elspeth turner.jpeg
 
alasdair.jpeg
 
evie.png
 
 
ross.jpeg
 
muireann.jpg
 
jessica.jpeg
 
benny.jpeg
 

ELSPETH TURNER

cleasiche

Tha Elspeth Nic an Tuairneir na cleasiche is na sgrìobhadair, stèidhichte ann an Dùn Èideann. Is ann à Dùn Phàrlain a tha i bho thùs, agus dh’ionnsaich i cleasachd aig Acadamaidh Ameireaganach nan Ealainean Dràma agus Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig. Chaidh na dealbhan-cluiche aice, The Idiot at the Wall (stiùiriche Emily Reutlinger) agus SpectreTown (stiùiriche Matthew Lenton), a mholadh nuair a chaidh an taisbeanadh aig Iomall Fèis Dhùn Èideann mus deach iad air tursan nàiseanta. Fhuair i duaisean airson sgrìobhadh dràma bho Urras Tom McGrath agus Fonndas Peggy Ramsay.

San Dùbhlachd 2015, fhuair Elspeth coimisean bho Ghlaschu Beò airson pròiseact a leasachadh air a’ cheangal a dh’fhaodadh a bhith ann eadar seinn nan salm san nòs Ghàidhlig agus ceòl Soisgeulach Ameireaganach is Blues. Rinn i obair deich làithean aig Tramway le sgioba cruthachail à Alba, agus dithis chleasichean  às Ameireagaidh tro Skype, a chum taisbeanadh mu bheachdan airson Buaireas anns an Uisge / Trouble the Water. Às dèidh sin rinn i rannsachadh a bharrachd air a’ phròiseact tron sgeama Starter for Ten aig Theatar Nàiseanta na h-Alba.

Mar chleasiche san Rìoghachd Aonaichte, bha Elspeth an sàs ann an Granite (Theatar Nàiseanta na h-Alba), The Strange Undoing of Prudencia Hart (Eastern Angles) is Mischief (Oran Mòr / Traverse Theatre). Sna Stàitean Aonaichte rinn i Dial M for Murder agus The Odd Couple (Engeman Theatre), The Pillowman (Theatre Row), agus Titus Andronicus is Macbeth, (The Queens Players). Air film rinn i Riptide (stiùiriche Tim Barrow, Lyre Productions), Stephen in the Attic (stiùiriche Joseph Parker), Real Life Mallory (stiùiriche. R.L. Maynard) is The Box (stiùiriche Christopher Cook). Gheibhear barrachd fiosrachaidh, ìomhaighean agus bhidio aig www.elspethturner.com

 

ALASDAIR MacIlleBhàin

cleasiche & sgrìobhadair

’S ann à Muile a tha an Dr Alasdair MacIlleBhàin. Tha ceòl agus seinn sin fhiodh, agus tha e air a bhith a’ seinn sa Gàidhlig fad ’s a tha cuimhne aige. Ann an 2006, aig aois 19, lean e ann an cas-cheuman a mhàthar Riona ’s fhuair e Bonn Òr An Comunn Gàidhealach airson seinn aon-neach aig a’ Mhòd Nàiseanta. Tha e air òrain Gàidhlig ùr agus traidiseanta a chlàradh air iomadh chlàran, a’ gabhail a-steach clàr aon-neach, ‘Las’ (2012), agus dà chlàr leis a’ chòmhlan-ciùil WHYTE: ‘Fairich’ (2016) agus ‘Tairm’ (2019). Fhuair WHYTE an Duais Ealain agus Cultar, sponsairichte le Alba Chruthachail, aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2019.

Fhuair Alasdair PhD ann an Ceiltis is Gàidhlig ann an 2017 bho Oilthigh Glaschu agus, ann an 2019, fhuair e Lord Kelvin Adam Smith Research Fellowship bhon aon oilthigh gus ainmean-àite Muile a rannsachadh.

’S e Alasdair Ceann-suidhe Comunn Mhuile is Ìdhe, agus ’s e tosgaire airson dual-chainntean Gàidhlig Muile le Dòrlach. Chaidh Alasdair ainmeachadh Tosgaire Gàidhlig dhen Bhliadhna le Riaghaltas na h-Alba ann an 2019.

