Air an duilleig seo gheibhear fiosrachadh a chumas taic riut nad dhreuchd mar bhall bhòrd Theatre Gu Leòr.
Leugh na tha gu h-ìosal airson fiosrachaidh chuideachail fo na tiotalan a leanas:
- Amasan Theatre Gu Leòr
- Mun chompanaidh
- Mun bhòrd & luchd-obrach
- Geàrr-chunntasan coinneamhan a' bhùird
- Ionmhas & buidhnean maoineachaidh
- Dleastanasan buill a' bhùird
Amasan Theatre Gu Leòr
- The advancement of the arts, through creating and enabling unforgettable theatrical experiences, and building a strong and ambitious Gaelic theatre sector;
- The advancement of education, through informal learning and development opportunities for theatre makers, youth theatre members and audiences;
- The advancement of Gaelic, promoting linguistic inclusion and diversity in Scotland.
These are taken from our Articles of Association, our official foundation document. You can read the full document an seo.
Please also read about our five work streams and our organisational values by clicking an seo.
Mun Chompanaidh
Tha Theatre Gu Leòr na prìomh chompanaidh tèatar na Gàidhlig. Bidh sinn a’ cumail taic ris, a’ leasachadh agus a’ cruthachadh tèatar ùr ann an Gàihdlig, ag obair còmhla ri luchd-ealain agus coimhearsnachdan air feadh na h-Alba.
Bhon a chaidh a stèidheachadh le Muireann Kelly ann an 2014, tha sinn air a bhith a’ toirt iomadh riochdachadh àrd-amasach de dhiofar gnèithichean gu luchd-èisteachd timcheall na h-Alba agus thall thairis, ’s iad a’ toirt a-steach sreathan dràma rèidio, pròiseactan tèatar cloinne, agus dealbhan-cluiche mòra air cuid de na h-àrd-ùrlaran as ainmeile san dùthaich. Tha an obair againn adhartach agus làn mhic-mheanmna, air a brosnachadh le sgeulachdan a tha cho ioma-nàdarrach ri coimhearsnachd na Gàidhlig fhèin.
Faodar leughadh mu na riochdachaidhean againn an seo.
Mun bhòrd agus luchd-obrach
‘S e sgioba beag de luchd-obrach agus bòrd saor thoileach a tha os cionn Theatre Gu Leòr.
Tha am prògram ealain againn fo stiùir an Stiùiriche Ealain làn-ùine againn, Seona McClintock, agus ‘s e Co-òrdanaiche na Companaidhe pàirt-ùine againn, Rhona NicDhùghaill, a làimhsicheas obair làitheil na companaidhe. Tha Tanya NicDhòmhnaill na Stiùiriche Strabang! pàirt-ùine, stèidhichte ann am Pòrt Rìgh, agus Claire Frances Nic Nìll na Neach-taic Riochdachaidh pàirt ùine againn, a' cumail taic ris an sgioba.
Faodar leughadh mu bhuill a' bhùirt agus an luchd-obrach an seo.
Geàrr-chunntasan coinneamhan a' bhùird
Faodar geàrr-chunntasan nan coinneamhan a leughadh an seo, agus a' dol air ais thuca àm sam bith.
Thèid an geàrr-chunntas bhon choinneimh mu dheireadh aontachadh aig an ath choinneimh, agus thèid bruidhinn air rud sam bith a nochdas bhuaithe.
Ionmhas & Maoineachadh
Tha Theatre Gu Leòr a' faighinn taic chunbhalach bho Alba Chruthachail (2025/26 - 2027/28) agus bho Bhòrd na Gàidhlig (2024/25 - 2028/29).
Alba Chruthachail supports the artistic output of the company, while Bòrd na Gàidhlig ‘S e Alba Chruthachail a chumas taic ri obair ealain na companaidh, agus Bòrd na Gàidhlig a’ cumail taic ris na h-amasan againn mu choinneamh cleachdadh agus leasachadh na Gàidhlig, gu sònraichte Strabang.
Bidh Manaidsear na Companaidh a’ cumail rian air ionmhas na buidhne bho latha gu latha, le taic latha gach mìos bho neach-cunntais. Aig deireadh na bliadhna ionmhais, thèid na cunntasan a thoirt do cunntasair agus ise a’ cruthachadh Cunntas Urrasachd agus Aithisg Ionmhais, a thèid a chur air aghaidh an uairsin gu OSCR agus Companies House.
Faodar na cunntasan bliadhnail againn a leughadh an seo.
Uaireanan, cha bhi na cunntasan buileach a’ dèanamh ciall leotha fhèin, agus mar sin thèid fiosrachadh agus mìneachadh a bharrachd a thoirt seachad aig coinneamhan a’ bhòrd le Manaidsear na Companaidh.
Dleastanasan Buill a' Bhùird
‘S e cùis chudromach a th’ ann a bhith air bòrd stiùiridh ach bu chòir dha bhith tlachdmhor gu ìre cuideachd (tha sinn ‘n dòchas, co-dhiù!).
Tha sinn air iomradh goirid a chur air dòigh mu na prìomh dleastanasan agus fiosrachadh cudromach eile do bhuill bòrd stiùiridh. Nach leugh thu troimhe. Ma bhios ceist sam bith agad idir, bidh Manaidsear na Companaidh gu math deònach bruidhinn riut a bharrachd air seo no ceist sam bith a fhreagairt.
Faodar a leughadh an seo.
Trèanadh a' Bharrachd
A bharrachd air an fhiosrachadh gu h-àrd, thèid cothrom trèanaidh eile a thabhainn do bhuill a’ bhòrd ùra aig Theatre Gu Leòr. ‘S e seo seisean 1-ri-1 còmhla ri Manaidsear na Companaidh, Rhona, aig a bheil eòlas air a’ chùis seo, agus, ma bhios sin a dhìth, latha trèanaidh air cùrsa Arts & Business Scotland, Introduction to Being a Board Member. Nach leig thu fios gu rhona@theatreguleor.com ma tha ceistean sam bith agad, no ma tha thu airson trèanadh a chur air dòigh. Introduction to Being a Board Member. Please contact rhona@theatreguleor.com if you have any question or to arrange further training.
Mòran taing!




