Category: Pròiseactan

  • LAS & Lasag

    LAS & Lasag

    Tha LAS ann gus luchd-ealain Gàidhlig a chuideachadh le bhith a’ gabhail ceum air adhart le pròiseact tèatair ùr. Le taic bhon sgioba againn, agus buidseat airson cosgaisean, tha luchd-ealain a cuir seachad ùine a leasachadh beachd airson pìos tèatair ùr. Tha an sgeama fosgailte ri diofar cruthan agus stoidhlichean de phròiseact - bho sgriobt ùr, obair chloinne, ceòl airson tèatar, dannsa is eile - cho fad ‘s a tha e ag amas air luchd-amhairc beò aig a cheann-thall.

    Ann an 2025 chuir sinn Lasag ris an sgeama leasachaidh seo, airson beachdan aig ìre nas tràithe, ‘s dòcha nach eil buileach deiseil airson Las. Tha e a’ toirt dhaibh meanbh-bhuidseat airson beagan rannsachadh neo beachdachadh a dhèanamh gus am beachd a thoirt air adhart.

    Tha e cudromach gum bidh luchd-ealain a’ faighinn an cothrom a bhith feuchainn rudan ùra, a’ cluich le beachdan agus ag obrachadh a-mach dè dh’fhaodadh tachairt leotha. Dh’fhaodadh gum faic thu na pròiseactan seo air àrd-ùrlar aon latha.

    IARRTASAN FOSGAILTE

    Ceann-latha airson iarrtasan: 10m, Diardaoin 15mh Faoilleach 2026

    Luchd-ealain

    An dràsta tha an sgeama Las a’ cuir taic ri:

    David Walker – The Sound of Iron
    Rannsachadh agus sgrìobhadh mu dheidhinn sgeulachd fìor Mhàiri, a thainig a dh’obair ann an Glaschu a’ draibheadh crànaichean tron Dara Chogadh.

    Robbie MacLeod – Hinba
    An ath cheum leasachaidh gus ath-sgrìobhadh a dhèanamh air dealbh-cluich mu dheidhinn eilean a tha air nochdadh am measg Innse Gall ri lìnn atharrachadh na gnath-shìde.

    Angus MacLeod – Annag Christie
    A new version of Eugene O’Neill’s play, moving the drama from the Ame

    Tro sgeama Lasag tha sinn a’ cuir taic ri:

    Catriona Mhoireach
    Rannsachadh airson dealbh-cluich ùr mu dheidhinn Gàidheil New York sna 1920an.

    Rhiannon Ledwell
    Leasachadh air taisbeanadh a tha a’ fuaigheil ri chèile ceòl Gàidhlig, sgeulachdan agus òrain as na h-Innseachan.

    Martin O’Connor & Chloe Shimmin
    Deasachadh airson bùithean-obrach le cloinn aois bun-sgoil ann an Glaschu agus Eilean Mhanainn, gus ceangalaichean a thogail eadar an dà choimhearsnachd.

    Tha na luchd-ealain agus na pròiseactan seo air taic fhaighinn bho sgeama Las roimhe:

    Calum MacLeòid
    A new theatre piece based on the story of the Megantic Outlaw, but told through the eyes of a female bounty hunter.

    Déirdre Ní Mhathúna – Tairm fo Sgàil
    A’ cluich le dràma, fuaim, bàrdachd agus bhideo gus guthan nam ban-tuiridh Gàidhealach a bheothachadh do luchd-amhairc an latha an diugh.

    DS Murray
    Leudachadh a dhèanamh air dealbh-cluich mu dheidhinn beatha agus bàs Dòmhnall MacFhionghainn, a bha na sgiobair air an clipper ‘Taeping’.

    Martin MacIntyre – Bampot Joe
    Dràma ùr mu Joe, an dà chànan a th’aige agus mar a tha e a tighinn beò ann an dòighean eadar-dhealaichte anns gach cànan.

    Kat Siebert
    Tòiseachadh air dealbh-cluich stèidhichte san àm ri teachd, is Gàidhlig na prìomh cànan na h-Alba. Bheir an sgeulachd sùil air ceistean mu dheidhinn an-imrich agus fèin-aithne.

