Air an duilleig seo gheibhear fiosrachadh a chumas taic riut nad dhreuchd mar bhall bhòrd Theatre Gu Leòr.
Leugh na tha gu h-ìosal airson fiosrachaidh chuideachail fo na tiotalan a leanas:
- Amasan Theatre Gu Leòr
- Mun chompanaidh
- Mun bhòrd & luchd-obrach
- Geàrr-chunntasan coinneamhan a' bhùird
- Ionmhas & buidhnean maoineachaidh
- Dleastanasan buill a' bhùird
Amasan Theatre Gu Leòr
- A' cur air adhart nan ealan, tro bhith a' cruthachadh agus a' lìbhrigeadh pròiseactan thèatair air leth, agus a' togail roinn tèatar Gàidhlig a tha làidir is àrd-amasach;
- A' cur air adhart foghlam, tro cothroman ionnsachaidh agus leasachaidh neo-fhoirmeil, do luchd-tèatair, luchd-tèatair òigridh agus luchd-èisteachd;
- A' cur air adhart na Gàidhlig, agus in-ghabhaltas is iomadachd cànanan ann an Alba.
Chaidh iad sin a thoirt bhon Articles of Association againn, am bun-stèidh oifigeil againn. Faodar an rud air fad a leughadh an seo.
Nach leugh sibh cuideachd mun còig sreathan obrach againn agus luachan na companaidh an seo.
Mun Chompanaidh
Tha Theatre Gu Leòr na prìomh chompanaidh tèatar na Gàidhlig. Bidh sinn a’ cumail taic ris, a’ leasachadh agus a’ cruthachadh tèatar ùr ann an Gàihdlig, ag obair còmhla ri luchd-ealain agus coimhearsnachdan air feadh na h-Alba.
Bhon a chaidh a thòiseachadh le Muireann Kelly ann an 2014, ga stèidheachadh gu h-oifigeil mar chompanaidh ann an 2016, tha Theatre Gu Leòr air a bhith a’ toirt iomadh riochdachadh àrd-amasach de dhiofar gnèithichean gu luchd-èisteachd timcheall na h-Alba agus thall thairis, ’s iad a’ toirt a-steach sreathan dràma rèidio, pròiseactan tèatar cloinne, agus dealbhan-cluiche mòra air cuid de na h-àrd-ùrlaran as ainmeile san dùthaich. Tha an obair againn adhartach agus làn mhic-mheanmna, air a brosnachadh le sgeulachdan a tha cho ioma-nàdarrach ri coimhearsnachd na Gàidhlig fhèin.
Faodar leughadh mu na riochdachaidhean againn an seo.
Mun bhòrd agus luchd-obrach
‘S e sgioba beag de luchd-obrach agus bòrd saor thoileach a tha os cionn Theatre Gu Leòr.
Tha an Stiùiriche Cruthachail làn-ùine againn, Seona McClintock, a' stiùireadh a' phrògraim chruthachail, agus Manaidsear na Companaidh pàirt-ùine, Rhona NicDhùghaill, a' cumail sùil air gnothachail làitheil aig a' chompanaidh. 'S i Tanya NicDhòmhnaill an Stiùiriche Strabang! pàirt-ùine againn, ag obair bho Phort Rìgh, agus tha Màiri Nic'illeMhoire na Artistic Associate pàirt-ùine.
Faodar leughadh mu bhuill a' bhùirt agus an luchd-obrach an seo.
Geàrr-chunntasan coinneamhan a' bhùird
Faodar geàrr-chunntasan nan coinneamhan a leughadh an seo, agus a' dol air ais thuca àm sam bith.
Thèid an geàrr-chunntas bhon choinneimh mu dheireadh aontachadh aig an ath choinneimh, agus thèid bruidhinn air rud sam bith a nochdas bhuaithe.
Ionmhas & Maoineachadh
Tha Theatre Gu Leòr a' faighinn taic chunbhalach bho Alba Chruthachail (2025/26 - 2027/28) agus bho Bhòrd na Gàidhlig (2024/25 - 2028/29).
Tha Alba Chruthachail a' cumail taic ris an obair chruthachail againn, agus Bòrd na Gàidhlig a' cumail taic ri amasan a thaobh leasachadh agus cleachdadh na Gàidhlig, Strabang gu sònraichte.
Bidh Manaidsear na Companaidh a’ cumail rian air ionmhas na buidhne bho latha gu latha, le taic latha gach mìos bho neach-cunntais. Aig deireadh na bliadhna ionmhais, thèid na cunntasan a thoirt do cunntasair agus ise a’ cruthachadh Cunntas Urrasachd agus Aithisg Ionmhais, a thèid a chur air aghaidh an uairsin gu OSCR agus Companies House.
Faodar na cunntasan bliadhnail againn a leughadh an seo.
Uaireanan, cha bhi na cunntasan buileach a’ dèanamh ciall leotha fhèin, agus mar sin thèid fiosrachadh agus mìneachadh a bharrachd a thoirt seachad aig coinneamhan a’ bhòrd le Manaidsear na Companaidh.
Dleastanasan Buill a' Bhùird
‘S e cùis chudromach a th’ ann a bhith air bòrd stiùiridh ach bu chòir dha bhith tlachdmhor gu ìre cuideachd (tha sinn ‘n dòchas, co-dhiù!).
Tha sinn air a' phàipear ghoirid seo a chur ri chèile leis na prìomh dleastanasan a bhios aig buill a' bhùird. Nach toir sibh sùil gheur air seo. Bidh Manaidsear na Companaidh toilichte bruidhinn ribh air rud sam bith no ceist sam bith a fheagairt.
Faodar a leughadh an seo.
Trèanadh a' Bharrachd
A bharrachd air an fhiosrachadh gu h-àrd, thèid cothrom trèanaidh eile a thabhainn do bhuill a’ bhòrd ùra aig Theatre Gu Leòr. ‘S e seo seisean 1-ri-1 còmhla ri Manaidsear na Companaidh, Rhona, aig a bheil eòlas air a’ chùis seo, agus, ma bhios sin a dhìth, latha trèanaidh air cùrsa Arts & Business Scotland, Introduction to Being a Board Member. Nach leig thu fios gu rhona@theatreguleor.com ma tha ceistean sam bith agad, no ma tha thu airson trèanadh a chur air dòigh. Introduction to Being a Board Member. Please contact rhona@theatreguleor.com if you have any question or to arrange further training.
Mòran taing!