
Tha Theatre Gu Leòr na prìomh chompanaidh tèatar na Gàidhlig. Bidh sinn a’ cumail taic ris, a’ leasachadh agus a’ cruthachadh tèatar ùr ann an Gàidhlig, ag obair còmhla ri luchd-ealain agus coimhearsnachdan air feadh na h-Alba.
Bhon a chaidh a stèidheachadh le Muireann Kelly ann an 2014, tha a’ chompanaidh air iomadh riochdachadh àrd-amasach de dhiofar gnèithichean a thoirt gu luchd-èisteachd timcheall na h-Alba agus thall thairis, ’s iad a’ toirt a-steach sreathan dràma rèidio, pròiseactan tèatar cloinne, agus dealbhan-cluiche mòra air cuid de na h-àrd-ùrlaran as ainmeile san dùthaich. Tha an obair againn adhartach agus làn mhic-mheanmna, air a brosnachadh le sgeulachdan a tha cho ioma-nàdarrach ri coimhearsnachd na Gàidhlig fhèin.
OUR WORK / AR N-OBAIR
Riochdachaidhean
Na dealbhan-cluiche poblach againn
Com-pàirteachas
Ag obair còmhla ri coimhearsnachdan agus òigridh
Obair Ùr
A’ leasachadh is coimiseanadh bheachdan ùra
Leasachadh Proifeiseanta
A’ cumail taic ri luchd-ealain is luchd-obrach eile
Ro-innleachd & Tagrachd
A’ neartachadh roinn an tèatair air fa.
ar luachan / our Values
Dàna
nar dòighean-obrach agus nar obair chruthachail
Co-cheangailte
ris na coimhearsnachdan agus na com-pàirtichean againn
Fialaidh
do dhaoine agus don àrainneachd agus tha a doras againn an-comhnaidh fosgailte
Àraid
moiteil gu bheil sinn air leth agus a' dèanamh rudan gu h-eadar-dhealaichte