 

EVIE WADDELL

cleasiche, Eadar-Theangadair Cànan Balbhanachd Bhreatainn

’S e neach-cluiche clàrsaich, fìdhlear, agus seinneadair sgileil a th’ ann an Evie Waddell, à Siorrachd Shruighlea. Tha i sa treasamh bhliadhna de cùrsa BMus ann an ceòl traidiseanta aig Acadamh-chiùil Rìoghail na h-Alba. Chaidh i tro Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus ’s ann an sin a dh’ionnsaich i a’ Ghàidhlig. Chaidh a teagasg le Jo Miller, tidsear fìdhle is seinn, agus bha i an sàs leis an Riverside Music Project ri deich bliadhnaichean. Fhuair i Teisteanas Nàiseanta Àrd-ìre ann an dannsa co-aimsireil bhon Scottish School of Contemporary Dance ann an Dùn Dè, agus tha i cuideachd na dannsair-ceum dèidheil, agus bidh i ag adhartachadh dannsa-ceum.

Le taic bho Theatre Gu Leòr, tha Evie a’ leasachadh na sgilean aice ann an Cànan Balbhanachd Bhreatainn. Tha i air òran-dithis Albais agus Gàidhlig a thaisbeanadh le Bethany Mackay agus tha i gu làithreach na pàirt de duo le Ciorstaidh Chaimbeul. Tha i air pàirt a ghabhail anns na Edinburgh Youth Gathering events agus Tinto Summer School.

Às dèidh dhi fàs suas a’ dol gu clasaichean ceòl Fèis, tha Evie a-nis a’ teagasg agus a’ cuideachadh le clasaichean clàrsaich, agus tha i air a dhol air chuirt dà thuras le Fèis Fhiort, a’ tùradh Cèilidh Air Chuairt fad mìos. Tha i air co-fharpais aig a’ Mhòd Nàiseanta agus aig a’ mhòd ionadail Shruighlea, far an do bhuannaich i buinn òir agus airigid airson na h-òrain-dithis aice. ’S e am bruadar aice na sgilean ceòl is ealain aice a cho-mheasgachadh, le obair ann an Cànan Balbhanachd Bhreatainn, Albais agus Gàidhlig.

 

ross MacIlleBhàin

cleasiche, ceòl, & Dealbhadh-Fuaim

Tha Ross MacIlleBhàin na sgrìobhaiche-ciùil, neach-ealain fuaim, agus rianadair stèidhichte ann an Glaschu. Ann an 2012 choilean e PhD ann an Sgrìobhadh Ciùil aig Oilthigh Obar Dheathain, far an robh e a’ rannsachadh “impermanence in audio-visual intermedia” agus “headphone-specific composition”.

Bho 2016 tha e air a bhith ag obair mar leth-pàirt den còmhlan ambient electronica Gàidhlig, WHɎTE, le seinneadair-sgrìobhadair Alasdair MacIlleBhàin. Bidh WHɎTE a’ gnìomhadh rianan ùra de òrain ainneamh traidiseanta, pìosan ionnsramaideach ùr agus òrain Gàidhlig ùra. Chaidh a’ chiad clàr cliùiteach aca, Fairich, an cur ann an clò ann an 2016. Ann an 2017, bha an taisbeanadh clais-lèirsinneach aca, Fairich: Live, air a thaghadh mar pàirt den Made in Scotland Showcase airson Iomall Fèis Dhùn Èideann. Chuir WHɎTE an dàrna clàr aca, Tairm, mu sgaoil sa Chèitean 2019 agus fhuair iad an trophaid Ealain is Cultar aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2019.

Ann an 2016 fhuair e coimisean bhon chòisir Ghàidhlig Bùrach gus rian ùr den òran 19mh-linn Leis a’ Bhàta Dhubh Dharaich a sgrìobhadh. Sheinn a’ chòisir an rian aig a’ Mhòd Nàiseanta 2017 agus fhuair iad an Sheriff MacMaster Campbell Memorial Quaich. Ann an 2018 fhuair e coimisean bho Art Walk Porty gus pìos obair ùr a chruthachadh do Portobello Community Choir, a chaidh a nochdadh mar pàirt den aplacaid digiteach The Bandstand Project. Anns an t-Òg-mhios, ghabh e pàirt ann am muinntireas ealain fad mìos aig Arteles Creative Centre ann am Fionnlann, far an do leasaich e dòigh-obrach airson mion-sgrùdadh agus ath-sgrìobhadh a dhèanamh air facal labhairteach de dhiofar chànanan. ’S e obair tèatar dannsa a th’ ann am pròiseact as ùire aige, Canto, a tha a’ co-mheasgachadh Polari le dreuchd-chainntean eile agus le Gàidhlig na h-Alba. A-nis, tha Ross ag obair air clàr aon-neach ùr. www.rosswhyte.com

