Caiptean Cora
Le/by Lana Pheutan, MJ Deans, Beth Frieden agus Muireann Kelly
Dealbh-chuich le pùpaidean ‘son cloinne sa chlas 1-4
Tha Cora air ais sa bhaile mhòr ’s i ag ionndrainn a caraid Calum.
Cò dh’fhaodadh a cur ann an deagh shunnd agus gàire oirre a-rithist?
Le òrain, pùpaidean agus càirdeas, cò aig a tha fios dè idir a tha romhainn?
’S ann a’ Ghàidhlig a tha an dealbh-chluich seo air fad agus furasta a thuigsinn do luchd-ionnsachaidh, oir bidh tòrr òrain, spòrs agus pùpaidean na lùib.
Cleasaichean
MJ Deans - Cora
Beth Frieden - BB
Lana Pheutan - Crùbag Crosta
Sgioba Cruthachail
Stiùiriche - Muireann Kelly
Pùpaidean - Ella McKay
Dealbhadh - Alice Watson
Freagarrach dha: Clas 1 - 4
Dè d’ fhaide: 20-25 mionaidean
Cinn latha: Diluain 14mh & Dimàirt 15mh den Dàimhair 2019
Cuin: 10m, 11m, 12f, 2f, 3f agus 4f
Càite: Glasgow City College - Coinnichidh sinn còmhla aig an Ionad fàilte air an dàrna làr, 10 mionad ro gach taisbeanadh
Le taic bho Bòrd na Gàidhlig, Mòd Ghlaschu 2019 agus Alba Chruthachail