
MU DHEIDHINN STRABANG!
’S e Tèatar Òigridh Nàiseanta na Gàidhlig a th’ ann an Strabang! – cothrom brosnachail do dh’òigridh bho air feadh na dùthcha pàirt a ghabhail ann am buidheann dràma tro shreath de bhùithtean-obrach dràma Gàidhlig ann an taighean-cluiche air feadh Alba.
Eadar an t-Sultain agus am Màrt, thig na com-pàirtichean còmhla gus dràma ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig, tadhal air diofar sgìrean agus dealbh-chluich a chruthachadh is a chur air an àrd-ùrlar.
“Caraidean ùra, a’ leasachadh mo Ghàidhlig, a’ siubhal mun cuairt Alba, tha e uile dìreach sgoinneal!”
Com-Pàirtiche 2023-2024
DÈ AS ÙR AM BLIADHNA?
Tha Strabang a' fàs!
Airson a’ chiad uair, bidh buidheann sònraichte air an ruith sna h-Eileanan an Iar, AN t-Eilean Sgiathanach agus air Tìr Mòr, le bùithtean-obrach a’ dol air adhart anns gach sgìre mus tig iad còmhla airson deireadh sheachdain san Ghearran agus taisbeanadh sa Mhàrt.
“Caraidean, rehearsals, gossip anns a ghàidhlig , a bruidhinn gàidhlig ann an dòigh spòrsail.”
Com-Pàirtiche 2023-2024
CÒ AS URRAINN PÀIRT A GHABHAIL?
Tha tagraidhean fosgailte do sgoilearan S1–S4 ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig no aig a bheil fileantas sa Ghàidhlig.
idh 16 sgoilear gan taghadh – 8 às gach sgìre – airson pàirt a ghabhail san phrògram.
DÈ THA AN SÀS?
Tha am prògram a’ ruith thar 6 mìosan, agus bheir e cothroman do luchd-pàirteachaidh:
- Dràma ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig
- Misneachd is sgilean conaltraidh a thogail
- Pàirt a ghabhail ann an ceithir seiseanan-còmhnaidh – a’ siubhal, a’ fuireach air falbh, agus ag obair gu dlùth le buill eile
- Seiseanan air loidhne agus maighstirean-obrach le eòlaichean dràma
- Obair a dh’ionnsaigh taisbeanadh beò ann an taigh-cluiche proifeiseanta

CARSON A BU CHÒIR DHUTSA PÀIRT A GHABHAIL ANN AN STRABANG?
Tha seo na chothrom sònraichte do sgoilearan òga àrd-sgoile a bhith an sàs ann an dràma Gàidhlig – ge bith càite a bheil iad a’ fuireach – agus sgilean ann an iomadach obair theatre a’ leudachadh.
Bidh com-pàirtichean:
- A’ coinneachadh ri daoine ùra is a’ togail chàirdeasan fad-beatha
- Ag obair còmhla gu cruthachail tro Ghàidhlig
- A’ leasachadh air ceangal eadar cànan is cothroman ann an saoghal na h-ealain
Mar phàirt den phrògram, thèid a’ bhuidheann gu lèir gu Cille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach airson deireadh-sheachdain, a’ fuireach aig Whitewave agus a’ dèanamh atharrachaidhean aig Talla Coimhearsnachd Chille Mhoire.
Tha gach bliadhna gun samhail, le susbaint a tha freagarrach do na com-pàirtichean fhèin agus na rudan anns a bheil iad dìoghrasach.
COSGAISEAN AGUS TAIC
Thèid cosgaisean siubhail, àite-fuirich is bìdh uile a phàigheadh le Theatre Gu Leòr, le taic mhaoineachaidh Bòrd na Gàidhlig.
Image credits: Ruairidh Galbraith, Etive Photography




