THIG AN SÀS AIR AR BÒRD

A bheil ùidh agad ann an tèatar na Gàidhlig? Am bu mhath leat taic a chumail ri companaidh proifeiseanta a tha ag obair air feadh na h-Alba?

Tha Theatre Gu Leòr a’ sireadh triùir ùra don bhòrd againn agus tha sinn gu mòr airson cluinntinn bho dhaoine a tha airson tighinn an sàs don sgioba againn.

A bharrachd air buill oifigeil, tha sinn airson luchd-amhairc a’ bhòrd no board observers fhastadh. Ma tha ùidh agad a bhith air a’ bhòrd, ach chan eil thu buileach deiseil gabhail ri ballrachd oifgeil, gheibh luchd-amhairc a’ bhòrd meantarachd a thaobh sgilean bhòrd agus aig na bidh dleastanasan laghail a thaobh obair a’ bhòrd thar bliadhna, le cothrom an uairsin tagradh a chur a-steach airson ball a’ bhòrd oifigeil ma thogras iad.

Tha sinn fosgailte do thagraidhean bho dhuine sam bith aig a bheil ùidh làidir sa chompanaidh, ach tha sinn gu sònraichte airson cluinntinn bho:

- luchd-ealain le ceangal do no ùidh ann an Gàidhlig (chan fheum e a bhith ann an tèatar)

- Daoine a' fuireach anns na h-Eileanan

- Daoine eadar 16* is 30 bliadhna a dh'aois

- Daoine le sgilean ann an ionmhas, togail airgead, HR no lagh

Coinnichidh am bòrd againn ceithir tursan sa bhliadhna, mar as trice air loidhne. Faodar leughadh mu na buill a th’ againn an-dràsta an seo. an seo.

Thèid pasgan inntrigidh a thoirt do bhuill ùra, agus cùrsa trèanaidh air sgilean bhòrd a thabhainn cuideachd. Gheibh luchd-amhairc a’ bhòrd meantarachd is taic sònraichte, a bharrachd air sin.

Ma tha ùidh agad ann, air no ma tha thu airson bruidhinn rinn mun chothrom seo, nach cuir thu fios thugainn. Bhiomaid gu math toilichte còmhradh neo-fhoirmeil a chumail is ceistean sam bith a fhreagairt, air no do chur ann an conaltradh ri daoine a a tha air a’ bhòrd an-dràsta.

Gus cur a-steach, innse dhuinn mu na sgilean agus an eòlas a th’ agad, agus carson a tha thu airson a bhith air a’ bhòrd - faodaidh seo a bhith sgrìobhte, no air bhideo. Cuir sin ann am post-d gu:

Seona NicGillFhionndaig, Stiùiriche Cruthachail: seona@theatreguleor.com & Rhona NicDhùghaill, Manaidsear na Companaidh: rhona@theatreguleor.com. seona@theatreguleor.com & Rhona Dougall, General Manager: rhona@theatreguleor.com.

Ceann-latha airson iarrtasan: Diluain 19mh den Fhaoilleach 2026.

*Tha fàilte ro daoine òga aois 16/17 a bhith nam pàirt den bhòrd againn, ged nach bi na h-aon dleastanasan orra buileach ’s a bhios air buill aois 18+. Thèid bruidhinn air seo tron phròiseas trusaidh.

en_GBEnglish (UK)