’S e lìorna a th’ ann an Ceangal Cwlwm, ’s e a’ toirt còmhla daoine a tha an sàs ann a bhith a’ cruthachadh thèatair anns a’ Ghàidhlig, sa Ghaeilge agus sa Chuimris.
Chaidh a thòiseachadh ann an 2019 le Theatre Gu Leòr le taic bho Marianne Ní Chinnéide, Ollscoil na Gaillimhe; thàinig Lisa Lewis bho Oilthigh Ceann a Deas na Cuimrigh agus Danielle Nic Pháidín bho Ealaín na Gaeltachta air a’ bhuidheann stiùiridh ann an 2020.
Thèid cruinneachaidhean a chumail gu cunbhalach leis an lìonra, an dà chuid aghaigh ri aghaigh agus air loidhne, le luchd-ealain, acadaimigich, luchd maoineachaidh agus buidhnean leasachaidh leis an amas a bhith a’ cruthachadh ceanglaichean, a’ sgaoileadh eòlas agus ag ionnsachadh bho chàch a chèile, gus roinnean tèatar na Gàidhlig, na Gaeilge agus na Cuimris a neartachadh.