 

MUIREANN KELLY

STIÙIRICHE NA H-EALAIN

’S ann à Siorrachd Mayo ann an Eirinn an Iar a tha Muireann Kelly. Dh’ionnsaich i dràma aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba agus Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig. B’ i an stiùiriche air Shrapnel ann an 2016 agus air Doras Dùinte ann an 2014; an dà dhealbh-chluich, air an riochdachadh le Theatre Gu Leòr, a’ dol air chuairt air feadh Alba. Sa Ghearran 2014, bha Muireann air a taghadh le Theatar Nàiseanta na h-Alba gus pàirt a ghabhail san ùine leasachaidh aig Monaick Mhòr do sgrìobhadairean Gàidhlig. B’ ann an sin a thòisich i a’ sgrìobhadh leis an dramaturg agus sgrìobhaiche Frances Poet. Sa Ghearran 2015, chaidh earrainnean às an dealbh-chluich ùr aice, Ceangailte/Tied, an taisbeanadh mar leughaidhean aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba. San t-Samhain 2015, b’ e Muireann neach-saothrachaidh Theatar Nàiseanta na h-Alba air an t-seachdain a ghlèidh iad airson cleasaichean agus stiùirchean ag obair tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha Muireann air nochdadh mar chleasaiche o chionn ghoirid ann an Outlander (Starz); ann an eadar-theagachadh Gàidhlig/Gaelige den dealbh-chluich aig Pauline Goldsmith, Dìreach Dathan Dealrach; ann an dràma Gàidhlig a choisinn ainmeachadh duais BAFTA, Calum Dongle (Sorbier Ltd/BBCAlba); ann an Leaving Planet Earth, Grid Iron-EIF; mar Olga san ath-sgrìobhadh aig John Byrne de The Three Sisters; mar Molly Bloom ann an Ulysses, Tron Theatre, a chaidh air chuairt ann an Sìonaidh ann an 2015, agus mar Flora ann an In My Father's Words, Dundee Rep, air chuirt air feadh Alba agus ‘off Broadway’, New York san t-Òg-mhìos, 2015.

San Lùnasdal 2016, thug Theatar Nàiseanta na h-Alba cuireadh dha Muireann a bhith na pàirt dhen chomhairle bha taghadh luchd-ealain ùr airson pròiseact leasachaidh – Starter for 10. Tha san treas bliadhna ag obair pàirt-ùine air MA Ag Ionnsachadh agus a’ Teagasg Ealain tro meadhan na Gàidhlig aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba agus, o chionn ghoirid, tha i air a bhith teagasg sgillean-gùth air a’ chùrsa BA Acting aig a’ Chonservatoire. Sa Ghearran 2017, bidh Muireann a’ stiùireadh an dealbh-chluich ùr, Gàidhlig aig Theatar Nàiseanta na h-Alba, Last Tango in Partick, le Alison Lang. Bidh an dealbh-chluich ri fhaicinn aig Oran Mòr.

San t-Iuchar 2016, fhuair Muireann taic co-choimisean bho Theatar Nàiseanta na h-Alba agus Theatre Gu Leòr gus dealbh-chluich a sgrìobhadh còmhla ri Frances Poet, Scotties .San t-Samhain, 2016, thàinig Graham MacLaren bhon Abbey Theatre ann am Baile Ath Clìath gus stiùireadh an t-seachdain leasachaidh de Scotties aig Theatar Nàiseanta na h-Alba. Bidh an dealbh-chluich air a riochdachadh agus air chùairt ann an 2018.

 

JESSICA kennedy

Coireògrafaiche

’S e coireògrafaiche agus neach-ealain dannsa cliùiteach a th’ ann an Jessica, a tha stèidhichte ann am Baile Àtha Cliath. Tha i na co-stiùiriche na h-ealain le Junk Ensemble, companaidh dannsa-tèatar cliùiteach is ùr-ghnàthach. Chaidh a treanadh anns na Stàitean Aonaichte, Baile Àtha Cliath agus Lunnainn, agus chuir i crìoch air a ceum Dannsa is Litreachas Beurla ann an Lunnainn. Tha i air tòrr taisbeanaidh a dhèanamh le companaidhean san RA agus san Roinn-Eòrpa. Chruthaich i am film duais-bhuainnaichte Motion Sickness ann an 2012, agus bidh i a’ coireògrafadh agus a’ co-obrachadh air iomadh pìosan obair film, tèatar, dannsa agus opara. Tha Jessica air obair ann an Alba mar stiùiriche gluasaidh airson taisbeanaidhean le The Tron (Glaschu/Beijing) agus dà thaisbeanadh le Theatre Gu Leòr. Tha i air òraidean a ghabhail aig oilthighean ann an Èirinn agus bidh i a’ cluich anns a’ chòmhlan-ciùil Everything Shook.

