MAIM | An ClÀR

★★★★ “ominous, with a kind of melancholic eloquence” - The Scotsman

“Born out of the collaboration with Theatre Gu Leor, WHɎTE’s intelligent, thoughtful, and highly illuminating new album, MAIM, is one proudly formed out of experiment and exploration.” - Liverpool Sound and Vision

“Beautiful and ominous in equal parts, this is one of the most affecting pieces of music you will hear this year.” - Folk Radio

“The music is contemporary yet manages to sound completely timeless, ancient but ageless. Unique and individual in their approach, WHɎTE are working in a universe where folk song, theatre and sound art unite.” - Folk London Magazine


An dèidh an ‘ruith’ shoirbheachail dha MAIM ann an com-pàirteachas le WHɎTE, aig an Tron Theatre sa Mhàrt 2020, gu mì-fhortanach cha robh e comasach dhuinn crìoch a chur air a’ chuairt a bha romhainn, air sàilleibh covid-19.

Leis na taighean-cluiche uile dùinte, chuir sinn romhainn am pròiseact a leasachadh agus luchd-èisteach eile a ruigsinn, agus taic a chumail do luchd-ealain ag obair air an cinn fhèin aig àm gu math duilich. Mar sin, bha Theatre Gu Leòr air leth toilichte coimisean agus taic a chur ris a’ chlàr seo, an treas clàr leis a’ chòmhla chliùiteach, WHɎTE. Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt do dh’Alba Chruthachail agus do Bhòrd na Gàidhlig airson mhaoineachaidh chunbhalaich, a tha a’ toirt dhuinn an comas taic a chumail ri obair ùr den leithid seo.

Tha an clàr a’ togail air a’ cheòl a chaidh a sgrìobhadh agus a thaisbeanadh le WHɎTE, mar phàirt den riochdachadh MAIM. Tha an dà chuid am pìos thèatair agus an clàr ùr a’ toirt freagairtean don ‘mhaim’ a tha sinn a’ faireachdainn agus an ùine a’ ruith oirnn - agus sinn mothachail air na chailleas sinn - mura seas sinn an aghaidh dìtheachd chànain agus àrainneachdail.

Thàinig sia de na pìosan ciùil bhon riochdachadh fhèin, agus chaidh a leasachadh airson a’ chlàir. Tha ceithear pìosan ùra air a’ chlàr le Ross MacIlleBhàin, agus trì pìosan labhairte le Alasdair C. MacIlleBhàin, air an stèidheachadh air seallaidhean bho MAIM. Tha an deich pìosan uile a’ taisbeanadh nan sàr-sgilean aig WHɎTE agus an dòigh-obrach shònraichte a th’ aca ann an bhith a’ cruthachadh ceòl Gàidhealach ann an 2021.

Tro bhith a’ cur air dòigh coimisean airson a’ chlàir seo, bha sinn a’ cur romhainn cothroman a chruthachadh don chuid den sgioba a bha ag obair air MAIM. Tha Elspeth Turner agus Evie Waddell, a bha nan cleasaichean ann an MAIM, a’ seinn air a’ chlàr, gus tha Alice NicBhatair, a bha na Iar-Dhealbhaiche air MAIM, air an obair ealain a dhèanamh airson a’ chlàr. Tha e cuideachd air cothroman ùra a thoirt do luchd-ealain Gàidhlig eile.

Bliadhna an dèidh oidhche fhosglaidh MAIM aig an Tron Theatre, tha sinn gu math taingeil do Cheòl is Craic (far an do choinnich is far an do chliuch Alasdair agus Ross còmhla airson a’ chiad uair) airson àrd-ùrlar a thoirt dhaibh gus an clàr a chur air bhog, mar phàirt de na tachartasan air loidhne aca.

Tha sinn uile aig Theatre Gu Leòr gu math moiteil às an obair a tha an luchd-ciùil is luchd-ealain tàlantach air cruthachadh, agus sinn gu math toilichte gun ruig am pròiseact luchd-èisteachd ùr tron chlàr seo. Faodar an clàr a cheannach agus a’ sruthadh an seo.

Taing mhòr do Ghòrdan MacIllEathain aig An Tobar airson ar cuideachadh leis a’ chlàraidh.

Dealbh: Alice NicBhatair