rudeigin ri rÀDH 2021

Dràma rèidio ùr anns a’ Ghàidhlig


‘S e pròiseact ùr a th’ann a Rudeigin ri Ràdh, ag amas air guthan ùr a bhrosnachadh ann an dràma rèidio.

Ghabh dà-dheug sgrìobhadair Gàidhlig pàirt ann am prògram leasachaidh air a chuir air dòigh le Theatre Gu Leòr agus Alba Cruthachail.

Fhuair ceithir sgrìobhadair an uairsin coimisean dealbh-cluich ùr dràma rèidio deich mionaid a dh’fhaid a chruthachadh. Chaidh na pìosan a craoladh air BBC Rèidio nan Gàidheal 27 - 30 An Giblean 2021.

Danns a’ Rathaid le Elspeth Turner

Cleasaichean: Elspeth Turner is Màiri Nic’IlleMhoire

Tha Anna a' fuireach leatha fhèin agus 's ann ainneamh a bhios i a' bruidhinn ri duin' eile, ach tha rud a' tachairt a tha toirt oirre càirdeas a thogail le tè ris a bheil ceangal tòrr nas dlùithe aice na bha i a' smaoineachadh. 'S e sgeulachd chianail, dhuilich a tha seo mun strì a th' aig dannsair òg ann a Lunnainn sna 50an. A' snìomh ri chèile cuspairean leithid miann faighinn air adhart, sinnsireachd agus sgaradh, tha dàimh ris nach robh dùil a' togail ceann am measg ceòl àlainn Swan Lake.

Panolof is Panalaf le Iain MacRàth

Cleasaichean: Iain MacRàth is Daibhidh Walker.

Tha iomadach sgoilear air a bhith deasbad cò às a thàinig Fir-tàileisg Leòdhais. Tha an comadaidh seo stèidhichte san Taigh-tasgaidh Nàiseanta, a' meòrachadh chan ann a-mhàin air cò às a thàinig iad ach air càit' a bheil iad a' dol. Aon uair 's gun tèid na solais às 's gun fhios do dhuine, tha iad a' teicheadh 's gun fhios ach aig an dà phàn càit' a bheil dùil riutha. Chan eil ach aon rud ceàrr - chan eil sgeul air a' chòrr de na fir-tàileisg agus gun duine a bheir cead dhaibh gluasad, ciamar a nì iad an rathad dhachaigh?

Rùintean Màiri Iain Mhòir le Màrtainn Mac an t-Saoir

Cleasaichean: Mairi Nic’IlleMhòire is Calum Dòmhnallach

Ged a chuir Covid-19 an saoghal aig a h-uile duin' againn bun-os-cionn dhar fàgail an-fhoiseil 's mì shuaimhneach, tha sinn air feuchainn ri sinn fhìn a chumail air dòigh le bhith coimhead air adhart ri nuair a bhios e seachad. Ach de a' bhuaidh a bh' aig a' ghlasadh a thàinig oirnn air na mairbh? 'S e dealbh-chluich mu dhòchas, mu chall 's mu ghaol a tha seo, stèidhicht' sna h-Eileanan an Iar le ceòl a tha a' toirt Uibhist - agus na mairbh! - beò dhuinn.

Èirigh le Martin O’Connor

Cleasaiche: Daibhidh Walker

Tha Èirigh a' meòrachadh air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig atharrachadh na gnàth-shìde air an àrainnneachd air eilean beag an Alba agus air beatha aon duine agus e a' feuchainn ri diofar a dhèanamh agus ri theaghlach a shàbhaladh 's a' muir ag èirigh. Tha mòran de na cuspairean as trice air am bi Màrtainn O' Connor a' togail na obair a' nochdadh san dealbh-chluich seo - fireanntas, creideamh, còmhradh aona ghuth agus comadaidh.

Stùiriche: Muireann Kelly

Dealbhaiche Fuaime is Deasaiche: Matt Padden

Ceòl: Pàdruig Moireasdan

Clàrsach: Malachy Arnold

Dramaturgy: Lynda Radley, Iain Fionnlagh MacLeòid, Oliver Emanuel is Catrìona Lexy Chaimbeul

Riochdaire sa Stiùidio: Catrìona Mhoireach

Os cionn Uidheamachd an Stiùdio: Sara Mattinson

Riochdaire: Annella NicLeòid

Leas-Choimiseanair: Calum McConnell

Co-òrdanaiche: Rhona NicDhùghaill

barrachd mun phròiseact

Thàinig cuid de na sgrìobhadairean on roinn tèatair, agus cuid eile o shaoghal na bàrdachd is nan nobhailean; bha cuid dhiubh air a bhith a’ sgrìobhadh fad bliadhnaichean mòra, agus cuid dhiubh dìreach air tòiseachadh. Chaidh diofar bùithtean-obrach agus seiseanan comhairle 1-2-1 a thoirt seachad le sàr-eòlaichean air dràma rèidio, sgrìobhadh na Gàidhlig, agus craoladh, leithid sgrìobhadairean/dramaturgs Oliver Emanuel, Lynda Radley, Iain Fionnlagh MacLeòid agus Catriona Lexy Chaimbeul, còmhla ri deasaiche agus riochdaire, Iain MacDiarmaid. A thuilleadh air sin, chaidh seiseanan a thoirt seachad ann an com-pàirteachas le Birds of Paradise Theatre, companaidh fo stiùir agus a tha ag obair còmhla ri luchd-ealain Ciorramach, gus ionnsachadh bhon eòlas a th’ acasan.

Chaidh na pìosan soirbheachail a thaghadh le panail de riochdairean Theatre Gu Leòr agus BBC Radio nan Gàidheal, agus eòlaiche neo-eisimeileach. ‘S iad Rùintean Màiri Iain Mhòir le Màrtainn Mac an t-Saoir, Danns’ a’ Rathaid le Elspeth Turner, Panalof is Panalaf le Iain Mac Ràth, agus Èirigh le Màrtainn O’ Connor. Tha sgioba de chleasaichean Gàidhlig air na pìosan a chlàradh, ‘s iad Màiri Morrison, Daibhidh Walker, Iain MacRàth, Elspeth Turner agus Calum Dòmhnallach. Tha Matt Padden a’ dèanamh deasachadh agus dealbhadh fuaime, agus Pàdruig Moireasdan a’ sgrìobhadh agus a’ clàradh ceòl ùr do gach pìos, le taic bho oileanach ciùil Malachy Arnold.

Thuirt Stiùiriche Ealain Theatre Gu Leòr, Muireann Kelly, “Bha sinn a-riamh airson dràma rèidio Gàidhlig a bhrosnachadh, agus chuir sinn romhainn obrachadh còmhla ri Radio nan Gàidheal gus an luchd-èisteachd as fharsainn a ruigsinn. Ri linn covid-19, tha na taighean-cluiche uile dùinte, agus tòrr dhaoine chruthachail air obair a chall. Mar sin, b’ e deagh àm a bh’ ann a bhith a’ cur a’ phròiseict seo, Rudeigin ri Ràdh, air bhog. Bha sinn airson cothroman leasachaidh agus cothroman obrach a thoirt do luchd-ealain na Gàidhlig, agus cuideachd airson guthan a chluinntinn nach cluinnear ro thric. Bha sinn air ar dòigh gun do chuir àireamh cho mòr de sgrìobhadairean Gàidhlig ùidh sa phròiseact, agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ris na coimiseanan ùra a sgaoileadh measg luchd-èisteachd Gàidhlig.”

Thuirt Calum McConnell, Leas-Coimiseanair aig a’ BhBC, “Bha e na thlachd dhuinn aig BBC Radio nan Gàidheal a bhith ag obair ann an co-bhann ri Theatre Gu Leòr air a’ phròiseact ùr cruthachail seo. Tha e fìor chudromach a bhith a’ leasachadh sgìlean dhaoine ann an dràma rèidio agus fhuair na com-pàirtichean taic bho sgrìobhadairean is proifeiseantaich cliùiteach tron sgeama. A cheart cho cudromach ge-tà, b’ e sin a bhith a’ toirt chothroman do dhaoine an obair aca fhèin a leasachadh, gu h-araid aig àm a’ ghlasaidh, is tha sinn uabhasach fhèin toilichte gu bheil ceithir sgrioptaichean ùra againn ri chraoladh air BBC Radio nan Gàidheal.”


Na sgrìobhadairean

RRR Sgrìobhadairean gun RRR.jpg

NA CLEASAICHEAN

Copy of Rudeigin ri Ràdh Landscape Dà-chànanach-2.jpg

Ann an com-pàirteachas le BBC Radio nan Gàidheal. Le taic bho Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig.