STAFF / LUCHd-obrach

Seona NicGillFhionndaig
Stiùiriche Cruthachail (làn-ùine)
’S e riochdaire cruthachail a th’ann an Seona a rugadh agus thogadh ann an Glaschu. Tha i air obair thar na h-ealain agus na meadhanan, an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla. Bho chionn greis dh’obraich i do Theatre Gu Leòr mar Co-òrdanaiche, a’ cuir taic ris a’ chompanaidh agus a’ riochdachadh an dealbh-cluich CèilidhTha i air tilleadh a-nis ann an dreuchd Stiùiriche Cruthachail agus Ceannard.
Thoisich Seona a dhreuchd ann an roinn Gàidhlig a’ BhBC, ag obair mar rannsaiche air prògraman T.Bh. chloinne agus ealain. Às dèidh dhith Beurla agus Drama a chnuasachd ann an Lunnainn, agus greis a chuir seachadh anns an Eadailt, thill i dhan ghnìomhachas ann an Alba. Tha i air obair dha measgachadh de chompanaidhean, nam measg Tèatar Nàiseanta na h-Alba agus Magnetic North, le fòcas air riochdachadh agus leasachaidh luchd-ealain, a bharrachd air obair air a cheann fhèin còmhla ri luchd-ealain neo-eisimileach.
Bho chionn ghoirid bha i na Riochdaire aig Eden Court ann an Inbhir Nis, le uallach airson Gàidhlig agus Ealain Dhualchasach. Bha i aig stiùir am fèis chiùil samhraidh soirbheachail Under Canvas, a chaidh ainmeachadh air geàrr-liosta Tachartas na Bliadhna aig na Duaisean Trad. Tha i air grunn obraichean ealain, ciùil agus tèatar a choimiseanadh agus chruthaich i a chiad Ro-innleachd Gàidhlig don bhuidhean. Tha Seona a’ tighinn gu Theatre Gu Leòr bho Tron Theatre, far an robh i na Riochdaire Ealain. the organisation’s first Gaelic strategy. Seona joins Theatre Gu Leòr from the post of Artistic Producer at Tron Theatre.
A dh’aindeoin a bhith an còmhnaidh trang le a h-obair, tha Seona dèidheil air fiolmaichean, fighe stocainnean agus leughadh. Bidh i ag obair gu saor-thoileach air sgioba meadhanan club ball-coise Glasgow City, agus tha i ag amas air an saoghal fhaicinn aon geama mu seach.

Rhona NicDhùghaill
Co-òrdanaiche na Companaidh (pàirt-ùine)
’S ann às an Òban a tha Rhona. Thòisich i ag obair gu làn-ùine ann an ealain agus leasachadh coimhearsnachd an dèidh dhì ceumnachadh bho Oilthigh Ghlaschu ann an 2005.
Còmhla ris an stiùiriche Aileen Ritchie, bha i gu mòr ann sàs ann an stèidheachadh pròiseact dràma òigridh le fògarraich òga air an robh Knightswood Youth Theatre, a tha a’ dol fhathast an-diugh fo ainm Ignite Arts, agus anns a bheil Rhona fhathast an sàs mar bhall a’ bhùird. Ann an 2013 thòisich i iris ùr air loidhne ann an Gàidhlig, Dànacòmhla ri luchd-labhairt òga eile.
Bho 2016 gu 2020 bha i na cho-òrdanaiche ealain aig Ionad Achadh na Creige san Òban. Tha i an-dràsta na cathraiche air bòrd stiùiridh an Touring Network, buidheann a chumas taic ris na h-ealain beò sa Ghàidhealtachd.
Ann an 2022, choisinn i maighstireach bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean ann an Art & Social Practice, a’ rannsachadh nan ealan coimhearsnachd agus fèin-aithne Ghàidhealach san latha an-diugh. Air falbh bhon obair, bidh i a’ cluich na fidhle gu dona, agus a’ seinn anns a’ chòmhlan-ciùil Album Club.

Claire Frances NicNìll
Neach-taic Riochdachaidh (pàirt-ùine)
Thogadh Claire Frances ann am Barraigh agus sa Gearasdan le Gàidhlig bhon glùn. Na h-òige bha i an sàs ann an ceòl agus cleasachd agus as dèidh an àird-sgoil, chaidh i a Steòrnabhagh gus obair còmhla ri MG ABLA. Thàinig i dhan bhaile-mhòr airson ceum a dhèanamh ann an Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu far an robh i na ceannard air a’ Chomunn Oiseanach (2021 - 22).
