MAIM-SlÈ
“It brings a sudden flash of significant cultural history to light for these benighted times.” - Aonghas Phàdruig Caimbeul
Tha Theatre Gu Leòr gu math toilichte naidheachd a sgaoileadh mu Maim-Slè, cruinneachadh ùr de sgrìobhadh le Alasdair C. MacIlleBhàin agus obair-ealain le Alice NicBhatair, a’ phàirt mu dheireadh den phròiseact chliùiteach, MAIM.
Tha Maim-Slè a’ ciallachadh ‘torrent’, agus coltach ris a’ chòrr den phròiseact MAIM, tha an leabhar seo a’ togail ceistean mu chultar, cànan agus fearran, gu sònraichte ann am Muile agus sa Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, ach le buainteanas do dh’àitichean is coimhearsnachdan air an iomallachadh air feadh an t-saoghail. Tha Maim-Slè ri fhaotainn air loidhne bho Dihaoine 10 Sultain.
An dèidh seachdainn làn de luchd-èisteachd aig an Tron Theatre sa Mhàrt 2020 le MAIM an dealbh-chluich, chuir covid-19 stad air a’ chuairt fad 3 seachdainean a bha ron sgioba. Leis na taighean-cluiche uile dùinte, chuir Theatre Gu Leòr roimhe am pròiseact a leasachadh agus luchd-èisteach eile a ruigsinn, agus taic a chumail do luchd-ealain ag obair air an cinn fhèin aig àm gu math duilich.
An toiseach, thug iad coimisean do Ross MacIlleBhàin agus Alasdair C. MacIlleBhàin – an còmhlan Gàidhlig-electronica WHɎTE – airson clàr ùr. ’S e MAIM a th’ air a’ chlàr seo cuideachd, ’s e a’ leasachadh a’ chiùil a chaidh a’ sgrìobhadh don dealbh-chluich, le òrain Gàidhlig, pìosan ionnsramaideach agus pìosan labhairt. Chaidh a chur air bhog sa Mhàrt 2021 le fìor dheagh lèirmheasan, agus tha e ri cheannach agus ri sruthadh an-dràsta.
An uair sin, le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean, thug Theatre Gu Leòr comisean gu Alasdair C. MacIlleBhàin agus neach-ealain lèirsinneach Gàidhlig, Alice NicBhatair, gus leabhar ùr a chruthachadh le earranan on dealbh-chluich, còmhla ri bàrdachd agus rosg ùr sa Ghàidhlig agus sa Bheurla. Tha MacIlleBhàin air ràdh gu bheil an leabhar “a’ togail ceistean mun mhoraltachd agus tàbhachd mu choinneamh ‘rewilding’, oighreachdan is coilltean mòra coimeirsealta, ’s iad a’ cur is a’ cumail am falach an dualchas beartach againn, agus ar fèin-aithne, nuair a tha iad mar-tha fo chunnart èiginneach.” Tha a chuid sgrìobhaidh air fhigheadh còmhla le dealbhan àlainn le Alice NicBhatair, a bha na iar-dhealbhaiche air MAIM an dealbh-chluich.
Air a chlò-bhualadh le inc lusa agus air pàipear ath-chuairtichte, a’ cumail ri amasan pròiseact MAIM a thaobh an àrainneachd, tha facail-toisich leis a’ chraoladair Cathy NicDhòmhnaill, a bha o chionn ghoirid na neach-taisbeanaidh air prògram BBC Alba Trusadh Bàrdachd Ghàidhlig/Gaelic Poetry, agus leis a’ bhàrd cliùiteach Aonghas Phàdruig Caimbeul. Mar a tha Caimbeul air sgrìobhadh, “It brings a sudden flash of significant cultural history to light for these benighted times.”
A’ sgrìobhadh san Scotsman mu MAIM an dealbh-chluich ann an 2020, tha an sgrìobhadair Joyce MacMillan air ràdh, “Even before lockdown, there was something almost unbearably powerful about its sense of a civilisation running out of time – time to save the fragile marine environment of the Western Isles from ever-rising sea levels, time to save a million other global ecosystems under similar threat, and time to save those languages and cultures, now almost overwhelmed by an aggressive hyper-modernity, that contain almost all of humankind’s wisdom about how to live in a more sustainable way here on earth.”
Thuirt Muireann Kelly, Stiùiriche Ealain Theatre Gu Leòr, “Anns na h-amanan duilich seo, tha luchd-ealain, leithid an fheadhainn a bha an sàs ann am pròiseact MAIM, air sealltainn cho cruthachail agus cho neartmhor ‘s a tha iad. Tha sinn gu math moiteil gun robh cothrom againn taic a chumail riutha gus cumail orra a’ rannsachadh nan ceistean cudromach a tha MIAM a’ togail mu èiginn na gnàth-shìde ‘s mun èiginn chultarach a tha romhainn uile.”
Thuirt Alasdair C. MacIlleBhàin, “Tha an leabhar air cothrom thoirt dhomh an sgrìobhadh a rinn mi don dealbh-chluich agus sgrìobhadh eile a rinn mi air cuspairean a’ phròiseict – èiginn na gnàth-chànain; èiginn na gnàth-shìde; so-seasmhachd; fèin-rùnachadh; dearbh-aithne – a chur ann an clò. Tha mi gu math taingeil airson an taic a fhuair mi gus seo a thoirt gu buil, agus gu sònraichte airson a’ chothruim a bhith ag obair còmhla ris an neach-ealain Alice NicBhatair, a tha air ealain àlainn lèirsinneach a chur ris an leabhar agus toirt orm smaoineachadh as ùr air mo chuid sgrìobhaidh.”
Thuirt Alice NicBhatair, dealbhadair an leabhair: “Tha e air a bhith air leth tlachdmhor dhomh mar neach-ealain a bhith a’ leasachadh Maim-Slè thairis air diofar mhodhan-ealain. Le bhith a’ rannsachadh cuspairean a’ phròiseact ann an diofar dhòighean anns gach pàirt dhe, tha mi air tuigsinn nas doimhne fhaighinn orra, nach bithinn air faighinn as aonais sin.”
Dealbhan: Alice NicBhatair
Le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean