Mu dhèidhinn a’ Phrògram

’S e sgeama ùr a th’ ann an Lasag, a chuireas taic ri beachdan aig fìor thràth-ìre. Bheir e cothrom do luchd-ealain Gàidhlig an ciad ceumanan a ghabhail le pròiseact ùr tro bhith a’ cur seachad ùine a’ smaoineachadh, a’ rannsachadh agus toirt fàs air am beachdan. 

Dè gheibh luchd-ealain lasag?

Gheibh gach tagraiche soirbheachail:

  • Buidseat de suas gu £1,000 airson iad fhèin a phàigheadh agus cosgaisean eile;

  • Seisean taic le meantor cruthachail freagarrach (m.e. dramaturg, riochdaire, stiùiriche);

  • Buidseat fa leth de £200 airson tachartasan tèatair a’ frithealadh a chuireas ri eòlas an neach-ealain;

  • Taic bho sgioba Theatre Gu Leòr airson rudan a chuir air dòigh, am pròiseact a leasachadh agus beachdachadh air na h-ath cheumanan;

  • Cosgaisean so-ruigsinneach fa leth, a’ toirt a-steach cosgaisean cùram cloinne, ma bhios iad a dhìth;

  • Gus nach tèid bacadh sam bith a chuir air luchd-ealain stèidhichte air a’ Ghaidhealtachd agus sna h-eileanan gheibh iad sin taic a’ bharrachd airson cosgaisean siubhail a tha a dhìth.

Tha an cothrom sùbailte, agus obraichidh sgioba Theatre Gu Leòr leat air dè an cruth as cuideachaile dhan phròiseact agad. Dh’fhaodadh gum biodh tu:

  • a’ cuir seachad ùine a’ rannsachadh;

  • a’ sgrìobhadh earranan den phròiseact;

  • a’ dèanamh agallamhan le com-pàirtichean;

  • a’ cruinneachadh clàraidhean airson pìos fuaim;

  • neo rudeigin gu tur eadar-dhealaichte!

Ciamar a thèid tagraidhean a mheasadh?

Tha sinn a’ cuir fàilte air farsaingeachd de phròiseactan, ann an diofar chruthan agus le buaidh bho dhiofar ghnèithean-ealain, leithid ceòl neo dannsa. ’S e am prìomh ‘eligibility criteria’ gur e pròiseact tèatair a bhios ann, gu bheil Gàidhlig aig a’ phrìomh neach-ealain agus gur i Gàidhlig prìomh cànan a’ phròiseact, ged a dh’fhaodadh pàirtean den phròiseas tachairt tro chànanan eile m.e. com-pàirteachadh le, no meantorachd bho, dhaoine aig nach eil Gàidhlig.

Cuideachd, thèid na pròiseactan a mheasadh a thaobh na leanas:

  • Dè cho iongantach sa tha am beachd;

  • Dè an comas a th’ aige fàs gu ìre nas susbainteach;

  • Dè cho cuideachail sa bhiodh an cothrom Lasag dhan bheachd agus dhan neach-ealain.

Ciamar a chuireas mi a-steach iarrtas?

Innis dhuinn mun phròiseact agad agus mu do dheidhinn fhèin leis am foirm gu h-ìosal.

Ceann-latha airson tagraidhean: 10m, Diluain 3mh Màrt

Fios air ais do thagraichean: ro Dihaoine 14mh Màrt

Ma tha ceistean sam bith eile agad, neo nam biodh e nas fhasa dhut tagradh a chuir thugainn ann am format diofraichte (m.e. bhideo), faodaidh sibh fios a chuir thugainn aig info@theatreguleor.com.