MAIm

Dar a thig an t-uisge gu grad, dè chailleas sinn?


’S e gairm-chatha a th' ann am MAIM, a' toirt guth do dhorran an ath ghinealaich agus na draghan a th’ aca mun èiginn a tha ron tìr agus ron chànan aca.

‘S e co-obrachadh sònraichte a th’ ann am MAIM eadar Theatre Gu Leòr agus an còmhlan WHɎTE, a’ togail air òrain àlainn bhon chlàr mu dheireadh aca, Tairm, le ceòl beò, dannsa, bàrdachd agus bhideo.

Chaidh am pìos a leasachadh leis a' choireògrafaiche chliùiteach Jessica Kennedy bho Junk Ensemble còmhla ri Theatre Gu Leòr agus WHYTE, ann an com-pàirteachas leis an Tron Theatre, agus le eadar-theangachadh co-fhillte Cànan Balbhanachd Bhreatainn anns gach taisbeanadh.

Leis gun do chuir covid-19 stad air cuairt MAIM sa Mhàrt 2020, tha sinn air a bhith a’ leasachadh a’ phròiseict ann an dòighean eile, le bhith a’ coimiseanadh clàr ùr le WHɎTE (MAIM, Màrt 2021) agus cruinneachadh ùr de sgrìobhadh Alasdair MacIlleBhàin agus dealbhan le Alice NicBhatair (Maim-Slè, Lùnastal 2021). Tha an clàr agus an leabhar a’ togail air cuspairean MAIM. Leugh tuilleadh mun dà phròiseact aig na ceanglaichean gu h-ìosal.


Lèirmheasan air maim aig an tron theatre

★★★★ “An unforgettable combination of song, imagery and movement; delivered by four fine performers” - The Scotsman

★★★★ "A fascinating live collage of music, word and movement....a bubbling hybrid that is part elegy, part call to arms” - The Herald

★★★★ “A unique hybrid that works its spell slowly, exerting an increasingly powerful pull... the show’s accumulative effect is startling” - The Times

★★★★ “Determined and meaningful, while atmospheric and captivating, MAIM is a show with refreshing creativity and pertinent importance to Scotland's cultural climate” - The List

“Powerful, eclectic and satisfying…more of this please” - Exeunt Magazine

“Mholainn do dhuine sam bith a dhol gu MAIM ma gheibh sibh cothrom. Tha e ùr-ghnàthach, ealanta, cumhachdach le teachdaireachd làidir mun Ghàidhlig agus mun àrainneachd. Bha e sònraichte math - Feasgar on Radio nan Gàidheal Èistibh air catch air BBC SOUNDS an-seo (39.40 mion. a-steach)


Beachdan an luchd-èisteachd

“Abair gun robh e math. Cumhachdach, pearsanta, is a' togail nan ceanglaichean eadar daoine, tìr, cànan, is linntean. Faicibh e.”

“A fantastic production about language, land and culture - and their destruction... Go see it!!”

“Uabhasach math fhaicinn BSL ann an àite aig cridhe a' phìos--cha tric gum bi ruigsinneachd sa phrìomh àite ealain sam bith. Na caillibh cothrom seo fhaicinn.”

“The team put BSL at the heart of this with Gàidhlig, and it was such a pleasure to see. Accessibility is so often an afterthought—Maim does an excellent job of what it can look like to include by default what usually has to be fought for.”

“Moved and inspired by MAIM tonight […] an exciting new performance”

“beautifully poetic piece exploring cultural extinction & changing landscapes - bravo”



CLEASAICHEAN

Elspeth Turner

Alasdair MacIlleBhàin

Evie Waddell

Ross MacIlleBhàin


SGIOBA CRUTHACHAIL

Stiùiriche - Muireann Kelly

Sgrìobhadairean - Alasdair MacIlleBhàin

le barrachd pìosan sgrìobhaidh le Elspeth Turner, Evie Waddell agus Ross MacIlleBhàin

Ceòl & Dealbhadh-Fuaim - Ross MacIlleBhàin

Coireògrafaiche - Jessica Kennedy

Iar-Choireògrafaiche - Chrissie Ardill

Dealbhadair - Jen McGinley

Iar-Dhealbhadair - Alice NicBhatair

Dealbhadh AV - Lewis Den Hertog

Dealbhadh Solais - Benny Goodman 

Eadar-Theangadair Cànan Balbhanachd Bhreatainn - Evie Waddell

Eadar-Theangachadh Cànan Balbhanachd Bhreatainn/Meantor do Evie - Catherine King

Neach-Ealain Ionnsachaidh Cruthachail - Lana Pheutan

SGIOBA TEICNIGEACH

Manaidsear Riochdachaidh - Elle Taylor

Manaidsear Stèidse - Katharina Siebert

Manaidsear Stèidse Teicnigeach - Craig McNèill

 

SGIOBA RIOCHADACHAIDH

Co-òrdanaiche na Companaidhe - Rhona NicDhùghaill

Naidheachdan/Meadhanan - Mim Black (Story Telling PR)

Margaideachd - Lindsay Hammond (Yellow Bird Digital)

Greis-Gnìomhachais Margaidheachd - Josie Campbell

Greis-Gnìomhachais Oileanach - Faolan Jean

Dealbhachd Grafaig - Alice NicBhatair

Prìomh Dealbh - Laurence Winram lwinram.com


Cinn-Latha 2020

An-dèigh fhosgladh agus a’ chaid seachdain aig Tèatar Tron ann an Glaschu, chaidh a’ chuairt a chur dheth ri linn covid-19..

06/03 - 14/03 - Tèatar Tron, Glaschu

17/03 - 18/03 - Tèatar Traverse, Dùn Èideann - Air a chur dheth

19/03 - Eden Court, Inbhir Nis - Air a chur dheth

20/03 - Lemon Tree, Obar Dheathainn - Air a chur dheth

21/03 - SEALL, Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach - Air a chur dheth

24/03 - An Lanntair, Steòrnabhagh - Air a chur dheth

25/03 - Sgoil Lìonacleit, Beinn nam Fadhla - Air a chur dheth

26/03 - Sgoil Bàgh a’ Chaisteil, Barraigh - Air a chur dheth

27/03 - Tèatar Stiùideo, Tallaichean Chorrain, An t-Òban - Air a chur dheth

28/03 - Tèatar Mhuile, Tobar Mhoire - Air a chur dheth


LE TAIC BHO

Bòrd na Gàidhlig

Alba Chruthachail

Teatar Nàisteanta na h-Alba