Tro dhiofar chothroman agus sgeamaichean, bidh Theatre Gu Leòr a’ cur taic ri luchd-ealain tèatar Gàidhlig le bhith a’ leasachadh an cuid sgilean agus a’ beòthachadh beachdan ùra airson an àrd-ùrlair.
Tha barrachd fiosrachaidh an seo air na cothroman a tha fosgailte an dràsta, ach cumaibh sùil air an làrach-lìn agus air na meadhanan sòisealta againn gus cluinntinn mu dhèidhinn cothroman ùra.
-
Gairm airson Freelancers
Theatre Gu Leòr is recruiting! We’re expanding the pool of freelancers that work with us on different projects. We’re keen to hear from people working in the following roles: We prioritise Gaelic language skills, but are also keen to hear from learners. Please send your C.V. or any questions you may have to info@theatreguleor.com.
-
Aiteal: Deireadh sheachdain do sgrìobhadairean
Aiteal is a retreat for Gaelic writers at various levels of experience, who are looking to develop their playwriting skills. It will take place in Cromarty from 27/11/25 to 01/12/25. Applications can be submitted through this form. Deadline: midday on Friday 10th October. Further information is available here:
CUIR SGRIOBT THUGAINN
Ma tha thu air sgriobt neo earrann sgriobt a sgrìobhadh, cuir thugainn e aig info@theatreguleor.com. Gheibh thu ais-mholadh bhuainn air an sgriobt fhèin agus comhairle air na h-ath cheumanan dhut taobh a-staigh mìos.
DORAS FOSGAILTE
Tha sinn a’ tabhainn seiseanan comhairle aon-ri-aon do luchd-ealain is proifeiseantaich, an dà chuid ùr agus stèidhichte. Bruidhnidh sinn air cothroman obrach, meantorachd, leasachadh proifeiseanta, leasachadh sgriobtaichean, neo ge bith dè an cuspair a bhiodh feumail dhut. Thèid seiseanan a chumail air loidhne, ann an Glaschu, no aig seisean Doras Fosgailte againn ann an sgìrean eile. Cùm sùil air an làrach-lìn is air na meadhanan sòisealta airson tuilleadh fiosrachaidh, no cuir fios gu info@theatreguleor.com.
SIREADH CHLEASAICHEAN
Chan eil sinn a’ sireadh cleasaichean an-dràsta ach ma tha ùidh agad ann a bhith ag obair còmhla rinn san àm ri teachd, faodaidh tu fios mud dhèidhinn fhèin a chuir thugainn aig info@theatreguleor.com