ullachadh
Tha e riatanach a h-uile rud as urrainn dhut a chur air dòigh mus ruig thu an sgoil/talla/àite far an tèid am bùth-obrach a lìbhrigeadh, gu h-àraidh an-dràsta le cho eadar-dhealaichte sa tha gnothaichean leis a choròna-bhìoras.
Feumaidh fiosrachadh mionaideach a bhith agad mun stiùireadh as ùire a thaobh covid-19 agus PPE, bhon Riaghaltas agus bhon bhuidheann/àite far a bheil thu gu bhith a’ lìbhrigeadh nam bùithtean-obrach.
Tha liostaichean dearbhaidh an seo, a’ gabhail a-steach na puingean gu h-ìosal, a chuideachas tu ann a bhith cho ullaichte is a ghabhas.
Fiosrachadh mun àite agus mu na com-pàirtichean
Tha e cudromach gum faigh thu a-mach nas urrainn dhut ro làimh mun t-seòmar/talla anns am bi sibh.
Dè cho mòr ’s a tha an t-seòmar? An gabh na h-uinneagan fhosgladh? An gabh an doras fhàgail fosgailte?
Mur a h-eil thu eòlach air an àite anns am bi thu ag obair, feuch gum faigh thu a-mach gu leòr ma dheidhinn. An urrainn dhut tadhail air an àite ro-làimh?
A thaobh nan com-pàirtichean - cia mheud a bhios agad? A bheil rùm gu leòr gu bhith agad san t-seòmar/talla? A bheil feumalachdan sònraichte aig duine sam bith sa bhuidheann? Ciamar as urrainn dhut do phlanaichean atharrachadh gus taic a chumail ri gach com-pàirtiche?
Dòighean Lìbhreagaidh
Thòisich sinne gach seisean leis a’ gheama Dèan Buileagan, far an cruthachadh a h-uile duine buileag mòr (agus àite) dhaibh fhèin san t-seòmar.
Chleachd sinn spotaichean rubair air an làr meatair air falbh bho chèile, far am b’ urrainn do na com-pàirtichean suidhe no seasamh, gus dèanamh cinnteach gun cùmadh iad fada gu leòr air falbh bho chèile, fhad 's a bha sinn ag obair.
An cleachd sibh hand-sanitiser? Face-masks? Tha e cudromach meòrachadh air na ceistean seo, agus an stiùireadh as ùr a leantainn, bhon Riaghaltas agus bhon bhuidheann a tha a’ cur nam bùithtean-obrach air dòigh.
Aontaich air àite shònraichte aig gach ceann den t-seòmar, far an toir seachad an luchd-lìbhrigidh an stiùireadh. Chan eil e freagarrachd do ghuth àrdachadh, agus mar sin, nì dùdag no rudeigin den leithid feum dhut, nuair a tha thu airson ’s gun èist na com-pàirtichean riut.