Category: Cothroman

  • JOIN OUR BOARD

    THIG AN SÀS AIR AR BÒRD

    A bheil ùidh agad ann an tèatar na Gàidhlig? Am bu mhath leat taic a chumail ri companaidh proifeiseanta a tha ag obair air feadh na h-Alba?

    Tha Theatre Gu Leòr a’ sireadh triùir ùra don bhòrd againn agus tha sinn gu mòr airson cluinntinn bho dhaoine a tha airson tighinn an sàs don sgioba againn.

    A bharrachd air buill oifigeil, tha sinn airson luchd-amhairc a’ bhòrd no board observers fhastadh. Ma tha ùidh agad a bhith air a’ bhòrd, ach chan eil thu buileach deiseil gabhail ri ballrachd oifgeil, gheibh luchd-amhairc a’ bhòrd meantarachd a thaobh sgilean bhòrd agus aig na bidh dleastanasan laghail a thaobh obair a’ bhòrd thar bliadhna, le cothrom an uairsin tagradh a chur a-steach airson ball a’ bhòrd oifigeil ma thogras iad.

    Tha sinn fosgailte do thagraidhean bho dhuine sam bith aig a bheil ùidh làidir sa chompanaidh, ach tha sinn gu sònraichte airson cluinntinn bho:

    - luchd-ealain le ceangal do no ùidh ann an Gàidhlig (chan fheum e a bhith ann an tèatar)

    - Daoine a' fuireach anns na h-Eileanan

    - Daoine eadar 16* is 30 bliadhna a dh'aois

    - Daoine le sgilean ann an ionmhas, togail airgead, HR no lagh

    Coinnichidh am bòrd againn ceithir tursan sa bhliadhna, mar as trice air loidhne. Faodar leughadh mu na buill a th’ againn an-dràsta an seo. an seo.

    Thèid pasgan inntrigidh a thoirt do bhuill ùra, agus cùrsa trèanaidh air sgilean bhòrd a thabhainn cuideachd. Gheibh luchd-amhairc a’ bhòrd meantarachd is taic sònraichte, a bharrachd air sin.

    Ma tha ùidh agad ann, air no ma tha thu airson bruidhinn rinn mun chothrom seo, nach cuir thu fios thugainn. Bhiomaid gu math toilichte còmhradh neo-fhoirmeil a chumail is ceistean sam bith a fhreagairt, air no do chur ann an conaltradh ri daoine a a tha air a’ bhòrd an-dràsta.

    Gus cur a-steach, innse dhuinn mu na sgilean agus an eòlas a th’ agad, agus carson a tha thu airson a bhith air a’ bhòrd - faodaidh seo a bhith sgrìobhte, no air bhideo. Cuir sin ann am post-d gu:

    Seona NicGillFhionndaig, Stiùiriche Cruthachail: seona@theatreguleor.com & Rhona NicDhùghaill, Manaidsear na Companaidh: rhona@theatreguleor.com. seona@theatreguleor.com & Rhona Dougall, General Manager: rhona@theatreguleor.com.

    Ceann-latha airson iarrtasan: Diluain 19mh den Fhaoilleach 2026.

    *Tha fàilte ro daoine òga aois 16/17 a bhith nam pàirt den bhòrd againn, ged nach bi na h-aon dleastanasan orra buileach ’s a bhios air buill aois 18+. Thèid bruidhinn air seo tron phròiseas trusaidh.

  • Open Door

    Doras Fosgailte

    Tha sinn a' tabhainn seiseanan 1:1 do luchd-ealain is luchd-thèatar, an dà chuid daoine ùr don roinn agus feadhainn nas stèidhichte. B' urrainn dhuinn bruidhinn air cothroman obrach, meantoradh, leasachadh proifeiseanta, leasachadh sgriobtaichean, no rud sam bith a bhiodh feumail dhut fhèin.

    Thèid seiseanan a chumail air loidhne, ann an Glaschu, no aig fear de na seiseanan Doras Fosgailte timcheall na dùthcha. Cùm sùil air an làrach-lìn agus air na meadhanan sòisealta airson naidheachdan ùra mu sheiseanan Doras Fosgailte faisg ort fhèin.

    Gus coinneamh iarraidh, lìon am foirm gu h-ìosal.

    Image credit: Mihaela Bodlovic

  • Send Us A Script

    Cuir Thugainn Sgriobt

    Tha sinn an-còmhnaidh toilichte a chluinntinn bho sgrìobhadairean le dreachd shlàn de sgriobt no pàirt de sgriobt a tha iad airson cur thugainn.

    Thèid na sgriobtaichean chun an Stiùiriche Chruthachail againn, a nì Foirm Lèirmheas Sgriobt a' toirt a-steach na leanas:

    • Sealladh farsainn air an sgriobt
    • Beachdan breitheach taiceil
    • Iomchaidheachd do Theatre Gu Leòr
    • Molaidhean airson nan ath cheumanan

    Thèid seo a chur air ais don sgrìobhadair taobh a-staigh 8 seachdainean. Faodaidh a' chompanaidh no an sgrìobhadair an uairsin faighneachd airson coinneimh gus bruidhinn barrachd air an sgriobt.

    'S e companaidh bheag a th' ann an Theatre Gu Leòr, le buidseat cuingichte, mar sin ged a tha sinn an-còmhnaidh toilichte sgriobtaichean ùra fhaighinn, tha crìochan air nas urrainn dhuinn toirt air adhart gu ìre leasachaidh no thaisbeanaidh.

    Gus an sgriobt agad a chur thugainn, nach lìon thu am foirm gu h-ìosal agus luchdaich suas e mar faidhle Word nuair a thèid iarraidh ort.

  • Ticket Support

    Taic Thiogaidean

    Mu dhèidhinn a’ phrògraim

    Tha e cudromach do neach-ealain sam bith a bhith a’ faicinn fairsaingeachd de dh’obair eile a bheir dhaibh seallaidhean ùra mun obair aca fhèin, neo a dh’fhosglas dòigh smaoineachaidh ùr dhaibh. Tha maoin a-nis againn airson luchd-ealain tèatair le Gàidhlig a’ dol a dh’fhaicinn diofar thaisbeanaidhean neo tachartasan a chuideachas iad an cuid eòlais a leasachadh.

    Dè an taic a tha ri fhaighinn?

    ’S urrainn dhuinn pàigheadh airson na cosgaisean a leanas:

    • Tiogaidean
    • Siubhal (thairis air £5.00)*, a gabhail a-staigh na cosgaisean a bharrachd airson siubhal agus àite-fuirich a dh’fhaodadh a bhith aig luchd-ealain stèidhichte air a’ Ghaidhealtachd agus sna h-eileanan
    • Cosgaiseanso-ruigsinneachd, a’ gabhail a-staigh dleastanasan cùraim

    Faodar taic iarraidh airson taisbeanaidhean neo tachartasan co-cheangailte ri tèatar, a tha a’tachairt ann an Alba, agus faodar taic iarraidh aig an aon àm airson suas gu trì thachartasan.

    *Ri linn Poileasaidh an t-Siubhail Sheasmhaich againn, tha sinn a’ cur prìomhachas air còmhdhail phoblach agus cha phàigh sinn mileage airson càr a chleachdadh ach ann an suidheachaidhean far nach gabh còmhdhail phoblach a chleachdadh. Tha sinn a’ seachnadh siubhal itealach uile gu leìr.

    Thèid maoineachadh a thabhann fo ùghdarras Theatre Gu Leòr. Bidh crìoch air a’ bhuidseat seo gach bliadhna, agus dh’fhaodadh nach b’ urrainn dhuinn gabhail ris a h-uile tagradh.

    Cò gheibh an taic?

    Feumaidh iarrtasan tighinn bho luchd-ealain a tha:

    • Stèidhichte ann an Alba
    • A’ cleachdadh na Gàidhlig mar phàirt dhan obair aca
    • Ag obair, neo ag amas air obair, san roinn tèatair‘S urrainn dhuinn pàigheadh airson na cosgaisean a leanas:

    Ciamar a chuireas mi a-steach tagradh?

