STIÙIRICHE EALAIN A STÈIDHICH THEATRE GU LEÒR A’ GLUASAD GU DREUCHD Ùr ANN AN ÈIRINN
Bidh Muireann Kelly, Stiùiriche Ealain agus Ceannard Theatre Gu Leòr, a stèidhich a’ chompanaidh thèatar Ghàidhlig, a’ fàgail na companaidh sa Chèitean 2023 gus a bhith na Stiùiriche Ealain aig Fíbín sa Taibhdhearc, Tèatar Nàiseanta na Gaeilge, Gaillimh.
À Contae Mhaigh Eo ann an Èirinn bho thùs, thug Muireann seachdan na bliadhnaichean tràth cleasachd aice ag obair ann am Baile Àtha Cliath agus air cuairt leis an Abbey san RA, sna Stàitean agus ann an Hong Kong. Anns na 1990s thàinig i a dh’Alba gus ceum a dhèanamh ann an cleasachd aig an Royal Conservatoire of Scotland, agus tha i air a bhith ag obair mar chleasaiche agus stiùiriche an seo bhon uair sin. Ann an 2010, ghluais i còmhla ris an teaghlach aice don Eilean Sgitheanach, far an do dh’ionnsaich i a’ Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig, agus dh’fhàs an ùidh a bh‘ aice ann an Gàidhlig agus ann an tèatar ioma-chànanach bhon sin.
Ann an 2014, dh‘iarr Òran Mòr air Muireann dealbh-chluich Gàidhlig ùr le Catrìona Lexy Chaimbeul a lesachadh agus a stiùireadh, Doras Dùinte. Chaidh Theatre Gu Leòr a stèidheachadh an uair sin, leis an amas a bhith a’ cruthachadh companaidh tèatar Gàidhlig co-aimsireil a bhiodh a’ cur prìomhachas air a bhith a’ toirt sgrìobhadh ùr sa Ghàidhlig don àrd-ùrlar. Tha cleachdadh teicneòlais ioma-mheadhanach ùr air a bhith cudromach don chompanaidh, cho math ri bhith a’ dèanamh tèatar ruigsinneach leis na h-àmasan cruthachail as àirde.
Tha Theatre Gu Leòr air tèatar na Gàidhlig a thoirt do luchd-èisteachd farsainn air feadh Alba agus thall thairis. Tha ionnsachadh cruthachail agus leasachadh proifeiseanta air a bhith nam pàirtean fìor chudromach do dh’obair na companaidh cuideachd, agus Muireann den bheachd gu bheil sin deatamach ma bhios tèatar na Gàidhlig seasmhach san àm ri teachd.
Gu ruige seo, tha Muireann air seachd dealbhan-cluiche a choimiseanadh agus a chur air an àrd-ùrlar, agus air cuairt gu nàiseanta, ’s sin a’ toirt a-steach dà chuairt eadar-nàiseanta. Tha a’ chompanaidh air sia dràmathan/sreathan rèidio ùr a leasachadh agus a choimiseanadh, a bharrachd air dà fhiolm ghoirid; tha i air ceithir dealbhan-cluiche fhoillseachadh, a bharrachd air grunn leabhraichean cloinne, air an stèidheachadh air sreth de dhealbhan-cluiche a chaidh a choimiseanadh agus a thoirt gu buill do luchd-èisteachd òg tron ghlasadh.
Ann an 2021, bhuannaich Theatre Gu Leòr Duais Ealain is Cultair, le taic bho Alba Chruthachail, aig na Duaisean Gàidhlig, airson sreath dràma rèidio ùr, Rudeigin Ri Ràdh, ann an com-pàirteachas le BBC Radio nan Gàidheal. Chaidh na dràmathan rèidio ainmeachadh airson Duais Torc aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach ann an 2022 cuideachd.
Ann an 2018, chaidh an dealbh-cluiche Cèilidh a chur air a’ gheàrr-liosta airson Duais Ealain is Cultair, agus bhuannaich Shrapnel an duais ann an 2016. Chaidh MAIM, clàr de cheòl air a choimiseanadh le Theatre Gu Leòr, air a stèidheachadh air ceòl bhon dealbh-chluich MAIM, a chur air geàrr-liosa Clàr na Bliadhna 2022 aig Na Trads. Chaidh leabhar cloinne Captain Cora agus leabhar Maim-Slè a choimiseanadh le Muireann aig Theatre Gu Leòr, agus chaidh an dà ainmeachadh airsion Duais Litreachas na Gàidhlig ann an 2022.
