Mar a’ chluicheas tu

  • Seasaidh am buidheann ann an cearcall. Tha iad ‘air a’ bhruaich’.

  • Nuair a chanas an ceannard ‘sa bhoglaich’ gabhaidh am buidheann ceum air adhart. Nuair a chanas an ceannard ‘air a’ bhruaich’ gabhaidh iad ceum air ais. Stèidhich seo an toiseach. Brosnaich iad a bhith gluasad le misneachd. Faodaidh an ceannard rudeigin mar ‘air a’ bhùntata!’ neo a leithid a ràdh cuideachd, gus am buidheann a chur troimh-chèile.

  • Ma ghluaiseas duine nuair nach eil còir, tha iad ‘a-mach’ (air neo, cuiridh iad car far a bheil iad agus cumail iad orra).