IÒGA LE PUPAID A’ TILLEADH san Òg-mhios!
Bidh Beth Frieden, Charlotte Allan, agus Sonia Gardes a' dèanamh taisbeanaidhean far a bheil Miranda am Pupaid ag innse sgeulachd mu dheidhinn anail agus a' teagasg leasan iòga aig an aon àm, agus a' toirt cothrom don luchd-èisteachd a bhith a' gabhail pàirt.
Thòisich am pròiseact aig Fèis Imaginate, agus le taic maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, rinn an triùir leasachadh air an sgeulachd agus chuir Beth sa Ghàidhlig e.
Bidh Miranda agus an sgioba Iòga le Pupaid a’ nochdadh aig na tachartasan a leanas:
Latha Gàidhlig aig Pàirc Mugdock, Didòmhnaich 2 An t-Òg-mhios
Bidh Miranda ann mar phàirt den phrògram de thachartasan latha Gàidhlig aig Pàirc Mugdock. Thèid seiseanan a thaisbeanadh aig 11:30m, 1:15f agus 2:45f. Airson àite an-asgaidh a ghlèidheadh, cuir fòn gu 0141 956 6100.
Gala Gàidhlig aig Fèis Taobh an Iar ann am Partaig, Disathairne 8 An t-Òg-mhios
Bidh Miranda agus an sgioba a’ taisbeanadh seiseanan aig 10m, 11m, 12f agus 1f aig Theatre Gu Leòr, Unit 3, 22 Sràid Achadh a’ Mhansa, Partaig, Glaschu, G11 5QP.
Tha na seiseanan seo saor an-asgaidh, 25 mionaidean de dh’fhaide agus freagarrach do clann-sgoile agus inbhich.