Uairean: pàirt-ùine agus sùbailte, uairean ri aontachadh
Tuarastal: £34,000 pro rata
Stèidhichte: àite sam bith ann an Alba
Tha Theatre Gu Leòr a’ trusadh neach-tèatar le deagh Ghàidhlig agus ùidh is comas ann a bhith a’ leasachadh pròiseactan, gus tighinn air an sgioba bheag againn.
Bidh an neach-ealain a’ cumail taic ris an Stiùiriche Chruthachail ann a bhith a’ toirt air adhart pròiseactan agus a’ leasachadh luchd-ealain tèatar Gàidhlig.
Thèid taic is stiùireadh a thoirt don neach soirbheachaill bho chàch san sgioba. ’S e an rud as cudromaiche dhuinne a bhith a’ lorg cuideigin aig a bheil eòlas agus ùidh mhòr ann an tèatar na Gàidhlig, agus a tha misneachail nan cuid Gàidhlig, a tha deònach ceistean fhaighneachd, agus a tha math air brosnachadh agus obrachadh còmhla ri daoine eile.
Tha sinn gu sònraichte a’ sìreadh daoine le sgilean ann an:
- stiùireadh dealbhan-cluiche
- sgrìobhadh don àrd-ùrlar
- leasachadh pròiseactan thèatair
A bheil ùidh agad san dreuchd? Ma tha, nach cuir thu thugainn litir no bhideo ag innse dhuinn:
- mu na sgilean iomchaidh agad
- cia mheud uair/latha a bu mhat leat obair gach mìos
- cuin a bhiodh comasach dhut tòiseachadh, nam biodh tu soirbheachail
Cuir tagraidhean agus ceistean sam bith gu seona@theatreguleor.com.
Ceann-latha: Dihaoine 20mh den Mhàrt 2026.
Bidh an dreuchd seo a' ruith suas chun an Dùbhlachd 2026, le leantainneachd an dèidh sin a-rèir maoineachaidh.