Thòisich Claire Frances a’ presertaireachd air Cbeebies ALBA ann an 2018 mus d’ fhuair i pàirt chleasachd ann am prògram-chloinne “Pròiseact Plòigh” (2022) agus air adhart gu dràma inbhich le prògram comadaidh “OMC!” (2022 & 2023) agus “Marloch and Metagame” (2023). Bi i a-nise a’ dèanamh guthan airson cartùnaichean le Obh Obh. Le eòlas air dràma an àrd-ùrlair, tha Claire Frances cuideachd air obair le Fèisean nan Gàidheal le Pantomime (2022) agus Meanbh-Chuileag (2024); An Lòchran air dealbhan-cluiche comadaidh (2023); agus le Theatre Gu Leòr mar comhairliche air blas-chainnt do “Stornoway Quebec” (2023).
Nuair nach eil Claire Frances ris na pròiseactan seo agus ag obair le Theatre Gu Leòr, tha i san oilthigh a’ dèanamh iar-cheum MMus Òrain Ghàidhlig aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba; aig Oilthigh Ghlaschu far a bheil i a’ teagasg chlasaichean Gàidhlig; neo ri lorg ann an ceàrnaidhean na dùthcha a’ cèilidh air charaidean.

Tanya NicDhòmhnaill
Stiùiriche Strabang! - Tèatar Òigridh Nàiseanta na h-Alba (pàirt-ùine)
Air a togail san Eilean Sgiathanach, chaidh Tanya dhan sgoil le Foghlam tro Mheadhain na Gàidlhig mus do dh’imrich i a Dhùn Èideann airson Cleasachd agus Thaisbeanas a’ leughadh aig am Performing Arts Studio Scotland (PASS). Tron chùrsa seo dh’ionnsaich Tanya gum b’ ann ann an stiùireadh agus a’ lìbhrigeadh bùithtean-obrach dhràma a bha a mòr ùigh.
As dèidh an Oilthigh, bha i na h-oide le Fèisean nan Gàidheal agus a’ phrògram Fèisgoil aca, a’ cleachdadh dhràma agus òrain gus Gàidhlig a theagasg do chloinn ann an sgoiltean far nach robh Gàidhlig aca cheana. Chuir i cuideachd taic gu bhith a’ lìbhrigeadh Sgoil Samhraidh Dràma ann am Port Rìgh ann an 2019 agus a’ bhith a’ lìbhrigeadh a cluba dràma òigridh fhìn aig Bun Sgoil Phort Rìgh ann an 2021. ’O chionn ghoirid tha i air a bhith ag obair air a ceann fhèin do Teatre Eden Court a’ lìbhrigeadh bùithtean-obrach airson sgoilearan bho C7 - AS3.
Ann an 2019, stèidhich i companaidh riochdachaidh Higgeldy Piggeldy Productions, anns a bheil amas shònraichte ann an sgeulachdan ionadail Albannach, teatre air a chruthachadh le boireannaich agus a’ chànan Ghàidhealach. Ann an 2022, riochdaich agus stiùir Tanya taisbeanadh teatre òigridh ùr ‘The Flag, the Flood and a Fairy Called Flo,’ air a sgrìobhadh le sgrìobhadair Sgiathanach Lana Pheutan agus air a riochdachadh ann an co-bhonn le Caisteal Dùn Bheagainn. Chaidh an dealbh-chluich a chur air bhog ar phàirt den phròiseact choimhearsnachd “Latha nan Sìtheanach ’s nan Ceann-cinnidh" a chomharrachadh beul-aithis ionadail. Bho chionn ghoirid stiùir “PALS” a chaidh a sgrìobhadh le Mirren Wilson agus a chaidh a chur air bhog aig Fèis Fringe Dhùn Èideann 2024 le Gilded Balloon.
A bharrachd air saoghal na dràma, ’s toil le Tanya a bhith a’ siubhal agus a’ faicinn àitichean ùra agus tha i air ùine a chur seachad ann an Astràilia, An Sealainn Nuadh agus air trèanaichean air feadh na Roinn Eòrpa.
Our Board / Ar Bòrd
Michelle NicLeòid
Cathraiche
Tha Michelle, à Leòdhas bho thùs, na h-Àrd-Ollamh le Gàidhlig ann an Oilthigh Obar Dheathain. Tha ùidh mhòr air a bhith aice ann an dràma na Gàidhlig on a ghabh i pàirt ann an Sgoil Dràma na h-Òigridh nuair a bha i fhèin na h-oileanach. Tha i air grunn aistidhean a sgrìobhadh air dràma Gàidhlig agus choisinn an leabhar a dheasaich i Dràma na Gàidhlig Ceud Bliadhna air an Àrd-ùrlar duais Dhòmhnaill Meek ann an 2021.
