Mar a chluicheas tu
Thèid cluicheadair gu meadhan a’ chearcaill.
Bidh iad a’ coimhead gu dìreach air cuideigin eile. Coisichidh iad gan ionnsaigh, ag ràdh, ‘A ghràidh, innis dhomh gu bheil gaol agad orm.’
Canaidh an darna cluicheadair, ‘A’ ghràidh, tha fios agad gu bheil gaol agam ort ach chan urrainn dhomh gàireachdainn’.
’S e an t-amas aig a’ chiad chluicheadair toirt air a’ chluicheadair eile gàireachdainn.
Feumaidh an dàrna cluicheadair freagairt gun fiamh-gàire no gàireachdainn.
Ma bhios an dàrna cluicheadair a’ gàireachdainn, bi iadsan a’ gluasad a-steach don chearcall. Mura bhitheas, gluaisidh a’ chiad cluicheadair air adhart gu cuideigin ùr, ag atharrachadh an ro-innleachd aca airson toirt air cuideigin a bhith gàireachdainn.