
An t-Ùrlar as Àirde
Tha Theatre Gu Leòr, prìomh chompanaidh tèatar na Gàidhlig, a’ toirt cuireadh dhuibh gu oidhche shònraichte a’ comharrachadh 10 bliadhna den obair àraid is àrd-amasach aca.
Fo stiùir Màiri Morrison, bidh buidheann de sàr-chleasaichean Gàidhlig gar toirt air turas tro chuid de na dealbhan-cluiche as soirbheachail a tha Theatre Gu Leòr air cur air an àrd-ùrlar san deich bliadhna a dh’fhlabh.
Tha An t-Ùrlar as Àirde a’ fighe còmhla seallaidhean bho cheithir riochdachaidhean, ‘s iad Shrapnel le Catrìona Lexy Chaimbeul, Bana-Ghaisgich le Màiri Nic’illeMhoire, Stornoway, Quebec le Calum L. MacLeòid, agus Teach (Taigh) le Eva O’Connor.
Làn dràma agus ciùil, fealla-dhà agus drùidhteachd, tha An t-Ùrlar as Àirde a’ sealltainn cho cruthachail is cumhachdach ’s a tha tèatar na Gàidhlig san latha an-diugh.
Ann an Gàidhlig, le geàrr-chunntas sgrìobhte sa Bheurla.
Tiogaidean gu h-ìosal!
Tiogaidean & Cinn-latha Cuairte
30/09/26 Cnoc Soilleir, Uibhist a Deas TIOGAIDEAN AN SEO
02/10/26 Las Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach TIOGAIDEAN AN SEO
07/10/26 Eden Court, Inbhir Nis TIOGAIDEAN AN SEO
09/10/26 An Lanntair, Steòrnabhagh TIOGAIDEAN AN SEO
13/11/26 Citizens Theatre, Glaschu TIOGAIDEAN AN SEO
Cleasaichean & Sgioba Cruthachail
Daibhidh Walker
Elspeth Turner
Dòl Eoin MacKinnon
Lana Pheutan
Ava MacKinnon
Stiùiriche: Màiri Morrison
Dealbhadh Seata is Aodaich: Frances Collier
Dealbhadh Solais: Benny Goodman
Dealbhadh Postair: Gallusness
Dealbhan: Mihaela Bodlovic
Manaidsear Riochdachaidh: Robbie Fraser
Manaidsear Stèidse: Katharina Siebert
Riochdairean: Rhona NicDhùghaill & Deborah Claire Procter
Na ciad tionndaidhean de na riochdachaidhean air an choimiseanadh, leasachadh agus stiùireadh le Muireann Kelly.
Tha an dealbhadh seata stèidhichte air ealamaidean bho riochdachaidhean eile le Jen McGinley (ciad dealbhadair, Maim) agus Becky Minto (ciad dealbhadan, Stornoway, Quebec).
Le taic bho
Creative Scotland & Bòrd na Gàidhlig




