Uairean: 14-21 gach seachdain: 14-21 gach seachdain
Tuarastal: £29,000 - £33,000 pro rata
Stèidhichte: àite sam bith ann an Alba, le siubhal an lùib na dreuchd
Dàimhean: Stiùiriche Cruthachail; Manaidsear na Companaidh; Neach-ealain Cruthachail; Stiùiriche Strabang!
Other benefitsSochairean eile: 30 làithean-saora pàighte gach bliadhna; £6 gach seachdain mar cosgais obair bhon taigh; sgeama pennseinn dreuchdail; sgeama Bike2Work; cothroman a bhith a’ faicinn tèatar agus tachartasan ealain eile
Tha Theatre Gu Leòr a’ trusadh neach-obrach ùr comasach, le deagh Ghàidhlig agus ùidh ann an tèatar, don sgioba bheag againn.
Bidh an Oifigear Margaidheachd is Conaltraidh a’ làimhseachadh an dàimh a th’ aig Theatre Gu Leòr le luchd-èisteachd is luchd-leanntainn, tro bhith a’ cruthachadh dòighean èifeachdach fios a sgaoileadh mu obair na companaidh. Le bhith a’ cleachdadh nam meadhanan sòisealta, cuairt litrichean agus rudan eile, bidh an neach-obrach seo ag innse sgeulachdan tarraingeach mun bhuaidh a dh’fhaodadh tèatar a thoirt air daoine, a’ togail ùidh agus aire don chompanaidh.
Mar phàirt de sgioba beag, bidh an neach-obrach seo a’ cuideachadh le conaltradh taobh a-staigh na companaidh, le bhith a’ gabhail nòtaichean aig coinneamhan far a bheil sin a dhìth agus a làimhseachadh mìosachan na companaidh. Leis gur e sgioba beag a th’ annainn, tha sinn sùbailte nar dreuchdan gus cuideachadh a chèile, agus mar sin bidh an dreuchd seo a’ toirt a-steach dleastanasan eile thar na pròiseactan againn.
Sgilean riatanach::
- Fileanta ann an Gàidhlig (labhairt, leughadh agus sgrìobhadh)
- Fìor dheagh sgilean conaltraidh
- Comasach air prògramman eile, m.e. Mailchimp, Wordpress
- Comasach a bhith ag obair leat fhèin air pìosan obrach
- Cruthachail agus deònach a bhith a' tighinn suas le beachdan ùra
Sgilean miannaichte::
- Eòlas air margaidheachd san roinn ealain no Gàidhlig, no eòlas air na meadhanan
- Comasach air prògramman dealbhachaidh a chleachdadh m.e. Canva
- Comasach air prògraman eile e.g. Mailchimp, Wordpress
Ag obair bhon taigh
Tha Theatre Gu Leor ag obair aig astar, gun oifis steidhichte. Bidh sinn a’ coinneachadh air loidhne iomadh turas tron t-seachdain, agus aghaidh ri aghaidh co-dhiù turas gach càirteal. Bidh aig an neach-obrach ri siubhal airson nan coinneamhan seo agus airson tachartasan eile tron bhliadhna. Thèid taic a chuir ris an neach-obrach arainneachd obrach sabhailte agus cofhurtail a chuir air dòigh aig an taigh, neo aite-obrach freagarrach a lorg gu h-ionadail.
Tagraidhean
A bheil ùidh agad san dreuchd? Ma tha, nach cuir thu thugainn C.V. agus litir no bhideo ag innse dhuinn mu na sgilean is eòlas iomchaidh agad, agus carson a bhiodh tu freagarrach don obair seo.
Cuir iarrtasan agus/no ceistean sam bith gu: rhona@theatreguleor.com
Ceann-latha: 26mh den Òg-nhios 2026, 17:00
Agallamhan: 8mh/9mh den Iuchar 2026
Le taic bho Bòrd na Gàidhlig & Alba Chruthachail




