Obair Chothromach

Tha Theatre Gu Leòr air cur romhainn cumail ri poileasaidh Fair Work First bho Riaghaltas na h-Alba, leis a bheil Alba Chruthachail air aontachadh cuideachd.

Tha sinn air teastanas Living Wage Employer a choisinn, agus cleachdaidh sinn cùmhnantan freelance bho Equity agus Scottish Society of Playwrights , gus dèanamh cinnteach gu bheil an luchd-obrach againn a’ faighinn pàigheadh cothromach.

Thèid coinneamhan cunbhalach a chumail eadar luchd-obrach agus manaidsearan gus ceistean no draghan a thogail agus molaidhean a chur air adhart. Thèid cuiridhean a thoirt do dh’aonaidhean-ciùird leithid Equity agus Cairn gus coinneamhan a chumail leis an luchd-obrach freelance air na pròiseactan againn gus fios a thoirt dhaibh mu na buannachdan a tha an lùib ballrachd. 

Thèid sanasan obrach a sgaoileadh fad is farsaing nuair a bhios dreuchdan bàna againn aig a’ chompanaidh, agus tha pròiseas fhastaidh fosgailte, sùibailteach agus cothromach againn. Gach bliadhna bidh cothroman greisean obrach gan tabhainn do dhaoine a tha airson tighinn a-steach do dh’obair thèatair gus slighe a chruthachadh do dhaoine òga is ùra don roinn. Bidh sinn cuideachd a’ leanntainn stiùireadh Equity a thaobh casting.

Nì sinn gach oidhirp gus àrainneachd obrach fhallainn a chruthachadh don sgioba againn. Tha na dreuchdan againn sùbailte a thaobh uairean agus àitichean-obrach agus tha poileasaidh làidir againn air Modhan Cùisean-gearain is Smachdachadh a thèid am broin gach cùmhnant obrach againn.

en_GBEnglish (UK)