Mar a chluicheas tu

Aon fhacal

  • Canaidh gach cluicheadair aon fhacal aig an àm airson sgeulachd a chur ri chèile còmhla.

  • Canaidh an ceannard ‘puing-stad, seantans ùr’ no ‘an deireadh’ aig amannan freagarrach ma bhios am buidheann air fad ga chluich còmhla. Chan fheumar seo ann am buidhnean beaga no dithisean.

  • Gabhaidh seo a leasachadh cuideachd far am biodh gach facal a’ leantainn òrdugh an aibideil.

Aon seantans

  • An aon rud, ach canaidh gach cluicheadair aon seantans den sgeulachd.

Sgeulachd leantainneach

  • Ann an dithisean, tagh cò A agus cò B.

  • Bheir an ceannard tìotal airson sgeulachd dhuibh.

  • Tòisichidh A an sgeulachd.

  • Nuair a chanas an ceannard ‘atharraich’ gabhaidh B thairis air an innse. Cùm an sgeulachd a’ dol.