Tha sinn an-còmhnaidh toilichte a chluinntinn bho sgrìobhadairean le dreachd shlàn de sgriobt no pàirt de sgriobt a tha iad airson cur thugainn.
Thèid na sgriobtaichean chun an Stiùiriche Chruthachail againn, a nì Foirm Lèirmheas Sgriobt a' toirt a-steach na leanas:
- Sealladh farsainn air an sgriobt
- Beachdan breitheach taiceil
- Iomchaidheachd do Theatre Gu Leòr
- Molaidhean airson nan ath cheumanan
Thèid seo a chur air ais don sgrìobhadair taobh a-staigh 8 seachdainean. Faodaidh a' chompanaidh no an sgrìobhadair an uairsin faighneachd airson coinneimh gus bruidhinn barrachd air an sgriobt.
'S e companaidh bheag a th' ann an Theatre Gu Leòr, le buidseat cuingichte, mar sin ged a tha sinn an-còmhnaidh toilichte sgriobtaichean ùra fhaighinn, tha crìochan air nas urrainn dhuinn toirt air adhart gu ìre leasachaidh no thaisbeanaidh.
Gus an sgriobt agad a chur thugainn, nach lìon thu am foirm gu h-ìosal agus luchdaich suas e mar faidhle Word nuair a thèid iarraidh ort.




