Cora - gaisgeach nan gràineag
Dealbh-cluich le pupaidean airson clann aois 4-7
na cleasaichean
Tha Ava NicFhionghain na cleasaiche stèidhichte ann an Glaschu. An drathast, tha i a’ dèanamh ceum ann am Musical Theatre aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Cuideachd, rinn i Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Aig aois 13, sgrìobh agus stiùir i fiolm goirid sa Ghàidhlig, a’ bhuannaich duais Fiolm Fòn-Làimhe as Fhèarr aig FilmG. Ann a 2018, bha i ainmichte mar Tosgaire Òg nam Bliadhna aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba. O chionn ghoirid, bha i na cleasaiche ann an RESTING PLACE, pìos ‘site-specific’ a’ gabhail àite ann an Clagh Ramshorn ann a Glaschu mar phàirt de Fèis Baile nam Marsantan 2022.
Tha Katie Hammond à Lannraig a Tuath agus tha i air a bhith a’ cleasachd agus an sàs ann an dràma na Gàidhlig bhon a bha i òg. Tha i air cleasachd aig Fringe Dhùn Èideann agus ann an fiomaichean oileanach, cho ri math FilmG. Tha i air obair a dhèanamh air diofar phròiseactan, leithid bhideo ciùil Niteworks agus sanas-reic Oban Live. Choisinn i HND Acting and Theatre Performance aig Glasgow Kelvin College. An-dèidh sin, chaidh i a dh’obair dha Fèisean nan Gàidheal ann an dealbhan-chluich Gàidhlig, Pantos agus a’ stiùireadh bùithtean-obrach dràma do chloinne bhunsgoile air feadh na Gàidhealtachd agus na h-Eileanan. Tha i cuideachd air ceumnachadh bhon Chùrsa Meadhanan aig Sabhal Mòr Ostaig.
’S e neach-ealain Albannach a th’ ann an Kit Rodman-Orr, le uidh shònraichte ann a bhith ag obair le òigridh agus ann an roinn thèatar corporra. As dhèidh dhaibh cheumnachadh le Maighistearachd ann an Thèatar airson Luchd-amharc Òga, thill iad gu Alba ann an 2017 far an robh iad air a bhith ag obair gu cunbhalach le companaidhean mar Phlatform, All Or Nothing agus Cumbernauld Theatre.