Mar a chluicheas tu

  • Ann an dithisean, tagh cò A agus cò B.

  • Seas air beulaibh càch a chèile agus coimhead ann an sùilean càch a chèile

  • Bidh A a’ gluasad mun cuairt an àite, a’ coimhead ann an sùilean B fad an t-siubhal. Fuirichidh B san aon àite ach faodaidh iad ìre atharrachadh.

  • Rannsaich ìrean, astar agus luaths.

  • Dèan iomlaid.

  • Thig còmhla a-rithist. A-nis, faodaidh gach cluicheadair gluasad, no fuireach far a bheil iad, aig àm sam bith, ach feumaidh an dithis a bhith mothachail air na daoine eile mun cuairt orra fad na h-ùine.

  • Tha an eacarsaich seo a’ toirt làn-aire ri dhèanamh ach tha e gu math feumail ann an càractar.

  • Tha e cuideachd math ri coimhead, ’s dòcha le ceòl a’ cluich aig an son àm.