    Tha na cinn-latha againn airson 2025/26 air 15mh den Dùbhlachd 2025 agus 16mh den Mhàrt 2026.

    Lìon am foirm a tha seo airson innse dhuinn mun taisbeanadh neo tachartas a tha thu airson frithealadh agus dè an taic a tha a dhìth ort. Gheibh thu freagairt bhuainn taobh a-staigh dà sheachdain.

    Ma bhios an dealbh-chluich a' tachairt taobh a-steach dà sheachdain, lìon am foirm agus cuir post-d gu info@theatreguleor.com gus innse dhuinn, agus nì sinn ar dìcheall taic a chur thuga.

  • Gaelic Support

    Gaelic Support

    Mu dhèidhinn a’ phrògram

    Tha sinn airson taic a thoirt do dhaoine a tha ag obair san roinn tèatair le ùidh ann an obair Ghàidhlig a bhith a leasachadh an cuid sgilean cànain. Tha seo gu sònraichte freagarrach don fheadhainn a tha air Gàidhlig ionnsachadh gu ìre agus a tha a’ sireadh cothrom an ath cheum a ghabhail gus a bhith ag obair ann an àrainneachd Ghàidhlig.

    Dè an taic a tha ri fhaighinn?

    B’ urrainn dhuinn cosgaisean a phàigheadh co-cheangailte ri na sgilean Ghàidhlig agad a leasachadh, m.e. cùrsa goirid, oideachadh 1:1, streath leasanan, siubhal agus àite-fuirich co-cheangailte ris na cothroman ionnsachaidh seo.

    Bu chòir dhut obrachadh a-mach dè an dòigh-ionnsachaidh as freagarraiche dhut fhèin, agus na cosgaisean a bhiodh an lùib sin.

    Pàighidh sinn suas gu £750 aig an ìre as àirde, ach feumaidh tagraichean sealltainn gun dèan an taic sin diofar mòr dhaibh a thaobh an cuid Gàidhlig.

    Thèid maoineachadh a thabhann fo ùghdarras Theatre Gu Leòr. Bidh crìoch air a’ bhuidseat seo gach bliadhna, agus dh’fhaodadh nach b’ urrainn dhuinn gabhail ris a h-uile tagradh.

    B’ urrainn dhut cuir a-steach cuideachd airson cosgaisean so-ruigsinneach fa leth co-cheangailte ris a’ chothrom ionnsachaidh seo, a’ toirt a-steach cùram cloinne.

    Cò gheibh an taic?

    Feumaidh iarrtasan tighinn bho luchd-ealain neo luchd-obrach tèatar a tha:

    • Stèidhichte ann an Alba
    • Ag obair san roinn tèatar
    • Mar tha ag obair neo ag amas air obair tro mheadhan na Gàidhlig san àm ri teachd.

    Ged a tha fàilte air iarrtasan bho luchd-ionnsachaidh ùra, bidh prìomhachas air iarrtasan bho dhaoine a tha air ionnsachadh a dhèanamh roimhe agus a tha airson tuilleadh adhartas a dhèanamh.

    Ciamar a chuireas mi a-steach tagradh?

    Tha na cinn-latha airson 2025/26 air 15mh den Dùbhlachd 2025 agus 16mh den Mhàrt 2026.

    Nach lìon thu am foirm seo gus innse dhuinn mud dheidhinn fhèin, agus mun taic a tha thu a’ sireadh. Gheibh thu freagairt bhuainn taobh a-staigh dà sheachdain.

  • Freelance pool

    Gairm airson Freelancers

    Tha Theatre Gu Leòr ri trusadh!

    Tha sinn a’ leudachadh a’ bhuidheann de dhaoine “freelance” a bhios ag obair còmhla rinn air diofar pròiseactan.

