Mar a’ chluicheas tu
Fhathast sa chearcall. Dùinidh gach cluicheadair an sùilean. Taghaidh iad neach eile san t-seòmar gun a bhith a’ leigeil fios dhaibh.
Tha am buidheann a’ gluasad mun cuairt an seòmar agus feumaidh gach neach fuireach cho fad air falbh sa ’s urrainn dhaibh bhon neach a thaghadh iad. ’S e Cunnart a th’ ann dhaibh. Aig an aon àm, feumaidh iad cumail orra a’ gluasad agus a’ fuireach astar bho chèile.
Stad. Dùinidh gach cluicheadair an sùilean. Taghaidh gach cluicheadair neach eile san t-seòmar a-rithist, cuideigin eadar-dhealaichte bhon Chunnart aca. Seo an Dìonadair aca.
Gluais mun cuairt an àite, a’ feuchainn ris an Dìonadair a chumail eatarra fhèin agus an Cunnart.
Stad. Faighnich cò tha air a bhith soirbheachail a’ cumail an Dìonadair eatarra fhèin agus an Cunnart.