rudeigin ri rÀDH
Dràma rèidio ùr anns a’ Ghàidhlig
Na cleasaichean
Màiri Nic’IlleMhoire
Fhuair Màiri Nic’IlleMhoire a cuid threànaidh na cleasaiche aig an RCS ann an Glaschu. Tha i cuideachd na seinneadair proifeiseanta agus sgrìobhadair, a còisinn duais Sgrìobhadair Dràma Ùr bho Playwrights’ Studio Scotland.
Tha a cuid obrach ann an tèatar a’ gabhail a-steach: Move/Gluasad (Disaster Plan), Bana-Ghaisgich, Scotties, Ceilidh, Shrapnel (Theatre Gu Leòr) Last Tango In Partick (National Theatre of Scotland), Dunsinane (National Theatre of Scotland/Royal Shakespeare Company), Briseadh na Cloiche, (C ’s C Productions), Yellow on the Broom, Perfect Days, Whisky Kisses, The Admirable Crichton (Pitlochry Festival Theatre), Away with the Birds (Trigger Stuff), Angus: Weaver of Grass (Horse + Bamboo Theatre), A Dead Man’s Dying (Òran Mòr/NTS), Jacobite Country, The Seer (Dogstar Theatre), Eat your Heart Out (Òran Mòr).
Tha a cuid obrach ann an TBh/Fiolm a’ gabhail a-steach: Outlaw King, Bannan, KaRe Morag, Briseadh na Cloiche, Dà Là san Damhair, Bad Brown Owl, agus an t-uamhas obrach thar-ghutha.
Tha Màiri ag obair air clàr ùr an-dràsta.
Daibhidh Walker
Tha Daibhidh Walker a Uibhist a’ Deas agus tha e air a bhith cleasachd airson faisg air fichead blidhna. Tha e air a bhith a’ cruthachadh diofar proisteactan don àrd ùrlar, MacBheatha agus Oidhche Meadhann Samharaidh nam measg. Bha e na sgrìobhadair agus chleasaiche don phrogram TBh PC Alasdair Stuibhart, agus na chlesaiche san t-sreath dràma Bannan, cho math ri bhith a’ dèanamh obair thar-ghutha do dhiofar phròiseactan.
Calum MacDonald
Tha Calum Dòmhnallach à Uibhist a Tuath agus cheumnaich e à Oilthigh Ghlaschu ann an 2014.
Tha obair telebhisean a gabhail a-steach Clann a' Chogaidh Mhoir, Buidheagan, agus Blood of the Clans. Tha e cuideachd na phreseantair air CBBC ALBA.
Thoisich e air ard-urlar leis an tionndaidh aig Theatair Naiseanta na h-Alba de Uisge Beath gu Leor. Bha e cuideachd na phairt de'n ensemble airson The Cheviot, the Stag and the Black Black Oil, air a riochdachadh le Dundee Rep agus da chuairt an deaghaidh sinn air an riochdachadh le Theatair Naiseanta na h-Alba. Bha e cuideachd na phairt de da dhealbh cluich air an riochdachadh le Theatair gu Leor, Shrapnel agus Ceilidh.
Iain MacRae
Thòisich Iain air sgrìobhadh ann an 2013, is e Panolof is Panalaf an siathamh dràma a sgrìobh e gu ruige seo. Chaidh Fantom a thaisbeanadh gu soirbheachail aig an Citizens Theatre ann an 2014. Choisinn e duais Sgrìobhadair Dealbhan-cluiche Ùr 2015 bho Playwrights Studio Scotland. Chaidh Briseadh na Cloiche a thaisbeanadh agus a chlàraidh aig Webster’s Theatre ann an 2016, agus a thaisbeanadh an uair sin aig Glasgow Short Film Festival, Stornoway’s Faclan festival agus Babel International Film Festival in Sardinia. Chaidh a chraoladh air BBC Alba Latha na Callainn 2017. Chaidh Tir is Tuil a thaisbeanadh mar ‘rehearsed reading’ aig an Citizens Theatre ann an 2017. Choisinn Taigh Sheonachain Duais Dòmhnall Meek 2017. Chaidh Dirlo – Am Fear Maireann a thaghadh mar phàirt de Scenes for Survival (National Theatre of Scotland/BBC) agus a chraoladh air BBC Alba ann an 2020. Choisinn Iain an Scottish Book Trust 50-word Story Award le Turas Baidhseagail ann an 2018, agus le Speuclairean ann an 2020. Choisinn an sgeulachd ghoirid Mach an Geata am Morton Writing Prize ann an 2019.
Chaidh bàrdachd Iain fhoillseachadh le Poet’s Republic 3, 6 agus 8, agus ann an New Writing Scotland 36, a bharrachd air a’ phod-chraolaidh, A’ Chrannag (2019).
Tha Iain air a bhith ag obair mar chleasaiche sa Bheurla agus sa Ghàidhlig do TBh, don àrd-ùrlar, do rèidio agus do fhiolm fad còrr is 35 bliadhnaichean, is e a’ nochdadh air a’ BhBC ann an Gruth is Uachdar, Ran Dan agus Bannan, agus ann am Machair (STV).
Elspeth Nic an Tuairneir
’S ann a Fìobha a tha Elspeth Nic an Tuairneir. Tha i na cleasaiche is sgrìobhadair, is i a’ cruthachadh tèatair agus film ùr-nòsach ann an Gàidhlig is ann am Beurla. As dèidh dhith a bhith ag ionnsachadh danns ann an Lunnain agus tèatair aig an American Academy of Dramatic Arts ann an New York, bha i ag obair mar chleasaiche ann an Ameireagaidh, agus thill i a Alba ann an 2011. On a sin, tha i air a bhith ag obair le companaidhean air feadh na dùthcha -Theatre Nàiseanta na h-Alba, Theatre Gu Leòr, sruth-mara, agus The Traverse/Òran Mòr nam measg.
Faodar Elspeth fhaicinn an dràsda sa film ùr le Lyre Productions, Riptide – sgeul-gaoil anns a bheil sgrùdadh air sgoltadh-inntinne. Tha na dealbhan-cluiche aice a’ gabhail a-steach The Idiot at the Wall (2012), SpectreTown (2015), agus Savage Nation (2020) - a tha a’ deileagadh leis an dìleab eachdraidheil nan Gaidheil ann an America a Tuath. O chionn goirid, sgrìobh is stiùirich i film goirid sa Ghàidhlig, Marram, a chaidh a thogail ann am Beàrnaraigh Na Hearadh is ann an Dùn Èideann.
Tha i air duaisean sgrìobhaidh a bhuannachadh a The Peggy Ramsay Foundation, Playwrights Studio Scotland, agus The Tom McGrath Trust.
Ann an com-pàirteachas le BBC Radio nan Gàidheal. Le taic bho Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig.