rudeigin ri rÀDH
Dràma rèidio ùr anns a’ Ghàidhlig
Na Sgrìobhadairean
Iain MacRae
Thòisich Iain air sgrìobhadh ann an 2013, is e Panolof is Panalaf an siathamh dràma a sgrìobh e gu ruige seo. Chaidh Fantom a thaisbeanadh gu soirbheachail aig an Citizens Theatre ann an 2014. Choisinn e duais Sgrìobhadair Dealbhan-cluiche Ùr 2015 bho Playwrights Studio Scotland. Chaidh Briseadh na Cloiche a thaisbeanadh agus a chlàraidh aig Webster’s Theatre ann an 2016, agus a thaisbeanadh an uair sin aig Glasgow Short Film Festival, Stornoway’s Faclan festival agus Babel International Film Festival in Sardinia. Chaidh a chraoladh air BBC Alba Latha na Callainn 2017. Chaidh Tir is Tuil a thaisbeanadh mar ‘rehearsed reading’ aig an Citizens Theatre ann an 2017. Choisinn Taigh Sheonachain Duais Dòmhnall Meek 2017. Chaidh Dirlo – Am Fear Maireann a thaghadh mar phàirt de Scenes for Survival (National Theatre of Scotland/BBC) agus a chraoladh air BBC Alba ann an 2020. Choisinn Iain an Scottish Book Trust 50-word Story Award le Turas Baidhseagail ann an 2018, agus le Speuclairean ann an 2020. Choisinn an sgeulachd ghoirid Mach an Geata am Morton Writing Prize ann an 2019.
Chaidh bàrdachd Iain fhoillseachadh le Poet’s Republic 3, 6 agus 8, agus ann an New Writing Scotland 36, a bharrachd air a’ phod-chraolaidh, A’ Chrannag (2019).
Tha Iain air a bhith ag obair mar chleasaiche sa Bheurla agus sa Ghàidhlig do TBh, don àrd-ùrlar, do rèidio agus do fhiolm fad còrr is 35 bliadhnaichean, is e a’ nochdadh air a’ BhBC ann an Gruth is Uachdar, Ran Dan agus Bannan, agus ann am Machair (STV).
Màrtainn Mac an t-Saoir
Tha Màrtainn Mac an t-Saoir air cliù agus duaisean a chosnadh thar còrr is fichead bliadhna airson a chuid ficsein is bàrdachd is naoi leabhraichean a-nist bhuaithe an clò. Tha Màrtainn cuideachd aithnichte mar sgeulaiche san dà chànain.
'S e 'Rùintean Màiri Iain Mhòir -' a chaidh a bhrosnachadh le saoghal àraid lockdown - a chiad dealbh-cluich airson rèidio.
Elspeth Nic an Tuairneir
’S ann a Fìobha a tha Elspeth Nic an Tuairneir. Tha i na cleasaiche is sgrìobhadair, is i a’ cruthachadh tèatair agus film ùr-nòsach ann an Gàidhlig is ann am Beurla. As dèidh dhith a bhith ag ionnsachadh danns ann an Lunnain agus tèatair aig an American Academy of Dramatic Arts ann an New York, bha i ag obair mar chleasaiche ann an Ameireagaidh, agus thill i a Alba ann an 2011. On a sin, tha i air a bhith ag obair le companaidhean air feadh na dùthcha -Theatre Nàiseanta na h-Alba, Theatre Gu Leòr, sruth-mara, agus The Traverse/Òran Mòr nam measg.
Faodar Elspeth fhaicinn an dràsda sa film ùr le Lyre Productions, Riptide – sgeul-gaoil anns a bheil sgrùdadh air sgoltadh-inntinne. Tha na dealbhan-cluiche aice a’ gabhail a-steach The Idiot at the Wall (2012), SpectreTown (2015), agus Savage Nation (2020) - a tha a’ deileagadh leis an dìleab eachdraidheil nan Gaidheil ann an America a Tuath. O chionn goirid, sgrìobh is stiùirich i film goirid sa Ghàidhlig, Marram, a chaidh a thogail ann am Beàrnaraigh Na Hearadh is ann an Dùn Èideann.
Tha i air duaisean sgrìobhaidh a bhuannachadh a The Peggy Ramsay Foundation, Playwrights Studio Scotland, agus The Tom McGrath Trust.
Màrtainn Ó Connor
’S e cleasaiche, bàrd agus neach-tèatair à Glaschu a th’ ann am Màrtainn O’Connor. Mar as tric, obraichidh e ann am verbatim agus le sgeòil-bheatha, com-pàirteachadh agus faclan labhairte, gus guthan agus fèin-aithne Albannach a rannsachadh. Tha ùidh aige ann an Albais agus tha e ag ionnsachadh na Gàidhlig. An-dràsta, tha Màrtainn na Sgrìobhadair air Mhuinntearas le Tèatar Nàiseanta na h-Alba, agus na Sgrìobhadair Chruthachail aig Ospais Prionnsa agus Bana-Phrionnsa na Cuimrigh.
Tha Èirigh a’ toirt sùil air a’ bhuaidh a bheireadh atharrachadh gnàth-shìde air eilean beag an Alba, agus beatha duine a tha a’ feuchainn ri piseach a thoirt air an t-suidheachadh aige, agus a theaghlach a shàbhladh, is a’ mhuir ga h-èirigh. Tha ùidh mhòr aig Màirtainn sna cuspairean a tha gan làimhseachadh sa phìos, leitihid fireannachd, creideamh, monologue, comadaidh. ‘S e seo a’ chiad pìos a sgrìobh e ann an Gàidhlig a-mhàin.
Ann an com-pàirteachas le BBC Radio nan Gàidheal. Le taic bho Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig.