Mu dhèidhinn a’ phrògram

Tha sinn airson taic a thoirt do dhaoine a tha ag obair san roinn tèatair le ùidh ann an obair Ghàidhlig a bhith a leasachadh an cuid sgilean cànain. Tha seo gu sònraichte freagarrach don fheadhainn a tha air Gàidhlig ionnsachadh gu ìre agus a tha a’ sireadh cothrom an ath cheum a ghabhail gus a bhith ag obair ann an àrainneachd Ghàidhlig.

Dè an taic a tha ri fhaighinn?

B’ urrainn dhuinn cosgaisean a phàigheadh co-cheangailte ri na sgilean Ghàidhlig agad a leasachadh, m.e. cùrsa goirid, oideachadh 1:1, streath leasanan, siubhal agus àite-fuirich co-cheangailte ris na cothroman ionnsachaidh seo. 

Bu chòir dhut obrachadh a-mach dè an dòigh-ionnsachaidh as freagarraiche dhut fhèin, agus na cosgaisean a bhiodh an lùib sin.

Pàighidh sinn suas gu £750 aig an ìre as àirde, ach feumaidh tagraichean sealltainn gun dèan an taic sin diofar mòr dhaibh a thaobh an cuid Gàidhlig.

Thèid maoineachadh a thabhann fo ùghdarras Theatre Gu Leòr. Bidh crìoch air a’ bhuidseat seo gach bliadhna, ach dh’fhaodadh nach b’ urrainn dhuinn gabhail ris a h-uile tagradh. 

B’ urrainn dhut cuir a-steach cuideachd airson cosgaisean so-ruigsinneach fa leth co-cheangailte ris a’ chothrom ionnsachaidh seo, a’ toirt a-steach cùram cloinne.

Cò gheibh an taic?

Feumaidh iarrtasan tighinn bho luchd-ealain neo luchd-obrach tèatar a tha:

  • Stèidhichte ann an Alba

  • Ag obair san roinn tèatar

  • A tha mar tha ag obair neo ag amas air obair tro mheadhan na Gàidhlig san àm ri teachd.

Ged a tha fàilte air iarrtasan bho luchd-ionnsachaidh ùra, bidh prìomhachas air iarrtasan bho dhaoine a tha air ionnsachadh a dhèanamh roimhe agus a tha airson tuilleadh adhartas a dhèanamh.

ciamar a chuireas mi a-steach Tagradh?

Lìon am foirm a tha seo airson innse dhuinn mud dheidhinn fhèin, agus mun taic a tha thu a’ sireadh.

Chan eil ceann-latha ann airson a mhaoin seo. Bheir sinn seachad taic tron bhliadhna air fad agus gheibh thu freagairt taobh a-staigh dà sheachdain.