 

benny goodman

Dealbhadh Solais

Tha Benny Goodman air Dealbhadh Solais a dh’ionnsachadh agus fhuair e ceum BA Production Technology and Management bhon Acadamh-chiùil Rìoghail na h-Alba, far an d’ fhuair e an Duais Simon Crowther for Excellence and Commitment to the Institution.

Bho cheumnaich e, tha e air a bhith ag obair ann an taighean-cluiche air feadh na RA ann an iomadh phròiseactean agus taisbeanaidhean, agus tha e na cho-obraiche cruthachail leis a’ chompanaidh thèatar Wonder Fools.

Tha na credits aige a’ gabhail a-steach: Bana-ghaisgich/Heroines (BBC Alba, Steòrnabhag); Humbug (Tramway, Glaschu); Snow Queen (Associate - RCS/Dundee Rep Theatre); Like Animals (Tron Theatre); Ayanfe Opera (Bridewell Theatre, Lunnainn) Wired (Summerhall Fringe, Dùn Èideann); Immaculate Correction (Kings Head Theatre, Lunnainn); Sideshow (West Beer Brewery, Glaschu); The Coolidge Effect (Tron Theatre/Traverse Theatre/Macrobert/Glasgow School of Art); Spring Awakening (Associate - RCS/Dundee Rep Theatre); 549:Scots of the Spanish Civil War, Lampedusa, Pleasure and Pain (Citizens Theatre); The Poetry House (Tron Theatre); Circle of Fifths (Tron Theatre/Cockpit Theatre London); Burial At Thebes, Scavengers, Coriolanus, Dearest Scott Dearest Zelda, How To Own The Room (Acadamh-chiùil Rìoghail na h-Alba); Lysistrata, Medea (Stanwix Theatre, Carlisle).

 

lana pheutan

neach-ealain ionnsachaidh cruthachail

Thog Lana anns an t-Eilean Sgìtheanach is chaidh i gu Oilthigh Napier gus ceum a dhèanamh ann an cleasachd. Bidh Lana ag obair ann an Tèatar agus cuideachd air an Telebhisean. Tha ùidh aice ann an iomadh seòrsa dhràma, gu h-àraidh sgrìobhadh ùr agus a bhith ag obair ann an sgoiltean agus le dhaoine òga.

 
IMG_20160731_163118.jpg
 
 
josie.jpeg

RHONA nicdhùghaill

CO-ÒRDANAICHE

’S ann às an Òban a tha Rhona NicDhùghaill. Thòisich i ag obair ann an leasachadh coimhearsnachd agus nan ealain an dèidh dhì crìoch a chur air a’ cheum aice aig Oilthigh Ghlaschu. Còmhla ri Aileen Ritchie, stèidhich i companaidh tèatar do dh’oigridh, Ignite Theatre, a bha trì tursan nam pàirt den fhèis Exchange le Tèatar Nàiseanta na h-Alba, agus a bhuannaich Duais Philip Lawrence ann an 2008. Ann an 2013 thòisich i iris ùr air loidhne ann an Gàidhlig, Dàna, còmhla ri luchd-labhairt òga eile. Bho 2014, tha i air a bhith an sàs gu mòr ann a bhith a’ stèidheachadh ionad culturach coimhearsnachd ùr san Òban, Aonad Achadh na Creige. Tha i an-dràsta na ball bòrd stiùiridh den Touring Network. Dh’ionnsaich i a’ Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig.

 

josie campbell

greis gnìomhachais margaideachd

’S ann à Barraigh a tha Josie. Bha i na pàirt de Eden Court Young Company agus bha i an sàs le Fèis Theatre Òigridh grunn thursan. Às dèidh sin bha i ag obair mar cleasiche le Fèisean nan Gàidheil air pròiseact ùr, Dràma air Chuairt, a chaid air chuairt aig deireadh an t-samhraidh 2017. Bha i na trèaniche mar manaidsear stèidse le Traverse Theatre airson an Class Act Festival. A-nis, tha i ag obair air ceum co-urraman ann an Eachdraidh agus Poilitigs is Dàimhean Eadar-Nàiseanta aig Oilthigh Shrath Chluaidh