    Tha sinn gu mòr airson cluinntinn bho dhaoine ag obair sna dreuchdan a leanas:

    • Riochdaire
    • Rianaire
    • Manaidsear Phròiseactan
    • Manaidsear Stèidse
    • Neach-teicnigeach
    • Manaidsear Riochdachaidh
    • Dealbhaiche (fuaim/seata/aodaich/solais)
    • Deasaiche (fuaime/bhideo)
    • Dealbhadair camara
    • Oifigear Margaidheachd

    Tha sinn a’ cur prìomhachas air sgilean Gàidhlig, ach tha sinn cuideachd airson cluinntinn bho dhaoine a tha ga h-ionnsachadh.

    Nach cuir sibh C.V. no ceistean sam bith a th’ agaibh gu info@theatreguleor.com. info@theatreguleor.com.

  • Las & Lasag

    Las & Lasag

    Tha Theatre Gu Leòr a' cuir fàilte air tagraidhean chun na prògraman leasachaidh againn, Las agus Lasag, a thuilleadh air co-obrachadh sònraichte le Glaschu Beò air GUIR!

    LAS

    Tha LAS ann gus luchd-ealain Gàidhlig a chuideachadh le bhith a’ gabhail ceum air adhart le pròiseact tèatair ùr. Tha an taic a' toirt dhaibh an cothrom ùine a chuir seachad a' sgrìobhadh, rannsachadh neo leasachadh, còmhla ri luchd-ealain eile, airson am beachd a thoirt beò.

    Sa chuairt seo gheibh dà phròiseact taic a ghabhas a-steach:
    – Tuarastal dhan neach-ealain
    – Buidseat airson a' phròiseact
    – 3 seiseanan taic bho meantair neo dramaturg
    – Stiùireadh bhon sgioba Theatre Gu Leòr gus an leasachadh a chuir air dòigh
    – Buidseat a bharrachd airson a bhith dol a dh'fhaicinn obair theatair
    – Cosgaisean ruigsinneachd, a gabhail a-steach cùram-cloinne neo siubhal iomchaidh

    Tha sinn airson cluinntinn mu dheidhinn farsaingeachd de phròiseactan, ann an cruth sam bith!

    Tha iarrtasan fosgailte tron foirm seo.

    Ceann-latha (air a leudachadh): 10m air Diardaoin 22mh Faoilleach.

    Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn an seo:

    LASAg

    Tha Lasag a’cuir taic ri beachdan aig fìor thràth-ìre. Bheir e cothrom do luchd-ealain Gàidhlig an ciad ceumanan a ghabhail le pròiseact ùr tro bhith a’ cur seachad ùine a’ smaoineachadh, a’ rannsachadh agus toirt fàs air am beachdan.

    Gheibh dithis neach-ealain taic tron sgeama, a gabhail a-steach:
    – Buidseat de £1,000 airson tuarastalan agus cosgaisean eile
    – Aon seisean taic bho meantair neo dramaturg
    – Stiùireadh bhon sgioba Theatre Gu Leòr gus an leasachadh a chuir air dòigh
    – Buidseat a bharrachd airson a bhith dol a dh'fhaicinn obair theatair
    – Cosgaisean ruigsinneachd, a gabhail a-steach cùram-cloinne neo siubhal iomchaidh

    Tha iarrtasan fosgailte tron foirm seo.

    Ceann-latha (air a leudachadh): 10m air Diardaoin 22mh Faoilleach.

    Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn an seo:

    GUIR! + LAS

    Tha sinn ag obair còmhla ri Glaschu Beò airson àite a thabhainn do neach-ealain theatre air a phrògram GUIR! Obraichidh an neach-ealain soirbheachail còmhla ri buidheann de luchd-ealain eadar-chusparail airson beachd ùr a leasachadh. Tha a phasgan de thaic a' gabhail a-steach cùrsa air loidhne, seiseanan co-obrachaidh seachdaineil agus tachartas scratch.

    Tha barrachd fiosrachaidh air an cothrom, na cìnn-latha agus mar a nithear tagradh an seo.

en_GBEnglish (UK)