Author: seona

  • Las & Lasag

    Las & Lasag

    Tha Theatre Gu Leòr a' cuir fàilte air tagraidhean chun na prògraman leasachaidh againn, Las agus Lasag, a thuilleadh air co-obrachadh sònraichte le Glaschu Beò air GUIR!

    LAS

    Tha LAS ann gus luchd-ealain Gàidhlig a chuideachadh le bhith a’ gabhail ceum air adhart le pròiseact tèatair ùr. Tha an taic a' toirt dhaibh an cothrom ùine a chuir seachad a' sgrìobhadh, rannsachadh neo leasachadh, còmhla ri luchd-ealain eile, airson am beachd a thoirt beò.

    Sa chuairt seo gheibh dà phròiseact taic a ghabhas a-steach:
    – Tuarastal dhan neach-ealain
    – Buidseat airson a' phròiseact
    – 3 seiseanan taic bho meantair neo dramaturg
    – Stiùireadh bhon sgioba Theatre Gu Leòr gus an leasachadh a chuir air dòigh
    – Buidseat a bharrachd airson a bhith dol a dh'fhaicinn obair theatair
    – Cosgaisean ruigsinneachd, a gabhail a-steach cùram-cloinne neo siubhal iomchaidh

    Tha sinn airson cluinntinn mu dheidhinn farsaingeachd de phròiseactan, ann an cruth sam bith!

    Tha iarrtasan fosgailte tron foirm seo.

    Ceann-latha (air a leudachadh): 10m air Diardaoin 22mh Faoilleach.

    Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn an seo:

    LASAg

    Tha Lasag a’cuir taic ri beachdan aig fìor thràth-ìre. Bheir e cothrom do luchd-ealain Gàidhlig an ciad ceumanan a ghabhail le pròiseact ùr tro bhith a’ cur seachad ùine a’ smaoineachadh, a’ rannsachadh agus toirt fàs air am beachdan.

    Gheibh dithis neach-ealain taic tron sgeama, a gabhail a-steach:
    – Buidseat de £1,000 airson tuarastalan agus cosgaisean eile
    – Aon seisean taic bho meantair neo dramaturg
    – Stiùireadh bhon sgioba Theatre Gu Leòr gus an leasachadh a chuir air dòigh
    – Buidseat a bharrachd airson a bhith dol a dh'fhaicinn obair theatair
    – Cosgaisean ruigsinneachd, a gabhail a-steach cùram-cloinne neo siubhal iomchaidh

    Tha iarrtasan fosgailte tron foirm seo.

    Ceann-latha (air a leudachadh): 10m air Diardaoin 22mh Faoilleach.

    Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn an seo:

    GUIR! + LAS

    Tha sinn ag obair còmhla ri Glaschu Beò airson àite a thabhainn do neach-ealain theatre air a phrògram GUIR! Obraichidh an neach-ealain soirbheachail còmhla ri buidheann de luchd-ealain eadar-chusparail airson beachd ùr a leasachadh. Tha a phasgan de thaic a' gabhail a-steach cùrsa air loidhne, seiseanan co-obrachaidh seachdaineil agus tachartas scratch.

    Tha barrachd fiosrachaidh air an cothrom, na cìnn-latha agus mar a nithear tagradh an seo.

en_GBEnglish (UK)