Rudeigin ri Ràdh

Ann an com-pàirteachas le BBC Radio nan Gàidheal

Sreath de cheithir dràmathan rèidio fa leth, le ceithir guthan Gàidhlig le rudeigin ri ràdh: Elspeth Turner, Iain MacRàth, Màrtainn Mac an t-Saoir agus Martin O’Connor.

Danns a’ Rathaid

Le Elspeth Turner

Tha Anna a' fuireach leatha fhèin agus 's ann ainneamh a bhios i a' bruidhinn ri duin' eile, ach tha rud a' tachairt a tha toirt oirre càirdeas a thogail le tè ris a bheil ceangal tòrr nas dlùithe aice na bha i a' smaoineachadh. 'S e sgeulachd chianail, dhuilich a tha seo mun strì a th' aig dannsair òg ann a Lunnainn sna 50an. A' snìomh ri chèile cuspairean leithid miann faighinn air adhart, sinnsireachd agus sgaradh, tha dàimh ris nach robh dùil a' togail ceann am measg ceòl àlainn Swan Lake.

Sgioba-Cluiche: Elspeth Turner and Màiri Morrison

Panalof

Le Iain MacRàth

Tha iomadach sgoilear air a bhith deasbad cò às a thàinig Fir-tàileisg Leòdhais. Tha an comadaidh seo stèidhichte san Taigh-tasgaidh Nàiseanta, a' meòrachadh chan ann a-mhàin air cò às a thàinig iad ach air càit' a bheil iad a' dol. Aon uair 's gun tèid na solais às 's gun fhios do dhuine, tha iad a' teicheadh 's gun fhios ach aig an dà phàn càit' a bheil dùil riutha. Chan eil ach aon rud ceàrr - chan eil sgeul air a' chòrr de na fir-tàileisg agus gun duine a bheir cead dhaibh gluasad, ciamar a nì iad an rathad dhachaigh?

Sgioba-Cluiche: Iain MacRae and Daibhidh Walker.

Rùintean Màiri Iain Mhòir

Le Màrtainn Mac an t-Saoir

Ged a chuir Covid-19 an saoghal aig a h-uile duin' againn bun-os-cionn dhar fàgail an-fhoiseil 's mì shuaimhneach, tha sinn air feuchainn ri sinn fhìn a chumail air dòigh le bhith coimhead air adhart ri nuair a bhios e seachad. Ach de a' bhuaidh a bh' aig a' ghlasadh a thàinig oirnn air na mairbh? 'S e dealbh-chluich mu dhòchas, mu chall 's mu ghaol a tha seo, stèidhicht' sna h-Eileanan an Iar le ceòl a tha a' toirt Uibhist - agus na mairbh! - beò dhuinn.

Sgioba-Cluiche: Mairi Morrison and Calum MacDonald

Èirigh

Le Martin O’Connor

Tha Èirigh a' meòrachadh air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig atharrachadh na gnàth-shìde air an àrainnneachd air eilean beag an Alba agus air beatha aon duine agus e a' feuchainn ri diofar a dhèanamh agus ri theaghlach a shàbhaladh 's a' muir ag èirigh. Tha mòran de na cuspairean as trice air am bi Màrtainn O' Connor a' togail na obair a' nochdadh san dealbh-chluich seo - fireanntas, creideamh, còmhradh aona ghuth agus comadaidh.

Sgioba-Cluiche: Daibhidh Walker

Cleasaichean & Sgioba Cruthachail

Stiùiriche – Muireann Kelly
Sound Designer and Editor – Matt Padden
Music – Pàdruig Moireasdan
Harp – Malachy Arnold
Dramaturgy – Lynda Radley, Iain Finlay MacLeod, Oliver Emanuel and Catrìona Lexy Campbell
Studio Producer – Catriona Mhoireach
Sound Engineer – Sara Mattinson
Riochdaire – Annella NicLeòid
Assistant Commissioner – Calum McConnell
Co-ordinator – Rhona NicDhùghaill

Le taic bho

Alba Chruthachail 
Bòrd na Gàidhlig

en_GBEnglish (UK)