac an t-Saoir agus Martin O’Connor.

Danns a’ Rathaid

Tha Anna a' fuireach leatha fhèin agus 's ann ainneamh a bhios i a' bruidhinn ri duin' eile, ach tha rud a' tachairt a tha toirt oirre càirdeas a thogail le tè ris a bheil ceangal tòrr nas dlùithe aice na bha i a' smaoineachadh. 'S e sgeulachd chianail, dhuilich a tha seo mun strì a th' aig dannsair òg ann a Lunnainn sna 50an. A' snìomh ri chèile cuspairean leithid miann faighinn air adhart, sinnsireachd agus sgaradh, tha dàimh ris nach robh dùil a' togail ceann am measg ceòl àlainn Swan Lake.

Panalof

Tha iomadach sgoilear air a bhith deasbad cò às a thàinig Fir-tàileisg Leòdhais. Tha an comadaidh seo stèidhichte san Taigh-tasgaidh Nàiseanta, a' meòrachadh chan ann a-mhàin air cò às a thàinig iad ach air càit' a bheil iad a' dol. Aon uair 's gun tèid na solais às 's gun fhios do dhuine, tha iad a' teicheadh 's gun fhios ach aig an dà phàn càit' a bheil dùil riutha. Chan eil ach aon rud ceàrr - chan eil sgeul air a' chòrr de na fir-tàileisg agus gun duine a bheir cead dhaibh gluasad, ciamar a nì iad an rathad dhachaigh?

Sgioba-Cluiche: Iain MacRae and Daibhidh Walker.

Rùintean Màiri Iain Mhòir

Though Covid-19 has turned everyone’s world upside down, leaving us uneasy and unsettled, we try and keep our spirits up by looking forward to a time when all this is over. But what impact has this lockdown had on our dead? This is a play about hope, loss, and love, set in the Western Isles, and with music that make the Uist landscape – and the dead! – come to life.

Èirigh

Tha Èirigh a' meòrachadh air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig atharrachadh na gnàth-shìde air an àrainnneachd air eilean beag an Alba agus air beatha aon duine agus e a' feuchainn ri diofar a dhèanamh agus ri theaghlach a shàbhaladh 's a' muir ag èirigh. Tha mòran de na cuspairean as trice air am bi Màrtainn O' Connor a' togail na obair a' nochdadh san dealbh-chluich seo - fireanntas, creideamh, còmhradh aona ghuth agus comadaidh.

Cleasaichean & Sgioba Cruthachail
Supported by
en_GBEnglish (UK)