Lasag is a new scheme that will support the seeds of early ideas. It will give artists working with Gaelic the opportunity to take their first steps with a new project by spending time thinking about, researching and growing their ideas.
LASAG artists 2025
CatrìONA Mhoireach
Tha Catrìona à Eilean Leòdhais, na craoladair is na sgrìobhadair, agus tha i a’ fuireach ann an Glaschu. Bha i na riochdaire aig BBC Radio nan Gàidheal airson 30 bliadhna, ag obair ann an naidheachdan, ceòl, ealain is prògraman aithriseach agus cuideachd ann an obair riochdachaidh airson telebhisean. ’S i deasaiche Doras gun Chlàimhean, leabhar dà-chànanach de dhàin Mhurchaidh MhicPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, a tha air grunn dhuaisean litreachais a bhuannachadh.
Martin O’Connor & Chloe Shimmin
Tha Martin na chleasaiche, bhàrd agus neach-ealain thèatair à Glaschu. Bidh e gu sònraichte ag obair air sgrìobhadh ùr, sgrìobhadh thèatair agus ‘spoken word’, is cuiridh e cudrom air pròiseactan com-pàirteachaidh. Tha e air tòrr obrach a dhèanamh còmhla ri tèataran òigridh a leithid Toonspeak agus Tron Theatre Young Company. Bidh Martin gu tric a’ sgrìobhadh ann an Albais Ghlaschu agus tha e ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha e an-dràsta na sgriobhadair agus prìomh chleasaiche air Through The Shortbread Tin, còmhla ri Tèatar Nàiseanta na h-Alba.
Tha Chloe na neach-ealain thèatair stèidhichte ann an Glaschu. Bidh i ag obair gu sònraichte còmhla ri òigridh air pròiseactan com-pàirteachaidh cruthachail. Tha i ag obair còmhla ri Toonspeak agus Starcatchers, agus tha i na stiùiriche air ‘Ravers' aig Pitlochry Festival Theatre, pàirt de Kensington Arts Youth Theatre’s National Theatre Connections. Tha i na prìomh neach-ealain air Fyvie’s Alive, dealbh-chluich air a chruthachadh le òigridh bho Fyvie Castle còmhla ri National Trust for Scotland. Thòisich Chloe companaidh tèatar cloinne Hello Little People ann an Eilean Mhannain, far an deagh a togail. Tha i ag ionnsachadh Gàidhlig Mhanainn le ùidh anns na ceanglaichean eadar Gàidhlig na h-Alba is Gàidhlig Mhanainn.
Rhiannon Ledwell
Rhiannon is an internationally accomplished sitarist, composer and arranger. Now based in Aberdeen, she is exploring ways to bridge her two worlds - Gaelic language and North Indian Classical music - through drama, composition and short stories. She has trained extensively under Alam Khan and Arjun Verma at the Ali Akbar College of Music, and she is currently completing a degree in Gaelic.