Mar a chluicheas tu
Bheir cuspair dhaibh
Bu chòir dhaibh sgrìobhadh gu luath, a’ chiad rud agus ge b’ e dè a thig thuca.
Lorg còig abairtean no seantansan a bhiodh a cumail cèill a’ phìos sgrìobhaidh, fiù ’s nan cuireadh tu às don chòrr.
A-nis tagh aon fhacal a-mach a gach seantans/abairt airson an ciall sin a chumail.
Cruthaich gluasad airson gach de na faclan sin.
Ceangal iad seo ri chèile le bhith ‘a’ leaghadh’ bho aon ghluasad dhan ath ghluasad, cuir air cuairtlean iad, gan dèanamh a-rithist is a-rithist.
Rannsaich inneach na gluasadan – slaodach, luath, sìnte, beag
Cruthaich sreath – 1 chuairt beag , 1 chuairt sìnte, neo a’ cantainn na faclan os àrd, msaa.
’S e dòigh luath a tha seo a bhith a’ cruthachadh teags agus gluasad a ghabhas leudachadh agus lìomhadh; faodar am buidheann air fad pìos gluasaid a dhèanamh còmhla le bhith ag ionnsachadh gluasadan daoine eile.
Dh’fhaodadh gum bi cuid de sgoilearan nas cofhurtaile ann am buidhnean beaga na sealltainn dhon chlas gu lèir. Nuair a bhios sibh ga shealltain, tha diofar roghainnean ann a thaobh ciamar a nì sibh e: uile aig an aon àm, ann am buidhnean, neo aon aig an àm, gach duine a’ tòiseachadh às dèidh a’ chiad chuairt aig an duine roimhe, mas e buidheann gu sònraichte dàna a th’ ann.