’S e Stornoway, Quebec le Calum L. MacLeòid an ochdamh dealbh-cluich Theatre Gu Leòr’s, am fear mu dheiread còmhla ri Muireann mar Stiùiriche Ealain, ’s e ga fhosgladh aig An Lanntair ann an Steòrnabhagh aig deireadh a’ Mhàirt. Thèid an dealbh-chluich an uair sin air cuairt a Mhuile, Obar Dheathainn, Dùn Èideanan, Inbhir Nis, leis a’ chuairt ga crìochnachadh aig an Tron Theatre ann an Glaschu air 15 Giblean. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun chuairt air làrach-lìn na companaidh.
Anns a’ Chèitean, tillidh Muireann do thaobh siar Èirinn gus tòiseachadh na dreuchd ùr aig Fíbín sa Taibhdhearc, Tèatar Nàiseanta na Gaeilge ann an Gaillimh. Tha i a’ tighinn an dèidh an Stiùiriche Ealain mu dheireadh, Philip Doherty, a sheas sìos san earrach. Bidh i os cionn a’ phrògraim aig An Taibhdhearc, taigh-cluich le 148 sèithrichean aig cridhe Gaillimh, an aon baile mòr dà-chànanach ann an Èirinn. Bidh Muireann ag obair còmhla ri Darach Ní Tuairisg, Ceannard a stèidhich Fíbín, agus còmhla ris an luchd-obrach agus bùird Fíbín agus An Taibhdhearc, gus dèanamh cinnteach gun tèid obair ùr, bhrosnachail a dhèanamh ann an Gàidhealtachd na h-Èirinn, sa Ghaeilge agus gu h-ioma-chànanach.
A’ bruidhinn air a dreuchd ùr, thuirt Muireann:
“Ged a tha mi brònach a bhith a’ falbh, tha fhios agam gu bheil mi a’ fàgail Theatre Gu Leòr ann an deagh àite, le sgioba agus bòrd air leth, agus tha mi a’ dèanamh fiughair ris an obair ùr a nì iad fhaicinn fo stiùir Stiùiriche Ealain ùr. Tha mi dealasach a thaobh a bhith a’ dèanamh agus a’ leasachadh tèatar sna cànanan Gàidhlig agus tha fadachd orm ri tòiseachadh mar Stiùiriche Ealain aig Fíbín sa Taibhdhearc, ann an Gaillimh. Tha mi an dòchas, sna bliadhnaichean a tha romhainn, gum bi an Taibhdhearc na dhachaigh do luchd-ealain a tha ag obair ann an tèatar sa Ghaeilge, far am fàs is am beartaich an cuid obrach.”
Thuirt Ceannard Fíbín, Darach Ó Tuairisg:
“Leis gu bheil sinn a’ comharrachadh fichead bliadhna de Fíbín, tha mi air mo dhòigh fàilte a chur air Muireann san dreuchd ùr seo, agus fadachd orm ri obrachadh còmhla rithe, oir tha mi air a bhith measail air a cuid obrach fad ùine mhòr. Tha mi gu math taingeil do Philip Doherty airson an sàr-obair a rinn e còmhla ri Fíbín thar na ceithir bliadhna a dh’fhalbh mar Stiùiriche Ealain agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dha san ath cheum aige. Bidh an t-eòlas farsainn a th’ aig Muireann bhon a bhith ag obair ann an tèatar na Gàidhlig gu math luachdmhòr dhuinn aig Fíbín nar cuid obrach. ’S e àm gu math brosnachail a tha seo do thèatar na Gaeilge.”
Thuirt Michelle NicLeòid, cathraiche Theatre Gu Leòr:
“Às leth a h-uile duine a tha air a bhith an sàs le Theatre Gu Leòr thar nam bliadhnaichean, bu mhath leam taing a thoirt do Muireann airson na sàr obrach a rinn i agus airson cho brosnachail ‘s a tha bha i a thaobh na companaidh agus a thaobh tèatar na Gàidhlig san fharsainngeachd. Bidh sinn ga h-ionndrainn gu mòr ach tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dhi san dreuchd ùr.”