  • CeAngal Cwlwm

    CeAngal Cwlwm

    ’S e lìorna a th’ ann an Ceangal Cwlwm, ’s e a’ toirt còmhla daoine a tha an sàs ann a bhith a’ cruthachadh thèatair anns a’ Ghàidhlig, sa Ghaeilge agus sa Chuimris.

  • Strabang!

    Strabang!

    MU DHEIDHINN STRABANG!

    ’S e Tèatar Òigridh Nàiseanta na Gàidhlig a th’ ann an Strabang! – cothrom brosnachail do dh’òigridh bho air feadh na dùthcha pàirt a ghabhail ann am buidheann dràma tro shreath de bhùithtean-obrach dràma Gàidhlig ann an taighean-cluiche air feadh Alba.

    Eadar an t-Sultain agus am Màrt, thig na com-pàirtichean còmhla gus dràma ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig, tadhal air diofar sgìrean agus dealbh-chluich a chruthachadh is a chur air an àrd-ùrlar.

    “Caraidean ùra, a’ leasachadh mo Ghàidhlig, a’ siubhal mun cuairt Alba, tha e uile dìreach sgoinneal!”

    Com-Pàirtiche 2023-2024

    DÈ AS ÙR AM BLIADHNA?

    Tha Strabang a' fàs!

    Airson a’ chiad uair, bidh buidheann sònraichte air an ruith sna h-Eileanan an Iar, AN t-Eilean Sgiathanach agus air Tìr Mòr, le bùithtean-obrach a’ dol air adhart anns gach sgìre mus tig iad còmhla airson deireadh sheachdain san Ghearran agus taisbeanadh sa Mhàrt.

    “Caraidean, rehearsals, gossip anns a ghàidhlig , a bruidhinn gàidhlig ann an dòigh spòrsail.”

    Com-Pàirtiche 2023-2024

    CÒ AS URRAINN PÀIRT A GHABHAIL?

    Tha tagraidhean fosgailte do sgoilearan S1–S4 ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig no aig a bheil fileantas sa Ghàidhlig.

    idh 16 sgoilear gan taghadh – 8 às gach sgìre – airson pàirt a ghabhail san phrògram.

    DÈ THA AN SÀS?

    Tha am prògram a’ ruith thar 6 mìosan, agus bheir e cothroman do luchd-pàirteachaidh:

    • Dràma ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig
    • Misneachd is sgilean conaltraidh a thogail
    • Pàirt a ghabhail ann an ceithir seiseanan-còmhnaidh – a’ siubhal, a’ fuireach air falbh, agus ag obair gu dlùth le buill eile
    • Seiseanan air loidhne agus maighstirean-obrach le eòlaichean dràma
    • Obair a dh’ionnsaigh taisbeanadh beò ann an taigh-cluiche proifeiseanta

    CARSON A BU CHÒIR DHUTSA PÀIRT A GHABHAIL ANN AN STRABANG?

    Tha seo na chothrom sònraichte do sgoilearan òga àrd-sgoile a bhith an sàs ann an dràma Gàidhlig – ge bith càite a bheil iad a’ fuireach – agus sgilean ann an iomadach obair theatre a’ leudachadh.

    Bidh com-pàirtichean:

    • A’ coinneachadh ri daoine ùra is a’ togail chàirdeasan fad-beatha
    • Ag obair còmhla gu cruthachail tro Ghàidhlig
    • A’ leasachadh air ceangal eadar cànan is cothroman ann an saoghal na h-ealain

    Mar phàirt den phrògram, thèid a’ bhuidheann gu lèir gu Cille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach airson deireadh-sheachdain, a’ fuireach aig Whitewave agus a’ dèanamh atharrachaidhean aig Talla Coimhearsnachd Chille Mhoire.

    Tha gach bliadhna gun samhail, le susbaint a tha freagarrach do na com-pàirtichean fhèin agus na rudan anns a bheil iad dìoghrasach.

    COSGAISEAN AGUS TAIC

    Thèid cosgaisean siubhail, àite-fuirich is bìdh uile a phàigheadh le Theatre Gu Leòr, le taic mhaoineachaidh Bòrd na Gàidhlig.

    Image credits: Ruairidh Galbraith, Etive Photography

en_GBEnglish (UK)