rudeigin ri ràdh 2023

Dràma rèidio ùr anns a’ Ghàidhlig


Tha Theatre Gu Leòr air dà choimisean a thoirt do sgrìobhadairean Gàidhlig airson dràma rèidio Gàidhlig ùr, a thèid a riochdachadh ann an com-pàirteachas le BBC Radio nan Gàidheal.

An dèidh cho soirbheachail ’s a bha a’ chiad iomairt Rudeigin ri Ràdh ann an 2020/21, tha sinn a-nis airson togail air sin le bhith a’ coimiseanadh dà sreath ùr, le 4 earrannan de 15 mionaidean anns gach sreath. Thèid an dà sreath a chraoladh ann an 2023.

SPINS LE LAURA NICILLINNEIN AGUS TORMOD MACLEÒID

Bidh dithis sgrìobhadair òg à Leòdhas a’ leasachadh sgriobt beòthail mu òigridh air an eilean. A’ tighinn an ath-bhliadhna.

NIGHEAN AN DORSAIR LE ELSPETH TURNER

Bidh Elsbeth a’ leasachadh sgriobt ùr, stèidhichte air sgeulachd fìor, dorcha bho na 60an. A’ tighinn an ath-bhliadhna.

na sgrìobhadairean

laura nicillinnein

’S ann à Barabhas ann an Leòdhas a tha Laura agus tha i air a bhith a’ sgrìobhadh gu proifeiseanta airson 6 bliadhna. Fhuair i a’ chiad chothrom sgrìobhaidh aice air Bannan, far an tug i a-mach a ceàrd le Young Films agus far an do sgrìobh i, mar phàirt de sgioba, a’ mhòr-chuid dhen na h-earrainnean aig a’ cheann thall. Thar nam bliadhnaichean, ghabh i pàirt ann an cùrsaichean sgrìobhaidh eadar-dhealaichte aig an NFTS agus Theatre gu Leòr, agus gu sònraichte, an cùrsa cliùiteach Story Seminar aig Robert McKee. Bhon uairsin, tha i air a bhith a’ sgrìobhadh còmhla ri Tormod MacLeòid.

tormod macleòid

Tormod is from Carloway in Lewis. He has been working in the media as an actor/writer/director since he graduated from Sabhal Mòr Ostaig in 2017 with a First Class degree in Gaelic Media. He was part of the Young Films Foundation’s first intake in 2018 and has been a writer on the last two series’ of the TV show Bannan (2014-2021). Tormod was also an actor in the comedy series FUNC (2018-2019) which won RTS Scotland’s comedy award.

Elspeth Nic an Tuairneir

‘S ann a Fìobha a tha Elspeth Nic an Tuairneir. Tha i na cleasaiche is sgrìobhadair, is i a’ cruthachadh tèatair agus film ùr-nòsach ann an Gàidhlig is ann am Beurla. As dèidh dhith a bhith ag ionnsachadh danns ann an Lunnain agus tèatair aig an American Academy of Dramatic Arts ann an New York, bha i ag obair mar chleasaiche ann an Ameireagaidh, agus thill i a Alba ann an 2011. On a sin, tha i air a bhith ag obair le companaidhean air feadh na dùthcha -Theatre Nàiseanta na h-Alba, Theatre Gu Leòr, sruth-mara, agus The Traverse/Òran Mòr nam measg.

Faodar Elspeth fhaicinn an dràsda sa film ùr le Lyre Productions, Riptide – sgeul-gaoil anns a bheil sgrùdadh air sgoltadh-inntinne. Tha na dealbhan-cluiche aice a’ gabhail a-steach The Idiot at the Wall (2012), SpectreTown (2015), agus Savage Nation (2020) - a tha a’ deileagadh leis an dìleab eachdraidheil nan Gaidheil ann an America a Tuath. O chionn goirid, sgrìobh is stiùirich i film goirid sa Ghàidhlig, Marram, a chaidh a thogail ann am Beàrnaraigh Na Hearadh is ann an Dùn Èideann.

Tha i air duaisean sgrìobhaidh a bhuannachadh a The Peggy Ramsay Foundation, Playwrights Studio Scotland, agus The Tom McGrath Trust.

Ann an com-pàirteachas le BBC Rèidio nan Gàidheal. Le taic bho Alba Cruthachail agus Bòrd na Gàidhlig.