Mu dhèidhinn a’ phrògraim
Tha e cudromach do neach-ealain sam bith a bhith a’ faicinn fairsaingeachd de dh’obair eile a bheir dhaibh seallaidhean ùra mun obair aca fhèin, neo a dh’fhosglas dòigh smaoineachaidh ùr dhaibh. Tha maoin a-nis againn airson luchd-ealain tèatair le Gàidhlig a’ dol a dh’fhaicinn diofar thaisbeanaidhean neo tachartasan a chuideachas iad an cuid eòlais a leasachadh.
Dè an taic a tha ri fhaighinn?
’S urrainn dhuinn pàigheadh airson na cosgaisean a leanas:
- Tiogaidean
- Siubhal (thairis air £5.00)*, a gabhail a-staigh na cosgaisean a bharrachd airson siubhal agus àite-fuirich a dh’fhaodadh a bhith aig luchd-ealain stèidhichte air a’ Ghaidhealtachd agus sna h-eileanan
- Cosgaiseanso-ruigsinneachd, a’ gabhail a-staigh dleastanasan cùraim
Faodar taic iarraidh airson taisbeanaidhean neo tachartasan co-cheangailte ri tèatar, a tha a’tachairt ann an Alba, agus faodar taic iarraidh aig an aon àm airson suas gu trì thachartasan.
*Ri linn Poileasaidh an t-Siubhail Sheasmhaich againn, tha sinn a’ cur prìomhachas air còmhdhail phoblach agus cha phàigh sinn mileage airson càr a chleachdadh ach ann an suidheachaidhean far nach gabh còmhdhail phoblach a chleachdadh. Tha sinn a’ seachnadh siubhal itealach uile gu leìr.
Thèid maoineachadh a thabhann fo ùghdarras Theatre Gu Leòr. Bidh crìoch air a’ bhuidseat seo gach bliadhna, agus dh’fhaodadh nach b’ urrainn dhuinn gabhail ris a h-uile tagradh.
Cò gheibh an taic?
Feumaidh iarrtasan tighinn bho luchd-ealain a tha:
- Stèidhichte ann an Alba
- A’ cleachdadh na Gàidhlig mar phàirt dhan obair aca
- Ag obair, neo ag amas air obair, san roinn tèatair‘S urrainn dhuinn pàigheadh airson na cosgaisean a leanas:
Ciamar a chuireas mi a-steach tagradh?
Tha na cinn-latha againn airson 2025/26 air 15mh den Dùbhlachd 2025 agus 16mh den Mhàrt 2026.
Lìon am foirm a tha seo airson innse dhuinn mun taisbeanadh neo tachartas a tha thu airson frithealadh agus dè an taic a tha a dhìth ort. Gheibh thu freagairt bhuainn taobh a-staigh dà sheachdain.
Ma bhios an dealbh-chluich a' tachairt taobh a-steach dà sheachdain, lìon am foirm agus cuir post-d gu info@theatreguleor.com gus innse dhuinn, agus nì sinn ar dìcheall taic a chur thuga.




