Neach-ealain Ionnsachaidh Chruthachail

An urra ri: Stiùiriche Ealain

Uairean: Pàirt-ùine, 0.6 FTE (co-ionnann ri 3 làithean gach seachdain)

Tuarastal: £24,230 PA pro rata

Faide: 1.5 bliadhna an toiseach, gu 31 Màrt 2023

Àite-obrach: Sùbailte

Tha sinn a’ sireadh neach cruthachail, rianach, dicheallach gus dreuchd Neach-ealain Ionnsachaidh Chruthachail a ghabhail os làimh. Ma tha ùidh agus eòlach agad ann an ionnsachadh cruthachail no obair dràma òigridh, bu mhath leinn cluinntinn bhuat.

Sa chiad dol a-mach, bidh an neach-obrach ag obair còmhla ri sgioba Theatre Gu Leòr, agus le taic bho mheantor le sàr-eòlas, bidh am fòcas agad air togail comasan agustrèanadh, agus ag aithneachadh is a’ leasachadh lìonradh de luchd-lìbhrigidh dràma air feadh Alba. Bidh an lìonradh seo an uair sin a’ cumail taic ri oifigearan òigridh, luchd-obrach coimhearsnachd agaus tidsearan aig a bheil ùidh ann an dràma gus barrachd a dhèanamh leis na buidhnean aca fhèin, agus dòighean a lorg gus obrachadh còmhla.

Cuideachd, bidh cothroman ann gus:

•      STARAN a leasachadh – ar prògram de leasachadh proifeiseanta agus cothroman trèanaidh

•      Cothrom leasachdh proifeiseanta agus trèanaidh a ghabhail thu fhèin

Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic am faidhle gu h-ìosal.

Ceann-latha: 5f, Dihaoine 10 Sultain


Tha Theatre Gu Leòr an geall air pàigheadh a h-uile neach-ealain is neach-obrach a bhios an sàs sna pròiseactan againn aig an ìre iomchaidh airson an cuid obrach agus oidhirp.

Cleachdaidh sinn stiùireadh Equity, ITC agus SSP, am measg stiùireadh o raointean eile. Faodar barrachd a leughadh mun stiùireadh seo air duilleag fiosrachaidh Alba Chruthachail an seo.