Mus robh i ann an Oilthigh Obar Dheathain, dh’obair i roimhe aig Bòrd na Gàidhlig mar Stiùiriche Leasachadh Cànain, Ionad Chaluim Chille Ìle na Stiùiriche agus na h-òraidiche ann an Oilthigh Ghaillimh. Am measg cuid de na dleastanasan eile a th’ aice an-dràsta taobh a-muigh Obar Dheathain, tha i na Cathraiche air Urras NicCuaig, na ball den Chomataidh Ro-innleachdail son Chànanan ann am Foghlam Àrd-Ìre, agus na ball de Bhòrd na Gàidhlig.
Michael John O’Neill
Ionmhasair
Tha Michael na Riochdaire Ealain aig an Tron Theatre. San obair seo, tha Mìcheal air roi-innleachd leasachadh ealain a leudachadh gu bhith aig cridhe obair an theatre fon ainm Tron Theatre CREATIVE, a’ stiùireadh lìonraich de chothroman àrd-ùrlair is muinntireis agus duaisean airson taic a chumail ri luchd-ealain gus am faigh iad an luach as motha às an theatre a chum brosnachadh an cuid obrach agus cleachdadh. Am measg nan dleastanasan eile a th’ air Mìcheal aig an Tron bidh e ag obair còmhla ris an Stiùiriche Ealain air prògraman a-staigh agus prògraman tadhail, a’ rannsachadh agus a’ togail co-bhanntachdan cruthachail ùra, agus a’ riochdachadh cuid de na dhealbhan-cluiche a nì Tron Theatre Company. Stèidhichte ann an Glaschu, tha Mìcheal air obair a dhèanamh le companaidhean eile leithid Theatar Nàiseanta na h-Alba, Tramway, The Arches, Blood of the Young, Little King, Bijli agus SUPERFAN.
Màiri Taylor
Thòisich Màiri a h-obair sna h-ealainean agus co-ionannachd às dèidh dhi teisteanas Maighstireachd a thoirt a-mach ann an 2003. Bhon uair sin tha i air obair a dhèanamh air feadh na h-Alba ’s na Rìoghachd Aonaichte agus gu h-eadar-nàiseanta. Rinn i obair mar riochdaire, manaidsear pròiseict, neach-comhairle, neach-oide agus neach-ealain. Eadar 2010 is 2016 bha i na stiùiriche aig flip – Disability Equity in the Arts [Co-ionannachd do Chiorramaich sna h-Ealainean còmhla ri Robert Gale.
Tha i an-dràsta na h-Àrd-riochdaire aig Birds of Paradise Theatre Company. Tha Màiri den bharail gum fàs misneachd bho bhith a’ togail dhàimhean – leis an luchd-èisteachd, le com-pàirtichean is le co-obraichean – airson cùisean atharrachadh a chum maith, agus tha ùidh aice anns na dòighean sa bheil roinnean ealain nan ciorramach agus na Gàidhlig coltach ri chèile. Tha BFA MA Hons Oxon aig Màiri bhon Ruskin (1999) agus MFA bho Duncan of Jordanstone (2003).
Tha i ag ionnsachadh na Gàidhlig (gu slaodach!).
Rosemary Ward
Chaidh Rosemary a thogail ann an Uibhist a Deas, far an do thòisich i a bhith an sàs ann an Gàidhlig, rud a bhiodh i a’ dèanamh fad a beatha. Thòisich i air Gàidhlig ionnsachadh aig Bunsgoil Gearraidh na Mònadh agus chuir i crìoch air a cuid foghlam sgoile, le teisteanasan ann an Gàidhlig, aig Sgoil Mhic Neacail ann an Steòrnabhagh.
Fhuair i trèanadh mar thidsear bunsgoile agus ise a’ chiad tidsear tro mheadhan na Gàidhlig aig Sgoil Sir John Maxwell ann an Glaschu. Thar nam bliadhnaichean bha i an sàs gu mòr ann an leasachadh foghlam na Gàidhlig aig Comhairle Earra-Gàidheal ‘s Bhòid, agus an uairsin fhuair i dreuchd mar Stiùiriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig.
Ann an 2010, thòisich i obair ùr mar Stiùiriche Comhairle nan Leabhraichean, agus i a’ leasachadh na buidhne chun an t-suidheachaidh far a bheil i a-nis, na prìomh bhuidhean a thaobh litreachas na Gàidhlig. An-dràsta, tha i na Stiùiriche Prògraim aig Urras Leabhraichean na h-Alba, agus ceanglaichean aice fhathast ris a’ Ghàidhlig tro a cuid obrach saor-thoileach mar Rùnaire Urras Brosnachaidh na Gàidhlig. Tha dithis chloinne aice, Sean agus Eilidh, ‘s i a’ fuireach ann an Dùn Breatann còmhla ris an duine aice, Gerard.