DREUCHDAN BÀNA
Tha Theatre Gu Leòr a’ fàs agus tha sinn a’ sireadh dà neach-obrach ùr airson taic a chuir ri na h-amasan agus na pròiseactan againn.
Tha sinn a’ trusadh:
Stiùiriche Strabang! (Tèatar Òigridh Nàiseanta na Gàidhlig a th’air a ruith le Theatre Gu Leòr)
Neach-taic Riochdachaidhean
Tha an sgioba againn taiceil agus sùbailte; bidh an obair againn ag atharrachadh bho latha gu latha agus tha sinn a’ cuideachadh càch a chèile leis a h-uile rud. Mar sin, tha sinn airson cluinntinn bho farsaingeachd de dhaoine ge bith dè na sgilean a th’ aca neo na h-obraichean a tha iad air dèanamh roimhe. Thèid dleastanasan, uairean agus cumhaichean nan dreuchdan a chruthachadh timcheall air an dithis tagraiche soirbheachail.
Thèid trèanadh agus stiùireadh a thoirt do na tagraichean soirbheachail. ’S e an rud as cudromaiche dhuinne a bhith a’ lorg daoine a tha misneachail nan cuid Gàidhlig le ùidh sna h-ealain agus ann an tèatar, a tha deònach ceistean fhaighneachd agus sgilean ùra ionnsachadh.
Tuarastal:
£27,500-£30,000 FTE, a reir eòlas
Sochairean eile:
30 làithean-saora pàighte gach bliadhna, sgeama pennseinn dreuchdail, sgeama Bike2Work, cothroman a bhith a’ faicinn tèatar agus tachartasan ealain eile
Uairean-obrach:
Làn-ùine neo pàirt-ùine, ri aontachadh leis gach tagraiche soirbheachail
Àite-obrach:
Àite sam bith ann an Alba, le siubhal an lùib an obair